Comataidh Eòrpach ann an còmraidhean sa Bhruiseal air dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit

17.07.2016

Tadhlaidh buill de Chomataidh Dàimhean Taobh a-muigh aig Pàrlamaid na h-Alba air a’ Bhruseal Dimàirt seo tighinn mar phàirt den sgrùdadh aca air a’ bhuil a bheir Brexit air Alba.

Bidh buill na comataidh a’ coinneachadh ri tosgairean bhon Aonadh Eòrpach agus bho bhall-stàitean a’ Chaidreibh Eòrpaich airson Saor-mhalairt (EFTA) a bharrachd air grunn bhuidhnean cudromach eile sa Bhruiseal.

Thuirt Seònag NicAilpein BPA, Neach-gairm na Comataidh Eòrpaiche is Dàimhean Taobh a-muigh:

“Bhòt 62 sa cheud de luchd-bhòtaidh ann an Alba a dh’fhantainn anns an Aonadh Eòrpach. Air an adhbhar sin a-mhàin, tha e cudromach a thuigsinn dè na roghainnean a th’ ann gus an t-àite aig Alba anns an Roinn-Eòrpa a dhìon.

“Anns na coinneamhan againn anns a’ Bhruiseal, bidh sinn a’ sireadh a bhith a’ fosgladh modhan conaltraidh leothasan anns an Roinn-Eòrpa a bheir na co-dhùnaidhean cudromach, air chor ’s gum faod còmhradh a bhith againn air mar a riochdaichear leas na h-Alba anns na còmhraidhean a thèid air adhart.

“Anns an t-seisean againn nas anmoiche sa mhìos seo, bidh cothrom againn a chluinntinn bho na prìomh raointean—nam measg foghlam aig an àrd ìre, ionmhas agus gnìomhachas. Bidh sinn a’ togail ceistean is iomagainean nan raointean sin anns na coinneamhan againn le Riaghaltasan na h-Alba is na Rìoghachd Aonaichte.”

Tha a’ Chomataidh a’ dèanamh an tadhail mar phàirt de phrògram de dh’obair a tha a’ Chomataidh a’ toirt air adhart fhad ’s a tha Taigh an Ròid air fosadh.

Air 28 Iuchar, bidh seisean-fianais aig a’ Chomataidh anns an cluinnear bho riochdairean nam prìomh raointean air a bheilear a’ saoilsinn gum bi Brexit a’ toirt buaidh.

Thathar an dùil gum bi, am measg an luchd-fianais, riochdairean bho Chomann an Uisge-beatha Albannaich agus bho Virgin Money.

Cùl-fhiosrachadh

O chionn goirid, dh’fhoillsich a’ Chomataidh prògram de dh’obair air mar a chuireadh fon phrosbaig èifeachdan an reifrinn ann an Alba.

Thathar an dùil cuideachd seiseanan-fianais a chumail le Prìomh Mhinistear na h-Alba agus le Ministearan bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Foillsichear tuilleadh fiosrachaidh air na coinneamhan seo aon uair ’s gu bheil iad deimhinne.

Tha a’ Chomataidh cuideachd air pròiseact-rannsachaidh iarraidh air dè a’ bhuil a thig bho Bhrexit, agus bidh a’ Chomataidh an sàs ann an co-chomhairleachadh farsaing poblach air chor ’s gun cluinnear bho phoball na h-Alba dè bhios e a’ ciallachadh dhaibh gum bi an dùthaich a’ fàgail an Aonaidh Eòrpaich.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.