Gearran

 

Comataidh 'draghail' mu chomas coileanaidh thargaidean airson fàs turasachd

28.02.2012

Tha Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air dragh a nochdadh a thaobh comas coileanaidh nan targaidean turasachd a stèidhich Riaghaltas na h-Alba.

Obair dheatamach a dhìth air laghan tuathanachais, a rèir comataidh

24.02.2012

Feumar coimhead air na dùbhlain a tha ro choimhearsnachd tuathachanais na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Sìde agus na h-Àrainneachd an-diugh.

Modaratair a' stiùireadh Àm Cnuasachaidh

23.02.2012

Chaidh Àm Cnuasachaidh a thoirt seachadh leis an Fhior Urr Dàibhidh Arnott, Modaratair Àrd-Sheanaidh Eaglais na h-Alba.

An t- seachdain mu dheireadh gus beachdan a chur don rannsachadh air Cumhachd ath-nuadhachail

22.02.2012

Is e seo an t-seachdain mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach don rannsachadh aig Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air cho ruigsinneach sa tha na targaidean aig Riaghaltas na h-Alba airson cumhachd ath-nuadhachail.

Latha a' Cho-fhlaitheis ann am Pàrlamaid na h-Alba

22.02.2012

Bruidhnidh Annie Lennox OBE ann am Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt den phrògram thachartasan airson Latha a' Cho-fhlaitheis.

Sealladh ‘Bùth Aon-stad’ ga mholadh gus dèiligeadh ri bochdain connaidh

22.02.2012

Sealladh ‘Bùth Aon-stad’ ga mholadh gus dèiligeadh ri bochdain connaidh

Comataidh a' cluinntinn bho chathraiche Comhairle nan Comhairlichean Eaconamach

22.02.2012

Ghabh Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd fianais o cheannard Comhairle nan Comhairlichean Eaconamach, Crawford Beveridge, agus am Proif Anndra Hughes Hallett, air obair na comhairle bho chionn goirid agus air a beachd air eaconamaidh na h-Alba.

Taisbeanadh ceud bliadhna a' comharrachadh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba

20.02.2012

Fosglaidh taisbeanadh a tha a' rannsachadh eachdraidh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain, chaidh ainmeachadh an-diugh.

Ministear na RA a' toirt seachadh fianais air tachartasan ann an Sòn an Euro

20.02.2012

Ghabh Comataidh na h-Eòrpa is nan Cuisean Taobh a-muigh fianais bhon Fhìor Urramach Dàibhidh David Lidington, Ministear na Stàite airson na Roinn Eòrpa is Nato ann an Rioghachd na RA.

Riaghailtean mu Bhuidhnean Tar-phàrtaidh gu bhith air an sgrùdadh

10.02.2012

Tha na riaghailtean mu na Buidhnean Tar-phàrtaidh (Cross Party Groups) aig Taigh an Ròid gu bhith air an sgrùdadh le comataidh aig a’ Phàrlamaid, chaidh a chur an cèill an-diugh.

Fios mu chosgaisean nam ball air fhoillseachadh

09.02.2012

Tha am fiosrachadh as ùire mu chosgaisean nam BPA ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid a-nis

Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich air aithisg le sealladh farsaing air siostam a’ cheartais eucoraich fhoillseachadh

08.02.2012

Cha ghabh soirbheachadh no luach nan seirbheisean gus eucoir uair-is-uair a lùghdachadh ann an Alba socrachadh a rèir an fhiosrachaidh a chruinnich an Riaghaltas, tha aithisg bhon Phàrlamaid ag ràdh.

Comataidh Riaghaltais air taic a chur anns an fharsaingeachd ri tuarastal-mairsinn

03.02.2012

Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail is Ùrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba air aithisg fhoillseachadh an-diugh a tha air taic a chur anns an fharsaingeachd ris an iomairt airson tuarastal-mairsinn.

Rannsachadh gu bhith ann air Earrann 7 de Chòd Giùlain nam BPA

02.02.2012

Chuir Comataidh Inbhean, Dòigh-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach Pàrlamaid na h-Alba rannsachadh air dòigh an-diugh gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air Earrann 7 de Chòd Giùlain nam Ball.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.