Annie Lennox gu bhith a' toirt seachad òraid do luchd-pàrlamaideach eadar-nàiseanta

27.11.2011

Bheir an Teachdaire Sònraichte do Mheur na h-Alba de Chomann Pàrlamaideach a' Cho-fhlaitheis (CPC) agus Tosgaire AIDS nan Dùthchannan Aonaichte Annie Lennox OBE an òraid mu dheireadh seachad do chruinneachadh de luchd-pàrlamaid eadar-nàiseanta an ath sheachdain.

Agus i a’ labhairt air Latha AIDS an t-Saoghail, Diardaoin 1 Dùbhlachd, bheir Annag dealbh den obair aice le Pàrlamaid na h-Alba agus air feadh na cruinne mar thaic ris an strì an aghaidh a’ ghalair.

 

Bidh Annag a’ labhairt aig co-labhairt a chaidh a chur air dòigh gus sgrùdadh a dhèanamh air ciamar a nì luchd-poilitigs cinnteach gu bheil dùthchannan a’ cumail ris na geallaidhean aca mu Amasan Leasachadh nam Mìle Bliadhna nan Dùthchannan Aonaichte airson 2015. Tha i ga cumail le CPC na Rìoghachd Aonaichte ann an Lunnainn bho 28 Samhain gu 1 Dùbhlachd agus bheir i còmhla luchd-poilitigs às gach ceàrnaidh den t-saoghal, nam measg an dùthaich as ùire san t-saoghal, Sudan a Deas.

 

Agus i a’ bruidhinn ron cho-labhairt ann an Taighean Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, thuirt Annag:

 

“Tha mi cho toilichte a bhith a’ bruidhinn ri luchd-poilitigs aig a’ cho-labhairt seo. Mar Theachdaire Sònraichte do Mheur na h-Alba de ChPC air HIV/AIDS, tha mi air a bhith a’ feuchainn ri cur ris a’ chleachdadh a tha air a bhith ann an Alba o chionn fhada seasamh ri còraichean daonna is ceartas, le tarraing gu h-àraid air boireannaich is clann anns an t-saoghal a’ leasachadh. Tha a’ cho-labhairt seo air an cothrom a thoirt a’ chùis seo a chur air adhart do raon nas fharsainge de luchd-dealbhachaidh.

 

Am measg nan daoine eile a bhios a’ labhairt, tha:

  • Mghr Teàrlach Abugre, Stiùiriche Roinneil airson Afraca, Iomairt Mìle Bliadhna nan Dùthchannan Aonaichte
  • Mghr Ignacio Saez, Stiùiriche, Ionad Chòraichean Eaconomach agus Sòisealta
  • Am Fìor Urr. Morair Howell Ghuildford, Ministear-stàite airson a’ Cho-fhlaitheis
  • Am Fìor Urr. Ailean MacDhonnchaidh BP, Ministear-stàite, Roinn Leasachaidh Eadar-nàiseanta
  • H. E. Karmalesh Sharma, Àrd-rùnaire a’ Cho-fhlaitheis
  • An Dr Flavia Bustreo, Leas-rùnaire ri Slàinte Teaghlaich, Bhoireannaich agus Cloinne aig Eagrachadh Slàinte an t-Saoghail

 

Thèid CPC na h-Alba a riochdachadh aig a’ cho-labhairt leis na Buill Sorcha Bhòidheach agus Mairead NicIlleMhìcheil.

 

Thuirt ball de Chomataidh-gnìomha Meur na h-Alba de ChPC Mairead NicIlleMhìcheile BPA:

 

“Tha Amasan nam Mìle Bliadhna nan geallaidhean cudromach a dh’fheumas sinne luchd-poilitigs lìbhrigeadh mar dhleastanas. Cuidichidh a’ cho-labhairt seo rinn a dh’fhaicinn mar a bheir feadhainn eile aghaidh air na ceistean agus fiosrachadh a sgaoileadh mun obair a thathar a' gabhail os làimh an seo ann an Alba.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Is e na tha ann an Amasan-leasachaidh nam Mìle Bliadhna ochd amasan mu leasachadh eadar-nàiseanta a dh’aontaich a h-uile stàit a tha na ball de na Dùthchannan Aonaichte agus co-dhiù 23 eagrachaidhean eadar-nàiseanta toirt gu buil ro dheireadh 2015. Nam measg tha crìoch a chur air bochdainn anabarrach, an ìre den chloinn ag eug a lùghdachadh, cath a chur air galaran leithid AIDS agus com-pàirteachas cruinneadail airson leasachaidh a stèidheachadh.

 

Is e tha sa ChPC cruinneachadh de Luchd-pàrlamaid às a’ Cho-fhlaitheas a tha air an aonachadh le ùidh chumanta, spèis do riaghailt an lagha is do chòraichean mhic an duine, agus de bhith a’ leantainn nam beachdan deimhinn mu dheamocrasaidh pàrlamaideach. Is e obair a’ Chomainn adhartas le deamocrasaidh pàrlamaideach a chur air adhart le bhith a’ meudachadh eòlais agus tuigse air riaghladh deamocratach.

 

Tha Meur na Rìoghachd Aonaichte de Chomann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis air a dhèanamh suas de Bhuill bho na partaidhean uile agus bhon dà Thaigh aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte. Tro chòmhradh, bidh CPC na Rìoghachd Aonaichte a’ ceangal ri pàrlamaidean thall thairis às leth Taighean na Pàrlamaid agus a' Chomainn anns an fharsaingeachd.

 

Tha Meuran den Chomann ag obair ann an 175 Pàrlamaidean nàiseanta, stàite, roinneil agus tìreil, le ballrachd iomlan de mu 17,000 de luchd-pàrlamaid.

 

Is e an Ceann-suidhe air Meur na h-Alba den Chomann an t-Oifigear-riaghlaidh Tricia Marwick BPA. Is iad na Leas-chinn-suidhe am Fìor Urramach Ailig Salmon BPA agus Iain Gray BPA.

 

Chaidh Comataidh-gnìomha Meur na h-Alba den Chomann a thaghadh aig a’ Choinneimh Bhliadhnail Diciadain 22 Ògmhios.  Is iad Buill Comataidh-gnìomha a' Chomainn:

  • Patricia NicFhearghais BPA
  • Mairead NicIlleMhìcheil BPA
  • Tamhais Scott BPA
  • Sandra NicIlleBhàin BPA

Co-cheangailte

Fios conaltraidh

Meadhanan

Fiosrachadh a' Phobaill 

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Fòn teacs 0800 092 7100. Fàite ro Text Relay cuideachd.
  • Teacs: 07786 209888   
  • sp.info@scottish.parliament.uk                                                                                                                     
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.