Faoilleach

Comataidh an Fhoghlaim a' tadhal air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

31.01.2012

Thadhail buill Comataidh an Fhoghlaim is a' Chultair air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an-diugh mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Coimiseanair saorsa fiosrachaidh ùr gu bhith air ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba

31.01.2012

Thèid iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba a-màireach gabhail ri ainmneachadh Rosemary Agnew mar Choimiseanair ùr Saorsa Fiosrachaidh na h-Alba.

Will Hutton a’ nochdadh air beulaibh Comataidh an Ionmhais

22.01.2012

Bheir an t-eaconamaiche is aithrisiche ainmeil Will Hutton fianais do Chomataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba Diciadain 25 Faoilleach aig 10.00m nuair a bhruidhneas e mun aithisg aige, ‘Review of Fair Pay in the public sector’.

Amasan airson cumhachd ath-nuadhachail gu bhith mar chuspair do rannsachadh Comtaidh

20.01.2012

Thèid an ìre de na h-amasan aig Riaghaltas na h-Alba mu lùth ath-ùrachaidh aig Riaghaltas na h-Alba a sgrùdadh le Comataidh Eaconomachd, Lùtha agus Turasachd aig Pàrlamaid na h-Alba, a chuir a-mach gairm airson fianaise an-diugh.

Na mìltean air tadhal air taisbeanadh ‘Dealbhadh is Deamocrasaidh’ aig Pàrlamaid na h-Alba

15.01.2012

Thadhail còrr is 22,000 neach air taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba, ‘Dealbhadh is Deamocrasaidh’, bho dh’fhosgail e san Dùbhlachd.

Litir le Uilleam Uallas a’ tighinn don Phàrlamaid

12.01.2012

San Lùnastal, thèid litir 700 bliadhna dh’aois aig Uilleam Uallas a thaisbeanadh ann an Alba mar mar phàirt de thaisbeanadh air leth aig Pàrlamaid na h-Alba air a chur ri chèile còmhla ri Clàran Nàiseanta na h-Alba.

An t-Oifigear Riaghlaidh a' cur fàilte air Tosgaire na Danmhairge

11.01.2012

Tosgaire na Danmhairg a' tadhal air Pàrlamaid na h-Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.