Obair dheatamach a dhìth air laghan tuathanachais, a rèir comataidh

24.02.2012

Feumar coimhead air na dùbhlain a tha ro choimhearsnachd tuathachanais na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Sìde agus na h-Àrainneachd an-diugh.

Feumar coimhead  air na dùbhlain a tha ro choimhearsnachd tuathachanais na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd an-diugh.

 

Tha Aithisg Ìre a h-Aon air Bile nan Tuathanachas (Leasaichte)(Alba) ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba beachdachadh a-rithist air dà chuspair sa Bhile gus dèanamh cinnteach nach bi neachan sònraichte air leth air an cumail a-mach gun adhbhar bho bhith a' faighinn buannachd on Bhile.

 

Cuideachd, sgrùd a' Chomataidh tòrr cheistean eile a bhuineas ri tuathanachas na h-Alba. Nam measg seo bha - ciamar a tharraingear daoine ùra a-steach gu tuathanachas; ciamar a nithear cinnteach gum faigh tuathanaich buanachd iomchaidh airson leasachaidhean a nithear air tuathanais; ciamar a ghabhas riaghladh riochdairean fearainn a chur am feabhas; agus ciamar a ghabhadh dòigh nas ruigsinnich is nas èifeachdaiche air easaontas a rèiteachadh a leasachadh.

 

Thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:

 

"Cuiridh a' chomataidh taic aona-ghuthach ris a' Bhile seo a tha a' dèanamh atharrachaidhean, a tha beag ach riatanach agus a bheil a làn-thide ann dhaibh, air laghan a thaobh tuathanasan na h-Alba. Tha sinn an dòchas gum bi na h-atharrachaidhean seo mar cheum cheart  a dh'ionnsaigh cothromachadh iomchaidh a stèidheachadh eadar uachdarain-fearainn agus tuathanaich nar coimhearsnachdan-tuathanais.

 

"Gidheadh, tha e soilleir on fhianais a fhuair sinn gu bheil iomadach ceist eile a dh'fheumar aghaidh a chur orra gus dèanamh cinnteach gum bi anroinn tuathanais beò fallain  ann an Alba, rud a ghabhas a thoirt seachad do na ginealaichean ri teachd. Molaidh sinne gun cùm Riaghaltas na h-Alba oirre aghaidh a chur air na ceistean seo mar rud deatamach."

  • Dealbh de thractar le cliath © Ian Hamilton/iStockphoto

Leugh an aithisg

Stage 1 Report on the Agricultural Holdings (Amendment) (Scotland) Bill

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.