Comataidh 'draghail' mu chomas coileanaidh thargaidean airson fàs turasachd

28.02.2012

Tha Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air dragh a nochdadh a thaobh comas coileanaidh nan targaidean turasachd a stèidhich Riaghaltas na h-Alba.

 

Ann an aithisg a tha a’ sgrùdadh cuid de na cuspairean a tha a’ toirt buaidh aig an àm seo air turasachd na h-Alba, fhuair a’ chomataidh fianais bho Thurasachd na h-Alba nach robh an àireamh fàis 50% a chaidh a stèidheachadh ann an 2006 idir cothromach anns an t-suidheachadh gnàthaichte.

Gus dèiligeadh ri mì-chinnt sam bith, tha a’ chomataidh air iarraidh gum faigh iad aithrisean bliadhnail bho Thurasachd na h-Alba a thaobh adhartas ann a bhith a’ coileanadh na targaid, a bharrachd air planaichean mu bhith a’ dèiligeadh ri geàrr-shuim sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann.

Chuala a’ chomataidh cuideachd mun bhriseadh-dùil a tha am measg luchd-cleachdaidh sa ghnìomhachas mun duilgheadas a th’aca dàta turasachd Albannach earbsach agus ùraichte fhaighinn.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA: “Tha ròl deatamach aig turasachd ann an eaconomaidh na h-Alba. Tha e a’ toirt a-steach luach timcheall air £4.2 billean de theachd a-steach agus a’ toirt obair do timcheall air 215,000 neach.

"Ged a tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air targaid fàs dòchasach 50%, tha dragh oirnn nach eil soilleireachd ri fhaicinn anns an raon a thaobh comas coileanaidh na targaid seo.

“Tha cothrom mòr ann thairis air na bliadhnaichean ri thighinn a bhith a’ taisbeanadh  roinn turasachd na h-Alba. Gus an cothrom as fheàrr fhaighinn air an seo, feumaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith ag obair leis a’ ghnìomhachas turasachd gus bun-fiosrachaidh meadhanach a sholarachadh gus tuigse a thoirt seachad air gluasadan taobh a-staigh na roinne."

Le grunn phrìomh thachartasan gu bhith a’ dol air adhart ’s na bliadhnaichean ri teachd, chur a’ chomataidh fàilte air an obair dealbhaidh a thathas air a dhèanamh gu ruige seo gus dìleab sheasmhach a chruthachadh dha Alba.

Bhiodh ro-innleachd Bliadhnaichean Soirbheachail Turasachd na h-Alba deatamach ann a bhith a’ toirt comas dha gnìomhachasan turasachd buaidh nam prìomh thachartasan sin àrdachadh.

Ach, bha a’ chomataidh soilleir gu robh feum air barrachd mion-fhiosrachaidh mun ro-innleachd agus na h-amasan a bha na cois gus am faighear a’ bhuaidh as ion-mhiannaichte às.

Cùl-fhiosrachadh

Chum a’ chomataidh seisean fianais aon-uair air 23 Samhain 2011. 

Ath-sgrìobhadh den t-seisean fianais (551KB pdf) 

Chaidh an t-seisean eagrachadh gus fòram a sholarachadh airson sealadh tùsail air suidheachadh turasachd na h-Alba agus, gu sònraichte, a’ bhuaidh a tha air a bhith aig a’ chrìonadh gnàthaichte san eaconomaidh.

Tha a’ chomataidh a’ foillseachadh na h-aithisg air thoiseach air Seachdain Turasachd na h-Alba, a tha a’ tòiseachadh Diluain 5 Màrt.

A rèir Sgrùdadh Turasachd Bhreatainn o chionn ghoirid, dh’èirich an àireamh de luchd-turais ann an Alba 8% anns a’ chiad naoi mìosan de 2011.

Tron àm seo, dh’èirich na chosg luchd-turais bhon chòrr den RA ann an Alba 21% fhad’s a thuit na chosg luchd-turais bho thall thairis 6%.

Fhuair an aithisg cuideachd fianais mu na ceumannan a thathas a’ gabhail gus sgilean, foghlam is adhartas obrach àrdachadh anns na roinnean a bharrachd air fiosrachadh mun obair a thathas a’ dèanamh gus bun-structair is ceanglaichean air feadh na h-Alba adhartachadh.

Read the report

  • 2nd Report, 2012 (Session 4): Issues affecting Scottish Tourism - Initial Report 

 

Co-cheangailte

Fios conaltraidh

Meadhannan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobail

Faodar ar leantainn air twitter @scotparl

Faic Blog Pàrlamaid na h-Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.