Tiogaidean poblach ri fhaotainn gu coinneamh Rannsachaidh Lùths Ath-Nuadhaichte: Fianais o Bhuidheann Trump

17.04.2012

Tha tiogaidean a-nis ri fhaotainn gu gailearaidh poblach na Pàrlamaid agus Buidheann Trump a' toirt fianais aig rannsachadh Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd mu thargaidean ùr-leasaichte Riaghaltas na h-Alba a thaobh na ghabhas coileanadh taobh a-staigh Mapa-slighe Pàrlamaid na h-Alba 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte.

    Bu chòir daoine on mhòr-shluagh a tha ag iarraidh a' choinneamh a fhrithealadh dol an conaltradh ri Seirbheisean Luchd-Tadhail bho Dhiciadain 18 Giblean tro na dòighean abhaisteach, le post-d aig sp.bookings@scottish.parliament.uk neo air 0131 348 5200 neo fòn saor 's an asgaidh air 0800 092 7600 (fònaichean-teacsa: 0800 092 7100).  Gabhaidh cùisean a chur air dòigh cuideachd aig an Ionad-Fàilte 's Fiosrachaidh don Luchd-Tadhail ann am Prìomh Thrannsa na Pàrlamaid.

    Cuideachd, thèid a' choinneamh a chraobh-sgaoileadh gu beò air làrach-lìn na Pàrlamaid aig: www.pàrlamaidnahalba.ra

    O chuireadh an rannsachadh air chois san Fhaoilleach, tha a' Chomataidh air a bhith ag obair gu dian dìcheallach, a' cruinneachadh fianaise o luchd-eòlais air gintinn lùths, am pròiseas-dealbhaidh, luchd-solarachadh sgilean is ionnsachaidh agus, a dh'aithghearr, on fheadhainn sin a tha an-sàs ann an obair teas a thig às lùths ath-nuadhaichte, cho math ri stiùireadh a thaobh a' chliath nàiseanta dealain.

    Agus a' Chomataidh leth-shligheach tron rannsachadh seo cha mhòr, 's i a' meòrachadh air na chruinneachadh de dh'fhianais sna trì mìosan a chaidh seachad, thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:

    "'S e cumhachd-gaoithe air tìr an rud a bu mhotha a bha ri fhaotainn sna 157 pìosan de dh'fhianais sgrìobhte a fhuair sinn don rannsachadh. 'S e cuideachd a tharraingeas aire nam meadhanan chun na h-ìre is motha. Ach ma bheirear sùil nas mionaidiche air a' chùis, thig e an uachdar gu bheil ceistean nas fharsainge a bhuineas ri gintinn lùths ath-nuadhaichte, ceistean air am feumar aghaidh a chur.

    "Fhuair sinn fianais mu dheidhinn draghan a thaobh an t-siostam dealbhaidh agus an cunnart a thig an cois seo a thaobh na targaidean a ghabhas coileanadh. Mar eisimpleir, thug e còrr is deich bliadhna aonta a ruigheachd mu rud a dh'fhaodadh a ràdh a bha fìor chonnspaideach, pìos cudromach de bhun-structair a' chliath; 's e sin, an loidhne-sgaoilidh dealain eadar A' Mhanachainn agus Deanaidh."

    Agus a' Chomataidh ag ullachadh gus tuilleadh fianaise a chruinneachadh eadar seo agus an samhradh, bithear a' dèiligeadh ris na leanas:

     

    ·           Cùisean cliath is bun-structair - nam measg, sàbhailteachd a' chliath san àm ri teachd, cosgaisean-ceanglaidh agus dòighean gus glacadh na ghabhas faotainn de lùths ath-nuadhaichte ann an eileanan na h-Alba a bhrosnachadh.

    ·           Airgead is cur-an-seilbh, nam measg ceistean a thaobh leasachadh ann an teicneolas cumhachd na mara, gu sònraichte aig an ìre chudromach a leanas a' chiad ìre de Rannsachadh is Leasachadh. 

    ·           Pròiseactan coimhearsnachd – a' sgrùdadh iomfhillteachd an t-siostaim agus na tha a dhìth de sgilean a thaobh a stiùireadh go soirbheachail.  

    ·           Ceistean sgilean agus a bhith a' sgrùdadh carson a tha cho beag de luchd-obrach o na raointean ola is gas a' dol an-sàs ann an obair lùths ath-nuadhaichte agus dè ghabhas dèanamh gus seo a chur ceart.

    ·           Ceistean a thaobh targaid lùths ath-nuadhaichte a choileanas 11% de na tha a dhìth air Alba de theas mun bhliadhna 2020.   

     

    Thathar an dùil gum bi a' Chomataidh deiseil 's gach fianaise a-staigh mun Ògmhios agus gun dèan iad aithris san Fhoghar eadar 's gun gabh na targaidean a choileanadh gus nach gabh, agus chun uair sin cumaidh iad sùil mhionaideach air a' chuspair. 

    Cùl-fhiosrachadh

    Am measg nam prìomh cheistean air am bithear a' beachdachadh ri linn an rannsachaidh, bidh:

     

    ·           A bheil an teicneolas a choileanas gach targaid ri fhaotainn agus so-ruigsinneach?

    ·           A bheil ar n-oilthighean 's ar n-ionadan-rannsachaidh làn deiseil dèiligeadh ris an leasachadh teicneolach a tha a dhìth?

    ·           Ciamar a ghabhas prìomh-amasan nàiseanta agus ceistean ionadaile a rèiteachadh?

    ·           A bheil dearbhadh againn gun gabh am bun-structair a tha a dhìth a leasachadh is a mhaoineachadh a chor is gun reic Alba lùths sam bith a bharrachd ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte?

    ·           Dè a' bhuaidh a bhios aig seo air na phàigheas luchd-caitheimh?

    ·           Am bi gu leòr a mhaoineachadh ann a leigeas le airgead a chur an seilbh san dà chuid cur-a-steach agus leasachadh gach teicneolas iomchaidh?

    ·           Am bi gu leòr de sgilean aig muinntir na h-Alba a tharraingeas cur-airgead-an-seilbh on taobh a-staigh?

    ·           Am foghain leasachaidhean ann am margaidhean an lùths agus a thaobh subsadaidhean fhaotainn aig ìre an dà chuid RA is AE gus na targaidean a choileanadh?

Contact information

Media:

 

Committees:

 

Public information:

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk
  • You can also follow us on twitter @scotparl
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.