Comataidh Eòrpach ann an còmhraidhean sa Bhruiseal

19.07.2016

Tha buill den Chomataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh ann am Pàrlamaid na h-Alba air latha de choinneamhan a chumail anns a’ Bhruiseal, agus iad a’ leantainn orra a’ sgrùdadh dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit.

Choinnich a’ Chomataidh ri grunn thosgairean bhon Aonadh Eòrpach agus bho bhall-stàitean a’ Chaidreibh Eòrpaich airson Saor-mhalairt (EFTA), a bharrachd air grunn bhuidhnean cudromach eile sa Bhruiseal leithid riochdairean ghnothachasan Breatannach.

A’ bruidhinn bhon Bhruiseal, thuirt Seònag NicAilpein BPA, Neach-gairm na Comataidh:

“Anns na coinneamhan againn an-diugh, chaidh againn air modhan conaltraidh fhosgladh air chor ’s gun cluinnear leas na h-Alba anns na còmhraidhean air an dàimh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Roinn na h-Eòrpa anns an àm ri teachd. Dh’fhairich sinn tòrr deagh-ghean agus tuigse a thaobh suidheachadh na h-Alba, far an do bhòt 62 sa cheud a dh’fhantainn anns an Aonadh Eòrpach.

“Cha do dh’fhàg dùthaich sam bith an EU ron seo, agus chan eil am pròiseas airson fàgail sìmplidh idir. Tha na còmhraidhean a bha againn an-diugh nan toiseach tòiseachaidh airson na Comataidh agus sinn a’ coimhead air dè bhios Brexit a’ ciallachadh do dh’Alba.

“Bha na còmhraidhean againn le oifigich bhon Àrainn Eaconamach Eòrpach agus le EFTA feumail ann a bhith a’ togail dealbh a thaobh dè na roghainnean eile a th’ ann an àite ballrachd an Aonaidh Eòrpaich. Chuala sinn cuideachd faireachdainn is beachd bho bhuidhnean gnìomhachais air dè bhios Brexit a’ ciallachadh dhaibhsan, rud a bha a’ toirt mòran fiosrachaidh dhuinn.

Nas anmoiche sa mhìos seo, anns an t-seisean-fianais foirmeil againn bidh sinn a’ cluinntinn bho na prìomh raointean anns an Alba. Bidh sinn a’ cur air bhog co-chomhairleachadh poblach air chor ’s gun cluinnear bho mhuinntir na h-Alba dè bhios e a’ ciallachadh dhaibh a bhith a’ fàgail an Aonaidh Eòrpaich.”

Bha coinneamhan leis na daoine a leanas air prògram na Comataidh:

  • Oda H. Sletnes, Tosgaire Nirribhidh don Aonadh Eòrpach;
  • Bergdís Ellertsdóttir, Tosgaire Innis Tìle don Aonadh Eòrpach;
  • Declan Kelleher, Tosgaire Phoblachd na h-Èireann don Aonadh Eòrpach;
  • Seòmraichean Malairt Bhreatainn anns a’ Bheilg; agus
  • oifigich bho Riaghaltas na h-Alba anns a’ Bhruiseal.

Fios conaltraidh

Fios Conaltraidh 

Myer Cohen: 0131 348 6260
Fàilte ro Text Relay
Myer.Cohen@parliament.scot

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.