Comataidh an Ionmhais ag iarraidh soilleireachadh mun bhuidseat

09.12.2011

Tha an aithisg le Comataidh an Ionmhais air an Ath-bhreithneachadh air Caiteachas na h-Alba 2011 agus air Dreachd Buidseit 2012-13 air fàilte a chur air a’ chuideam a chuir Riaghaltas na h-Alba air cosg casgach agus am maoineachadh de £500 millean airson trì maoinean ùra.

Tha iad seo air an comharrachadh mar chumail a' dol leis a' Mhaoin Atharrachaidh; Maoin Atharrachadh air Gnìomhan sna Tràth Bhliadhnaichean agus Maoin Atharrachadh air Lùghdachadh Eucoirean às ùr.  Thug a' Chomataidh an aire, ge-tà, gun tug cuid de luchd-fianaise rabhadh gu bheil e tuilleadh is tràth airson a ràdh gur ionann seo agus "gluasad bunaiteach" gu cosg casgach mar a chuir an Riaghaltas an cèill. 

 

Tha a' Chomataidh uime sin ag iarraidh soilleireachaidh a thaobh co dhiubh a thig am maoineachadh de £500 millean à airgead ùr no às a’ chaiteachas a tha ann mar-thà. Tha i cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach cò a nì rianachd air na trì Maoinean agus dè na toraidhean a shocraich an Riaghaltas.   

 

Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh cuideachd gu bheil eagrachaidhean san roinn phoblaich ag iarraidh barrachd stiùiridh is seòlaidh bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh mar a nithear cinnteach gun tig "gluasad bunaiteach" gu cosg casgach gu buil tro bharrachd obrach amalaichte agus nas lugha de dhòigh-smaoineachaidh dhùinte.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA:

 

“Tha sinn a' cur fàilte air buidseat Riaghaltas na h-Alba agus air a' chuideam a chuireas e air cosg casgach. Tha sinn ag iarraidh soilleireachaidh air caochladh cheist, ge-tà, mar thoradh air fianais a fhuair sinn.

 

“Nam measg seo tha fiosrachadh nas mionaidiche air maoineachadh airson nan trì Maoinean ùra aig an Riaghaltas agus na dùbhlain gus a dhèanamh cinnteach gum bi an clàr-obrach mu chosg casgach air a neadachadh thar lìbhrigeadh nan seirbheisean poblach agus tha e san amharc aig a’ chomataidh dearcnachadh a dhèanamh air adhartas a h-uile gin de na Maoinean.”

 

Rinn a’ Chomataidh barrachd mholaidhean, nam measg:

 

  • Ùrachadh a h-uile sia mìosan bho fho-chomataidhean a' Chaibineit air adhartas a thaobh molaidhean Choimisean MhicRisnidh a chur an gnìomh, gu sònraichte an claonadh a dh'ionnsaigh barrachd obrachaidh eadar buidhnean-gnìomha gus dòigh-smaoineachaidh dhùinte a lùghdachadh.

 

  • Bu chòir gum biodh Riaghaltas na h-Alba an ceannas air an deasbad phoblach mun fheum air tasgadh is dì-thasgadh gus a dhèanamh cinnteach gum bi cosg casgach aig cridhe lìbhrigeadh nan seirbheisean poblach anns an ùine fhada.

 

  • Bu chòir gun toireadh Riaghaltas na h-Alba soilleireachadh mu na dòighean a tha e a’ cur an alt a chruthaicheas deagh chleachdas thar nam buidhnean uile agus bunait làidir de dh'fhiosrachadh.
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.