A bheil smachd agad air do chùram fhèin, tha comataidh a' faighneachd?

01.03.2012

Tha muinntir na h-Alba a tha a' faighinn cùram slàinte is sòisealta am measg na feadhnach a thathar a' brosnachadh am beachd a chur an cèill do Chomataidh Slàinte is Spòrs an-diugh agus a' chomataidh sin a' sireadh fianais airson Bile Cùram Sòisealta (Taic Fèin-Stiùirichte)(Alba).

 

'S e amas a' Bhile cùram slàinte is sòisealta aonachadh gu ìre nas dlùithe agus tuilleadh roghainn is smachd pearsanta a thairgsinn don 200,000 inbheach agus 16,000 chloinne (thathar a' meas) a tha an-dràsta a' faighinn a h-uile seòrsa chùram, leithid banaltramachd is biadh aig an taigh agus cuideachadh do chloinn le duilgheadasan dìth-conaltraidh.

 

Nì a' chomataidh sgrùdadh air a' Bhile a thaobh an leig e san dà-rìribh le daoine an taic a tha iad ag iarraidh fhaotainn, aig àm a thathar ga h-iarraidh agus ann an àite sa bheilear ga h-iarraidh. Cuideachd, tha am Bile a' cur dleastanais air ùghdarrasan ionadail ceithir roghainnean a thairgsinn do neachan air leth a thaobh cur air dòigh agus cosgaisean an cuid cùraim.

 

Thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Donnachadh MacNèill BPA:

 

"Bu mhath leinn cluinntinn o na mìltean de dh'inbhich is de chloinn a gheibh cùram sòisealta is taic, na daoine air am bi buaidh dhìreach aig a' Bhile seo, a thaobh a bheil iad a' creidsinn gun cuir am Bile feabhas air am beatha.

 

"A bheil iad airson 's gum pàigh ùghdarras ionadail airgead a-steach don chunntas-bhanca phearsanta aca, a thèid a chleachdadh gus an taic fhèin a cheannachd? A bheil iad den bheachd gu bheil pàiste 16 bliadhna dh'aois comasach air an taic fhèin a thaghadh is a stiùireadh, agus pàigheadh airgid cuideachd? Tha sinn a' brosnachadh a h-uile duine air am bi buaidh aig a' Bhile am beachdan a chur an cèill."

 

Am measg nan ceistean a tha Comataidh Slàinte is Spòrs airson cur ri daoine tha -

 

1.    Bheil taobh agad ris a' Bhile agus na th' ann? 

2.    Dè do bheachd air na ceithir roghainnean a thathar a' moladh sa Bhile a thaobh taic fèin-stiùirichte?

3.    An e do bheachd gun tig an atharrachadh a tha an Riaghaltas ag iarraidh an cois a bhith a' leasachadh siostam a' phàigheadh dhìrich a rèir an latha an-diugh? 

  

Gheibhear barrachcd fiosrachaidh air a' ghairm fianais a tha air duilleagan na Comataidh.

Cùl-sgeul

Chaidh Bile Cùram Sòisealta (Taic Fèin-Stiùirichte)(Alba) a thoirt a-steach sa Phàrlamaid Albannach air 29 Gearran 2012. Tha Comataidh Slàinte is Spòrs airson 's gun tèid fianais sam bith mun Bhile a chur chun a' chlèirich ro 24 Giblean.  

Thathar a' cur fianais air sa Ghàidhlig.

Co-cheangailte

  • Social Care (Self-directed Support) (Scotland) Bill
  • Social Care (Self-directed Support) (Scotland) Bill call for written views
  • Health and Sport Committee

Fios conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean 

Fiosrachadh a' Phobaill

Faodar ar leantainn air twitter @scotparl

Leugh ar blog Gàidhlig Blog Pàrlamaid na h-Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.