Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich air aithisg le sealladh farsaing air siostam a’ cheartais eucoraich fhoillseachadh

08.02.2012

Cha ghabh soirbheachadh no luach nan seirbheisean gus eucoir uair-is-uair a lùghdachadh ann an Alba socrachadh a rèir an fhiosrachaidh a chruinnich an Riaghaltas, tha aithisg bhon Phàrlamaid a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh.

Ged a tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air an ìre de lùghdachadh air eucoir uair-is-uair le 42.4 a-mach às a' cheud, chan eil i “fiosrach” gu bheil seirbheisean do dh’eucoraich gan amas gu ceart seach gun deach dealbh de na seirbheisean a bheir Seirbheisean Prìosanan na h-Alba no Ùghdarrasan Ceartais nan Coimhearsnachdan seachad a ghabhail os làimh dìreach o chionn ghoirid.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Sgrùdaidh Phoblaich Iain Gray BPA: “Tha a’ chomataidh againn air caochladh mholaidhean a dhèanamh mu adhartas Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ lùghdachadh eucoirean uair-is-uair agus a’ cur fàilte air an lùghdachadh air an ìre de dh’eucoir uair-is-uair gu 42.4 a-mach às a’ cheud. Tha sinn den bheachd gum faodar barrachd leasachaidh a dhèanamh a chuireas ris an adhartas a rinneadh gu ruige seo.

“Tha ceist air a’ chomataidh, ge-tà, mu cho beag de dh'fhios is a tha ann mu fharsingeachd, chomas is èifeachdalachd nan seirbheisean sin do dh'eucoraich aig a bheil mar amas eucoir uair-is-uair a lùghdachadh a thathar a’ toirt seachad anns a’ phrìosan is anns a’ choimhearanachd.

"Tha seo a bharrachd air an iomagain a tha oirnn mun dearcnachadh shuarach a thaobh dèanadais air Ùghdarrasan a’ Cheartais Eucoraich a thathar a’ gabhail os làimh aig ìre nàiseanta mu na toraidhean a bu chòir dhaibh a bhith a' lìbhrigeadh bhon airgead phoblach a gheibh iad.

“Tha a’ chomataidh againn air fiosrachadh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mu na tha san amharc aige gus aghaidh a thoirt air na ceistean seo.”

Thuirt Mghr Gray cuideachd: “Tha a’ chomataidh cuideachd air cuid de raointean a mholadh air am faodadh Sgrùdadh Alba beachd a ghabhail, nam measg an aithisg-sgrùdaidh aice san ùine romhainn mu dhèanadas ann an lùghdachadh eucoirean uair-is-uair agus cho èifeachdach agus a tha prìosanachadh geàrr gus eucoir uair-is-uair a lùghdachadh an taca ri clàran a’ cheartais anns a’ choimhearsnachd.

Eucoraich bhoireann


Bha ùidh gu sònraichte aig a’ chomataidh ann an dè an gnìomh a bhathar a’ gabhail gus aghaidh a chur air boireannaich ri eucoir uair-is-uair. Chuala a’ chomataidh gu bheil an àireamh de bhoireannaich gan cur dhan phrìosan a’ dol am meud (bho 200 ann an 1998 gu còrr is 500 ann an 2011) le aithisg Sgrùdadh Alba a’ toirt fa-near gun do thill 47 a-mach às a’ cheud de bhoireannaich dhan phrìosan an taobh a-staigh dà bhliadhna an dèidh dhaibh a bhith air an leigeil mu sgaoil.

Ach tha an ìre de dhà bhliadhna airson nam boireannach air a dhol sìos bho 37 a-mach às a’ cheud ann an 2006-07 gu 35.2 a-mach às a’ cheud ann an 2007-08.

Ged a bha cothrom aig na h-Ùghdarrasan air fiosrachadh mu eucoir uair-is-uair a rèir gnè agus sgìre, cha robh amas sònraichte aca gus eucoir uair-is-uair le boireannaich a lùghdachadh. O chionn ghoirid, thug Riaghaltas na h-Alba £100,000 do gach Ùghdarras (ann an 2010-11 is 2011-12) gus tasgadh gu sònraichte ann an lùghdachadh eucoirean uair-is-uair le boireannaich.
Tha an aithisg le Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich ag ràdh gun cuireadh i fàilte air barrachd fiosrachaidh bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh:
mar a bheir frèam nan toraidhean a thathar a’ moladh leasachadh sònraichte air tional fiosrachaidh air na h-adhbharan ri boireannaich ri eucoir
mar a tha san amharc aige dearcnachadh a dhèanamh air cho èifeachdach is a tha na seirbheisean aig a bheil mar amas eucoir uair-is-uair le boireannaich a lùghdachadh

Cùl-cinn

Mheas Sgrùdadh Alba gun deach £81 millean a chosg ann an 2009-10 leis na prìomh bhuidhnean ri ceartas eucorach (ach am poileas) gu dìreach air seirbheisean gus eucoir uair-is-uair a lùghdachadh ged a dh'fhaodadh a bhith nach eil seo na mheasadh iomlan.

Ann an 2007 shocraich Riaghaltas na h-Alba amas an ìre iomlan de dhà bhliadhna ann an eucoir uair-is-uair a lùghdachadh dhà a-mach às a’ cheud ro 2011.

Tha na h-àireamhan as ùire mu na h-ìrean ann an Alba a’ daingneachadh gun robh an ìre dà bhliadhna airson 2007-08 aig 42.4 a-mach às a’ cheud (sìos bho 44.1 a-mach às a’ cheud ann an 2006-07) ged a chaidh a nochdadh gu bheil an ìre seo air a bhith timcheall no beagan a bharrachd air 42 a-mach às a’ cheud bhon na 1990an.

Related links

  • Public Audit Committee
  • Section 23 report - Overview of Scotland's criminal justice system

Contact information

Meadhanan

Comataidhean

Fiorsachadh a' Phobaill

Faodar ar leanntainn air twitter @scotparl

Blog Pàrlamaid na h-Alba http://parlamaidalba.wordpress.com/

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.