Bu chòir Seòmar na Pàrlamaid coinneachadh trì tursan san t-seachdain a rèir Comataidh

21.12.2011

Chaidh ceuman gus tràthalachd is mar a bheir Pàrlamaid na h-Alba freagairt air tachartasan a chur air adhart an-diugh le comataidh aig Taigh an Ròid.

Agus i den bheachd gun robh an t-àm ann sgrùdadh a dhèanamh air dòighean-obrach na Pàrlamaid, tha Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach air leasachaidhean a mholadh a chuireas ri comas Thaigh an Ròid gnìomh a ghabhail nas luaithe ri gnothaichean a’ tachairt agus feabhas a thoirt air an sgrùdadh air Riaghaltas na h-Alba.

Am measg nam molaidhean, tha:

  • gun tèid a’ Phàrlamaid na suidhe trì latha san t-seachdain le comataidhean sa mhadainn agus gnothaichean an t-seòmair san fheasgar, Dimàirt gu Diardaoin
  • gun tòisich àm-ceasnachaidh gnothaichean an t-seòmair gach latha; barrachd cheist gan cur gun ach beagan fios ro làimh; agus barrachd ceasnachaidh gun ullachadh do Mhinistearan
  • cur ris a’ bhuaidh a bheir na buill sna suidheachain-chùil tro chaochladh atharrachaidhean air deasbadan gnothaichean nam ball
  • freagairt nas fheàrr a thoirt air na h-ìrean as àirde de dh’eallach na h-obrach le bhith a’ brosnachadh gun tèid an seòmar na shuidhe gu h-anmoch agus a’ leigeil le comataidhean coinneachadh aig an aon àm ris an t-Seòmar nuair a dh’fheumar.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh MacThòmais BPA: “Tha a’ Phàrlamaid againn dusan bliadhna dh’aois a-nis. Tha feum follaiseach ann gun toir sinn freagairt nas fheàrr air ceistean an latha agus gun dèan sinn sgrùdadh nas èifeachdaiche air an Riaghaltas a rèir mar a thig ceistean am bàrr.

“An-dràsta, ma thachras rudeigin cudromach ann an Alba oidhche Dhiardaoin, is e a’ chiad chothrom a bhios aig a’ Phàrlamaid air fad gnothach a ghabhail ris feasgar Diciadain. Tha sinn den bheachd gun fheum seo atharrachadh.

“Feumar atharrachadh a thoirt cuideachd air sùbailteachd Thaigh an Ròid, gu sònraichte an comas a tha againn freagairt a thoirt air na h-ìrean as àirde de dh’eallach na h-obrach gus an Riaghaltas a cheasnachadh ann an seagh nas èifeachdaiche.”

Am measg nan nithean ann an aithisg na Comataidh, tha:

  • moladh mu ‘cheistean tràthail’ ri Ministearan a bu chòir gnothaichean a thòiseachadh Dimàirt is Diciadain a leigeil le buill ceistean a chur mu chùisean-èiginn
  • Tha Àm-ceadachaidh a’ Phrìomh Mhinisteir a’ ceadachadh cheistean tràthail gun ullachadh mar-thà, bu chòir dha fhathast a bhith leth na h-uarach de dh’fhaid agus mar a’ chiad mhìr air gnothaichean an t-seòmair Diardaoin
  • cur ris a’ bhuaidh a bheir na buill sna suidheachaidn-chùil: bu chòir gun rachadh an ìre de dheasbadan a bheir iad air adhart suas bhon a dhà gu trì san t-seachdain; dh’fhaodte deasbadan a chumail na bu thràithe san latha; bu chòir gun leigeadh na riaghailtean leotha mairsinn nas fhaide; agus bu chòir gum biodh còir air freagairt aig an fheadhainn sna suidheachain-chùil le bhith a’ toirt seachad na h-òraid mu dheireadh
  • bu chòir seisean an t-seòmair Diciadain a chleachdadh airson ghnothaichean ris an gabhte na b’ fheàrr ann an aon seisean, agus bu chòir gum biodh àm-crìochnaichaidh aige a fhreagras air na gnothaichean sin
  • bu chòir don Phàrlamaid a bhith na suidhe fad an latha Dimàirt, Diciadain is Diardaoin, le comataidhean a’ coinneachadh sa mhadainn agus an seòmar san fheasgar. Bu chòir cumail air adhart le obair nan sgìrean-pàrlamaid Dihaoine gu Diluain.

Mar fhiosrachadh

Tha toraidhean uile na comataidh a dh’aon ghuth ach a-mhàin am moladh gun tèid a’ Phàrlamaid na suidhe trì latha san t-seachdain le comataidhean sa mhadainn agus gnothaichean an t-seòmair san fheasgar, Dimàirt gu Diardaoin. (Cha do chuir an Leas-Neach-gairm Eilidh Eadie BPA no Mairead NicDhùghaill BPA an taic ris a’ mholadh seo).

Ghabh a’ chomataidh an rannsachadh aice os làimh an dèidh mholaidhean bho Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Tricia Marwick.  Tha a’ chomataidh den bheachd gun toir atharrachaidhean air cleachdaidhean a thaobh suidhe mar a mhol an t-Oifigear Riaghlaidh leasachadh air comas-freagairt agus tràthalachd.

Gus na h-atharrachaidhean seo a chur an gnìomh, feumaidh na h-atharrachaidhean air na riaghailtean iomchaidh a bhith air an tarraing suas is air an aontachadh leis a’ Phàrlamaid gu lèir. Tha a’ chomataidh a’ moladh gum bu chòir gun tachradh seo tràth ann an 2012 leis na h-atharrachaidhean gan cur an gnìomh an dèidh Fosadh na Càisge.

Fiosrachadh ceangailte

  • Leugh an aithisg (Beurla)
  • Comataidh Inbhean, Dòighean-obreach agus Cur an Dreuchd Poblach (SPPA) (Beurla)

Fios conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobail

Faodar air leanntainn air twitter @scotparl

Faic Blog Pàrlamaid na h-Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.