Comataidh Eòrpach ag ainmeachadh luchd-fianais air Brexit

24.07.2016

Thig eaconamairean agus ceannardan gnìomhachais bho sheirbheisean ionmhais, bho bhiadh is deoch agus bho fhoghlam aig an àrd ìre gu Taigh an Ròid an t-seachdain seo, far am bi iad a’ mìneachadh dè a’ bhuil a bhios air Alba an dèidh a’ bhòt airson Brexit.

Tha Oilthighean na h-Alba, Virgin Money, Comann Uisge-beatha Albannach, an STUC agus Institiud Friseal Alandar am measg an fheadhainn a bheir fianais gu Comataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh.

Tha a’ chomataidh,a tha air ùr thilleadh bhon Bhruiseal, a’ gabhail ceum a-mach às an àbhaist le bhith a’ coinneachadh rè an fhosaidh phàrlamaidich air sàilleibh buil an reifrinn, anns an do bhòt 62 sa cheud ann an Alba a dh’fhantainn.

Tha an seisean-fianais foirmeil air Diardaoin 28 Iuchar a’ leantainn air coinneamhan rannsachaidh a rinneadh leis a’ chomataidh anns a’ Bhruiseal air Dimàirt (19 Iuchar).

Bidh riochdairean bho Phort-adhair Dhùn Èideann, Caidreachas nan Gnothachasan Beaga agus gnìomhachais tuathanachais agus iasgachd cuideachd a’ toirt fianais.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh
Seònag NicAilpein BPA:

“Tha sinn airson fios a bhith againn air dè bhios fàgail an EU a’ ciallachadh do
sluagh na h-Alba, gu h-àraid dhaibhsan ann an gnothachas. Cluinnidh sinn bho riochdairean anns na prìomh raointean de dh’eaconamaidh na h-Alba mu dheidhinn dè a’ bhuil a tha air a bhith aig Brexit orrasan a-cheana agus dè am beachdan-san air a’ bhuil a bhios air Alba anns an àm ri teachd.

Lean i oirre: “Tha fios againn a-cheana, bho bhruidhinn ri Seòmraichean Malairt Bhreatainn anns a’ Bhruiseal, gu bheil còir cothrom don mhargaid shingilte anabarrach cudromach don chuid as motha de chompanaidhean.

“Dh’fhairich sinn tòrr deagh-ghean agus tuigse a thaobh suidheachadh na h-Alba nuair a bha sinn a’ tadhal air a’ Bhruiseal. Cha do dh’fhàg dùthaich sam bith an EU ro
imhe seo, agus chan eil am pròiseas airson fàgail sìmplidh idir. Mar sin, tha e cudromach gum bi a’ chomataidh againn a’ toirt fòram do sluagh na h-Alba a bhith an-sàs anns a’ phròiseas dhoirbh seo.”

Tha an luchd-fianais a tha gu bhith a’ nochdadh air beulaibh na comataidh air Diardaoin mar a leanas:

Pannal 1 (eaconamaidh)
Graeme Roy, Stiùiriche (Ainmichte), Institiud Friseal Alandar; 
Colin Borland, Prìomh Cheann air Cùisean Taobh a-muigh, Caidreachas nan Gnothachasan Beaga Alba; 
Kenny Richmond, Prìomh Stiùiriche, Eaconamachd, Iomairt na h-Alba; 
Stephen Boyd, Rùnaire-cuideachaidh, STUC.

Pannal 2 (gnothachas agus ùidhean bho dhiofar raointean)
Clare Slipper, Oifigear Pàrlamaideach, Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach Alba; 
Bertie Armstrong, Ceannard, Buidheann Iasgairean na h-Alba; 
David Frost, Ceannard, Comann Uisge-beatha Albannach; 
Alastair Sim, Stiùiriche, Oilthighean na h-Alba; 
Gordon Dewar, Ceannard, Port-adhair Dhùn Èideann earranta;
Hugh Chater, Stiùiriche Bancaireachd, Virgin Money;
Riochdaire bho Bhiadh is Deoch Alba (gu bhith deimhinnte).

Cùl-fhiosrachadh

Bidh a’ choinneamh a’ tachairt aig 9.30 m aig Pàrlamaid na h-Alba.

Foillsichear pàipearan airson na coinneimh air làrach-lìn na comataidh air Diluain 25 Iuchar.

Ruigsinneachd airson nam meadhanan

Ruigsinneachd airson nam meadhanan: bidh 10 suidheachain air an cur a thaobh airson luchd-naidheachd poileataigeach. Riaraichear na suidheachain sin a rèir mar a nochdas tagraichean, ach feumaidh ùghdarras bhon Phàrlamaid a bhith aig tagraichean. Bithear a’ craloadh na coinneimh mar is àbhaist gach cuid air an lìonra-telebhisein taobh a-staigh Thùr nam Meadhanan agus air an làrach-lìn air TBh na Pàrlamaid.

• Ruigsinneachd airson dealbhadairean: Bidh Anndra Cowan, dealbhadair oifigeil na Pàrlamaid, a’ toirt pioctairean a bhios rim faighinn do dheasgaichean nam pioctairean. Ma tha iarrtas ann airson barrachd dealbhan, bu chòir post-dealan a bhith air a chur gu andrew.cowan@parliament.scot

Air telebhisean: Bidh Oifis Craolaidh na Pàrlamaid a’ craoladh na coinneimh mar is àbhaist.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.