19.04.2012
Thèid iarrtas a chur gu companaidhean togail tairgsean aona-phrìs stèidhichte a chur a-steach airson gur dòcha gum bi ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh Taigh an Ròid, rud a chaidh ainmeachadh an-diugh.
Tha a' cheum seo a' leantainn co-dhùnadh a rinn Buidheann Chorparra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) a thaobh am margadh fheuchainn agus tairgsean a chruinneachadh, ach bha SPCB deimhinn nach eil a' cheum seo fhèin a' ciallachadh gun tèid ionad a thogail sa cheann thall.
Ann an litir do na BPAan uile an-diugh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA gun tigeadh pròiseas nan tairgsean gu crìch thar an t-samhraidh 's tha dùil aig SPCB a bhith comasach goirid an dèidh sin co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù a bheil iad airson dol air adhart le togail an t-ionaid gus nach eil.
Seo litir iomlan an Oifigeir Riaghlaidh:
A Bhall Chòir
Ionad-Tèarainteachd Taobh-a-Muigh aig Taigh an Ròid
Tha mi a' sgrìobhadh gus fiosrachadh ùr a chumail riut mun cho-dhùnadh a rinneadh na bu traithe an-diugh le SPCB a thaobh an Ionad Tèarainteachd Taobh-a-Muigh (ITT).
A' leantainn air adhart on chead-dealbhachaidh a fhuaireadh san Fhaoilleach, tha SPCB an-diugh air aontachadh dol air adhart chun na h-ath ìre sa phròiseas, 's e sin, togail an t-ionaid a chur a-mach fo thairgse.
Tha e cudromach cur an cèill gu làidir aig an ìre seo nach eil seo mar cho-dhùnadh gun tèid an t-ionad a thogail, ach leigidh e le SPCB am margadh fheuchainn agus tairgsean a thaobh cosgaisean togail a chruinneachadh.
A-nis agus cruth an t-ionaid - anns a bheil na tha riatanach de dhealbhadh a thaobh sàbhailteachd spreadhaidh - air a choileanadh, thèid iarraidh air na companaidhean a tha air a' gheàrr-liosta tairgsean aona-phrìs stèidhichte a chur a-steach gus an ITT a thogail.
Thig pròiseas nan tairgsean gu crìch thar an t-samhraidh agus bidh dùil againn gum bi SPCB comasach goirid an dèidh sin co-dhùnadh a dhèanamh a thaobh a bheil iad toilichte le gach cosgas a thathar a' sùileachadh cho math ris an sgèile-tìm a bhios ann a chor is gun tèid cunnradh a thoirt do chompanaidh dol air adhart le togail an t-ionaid.
An lùib na litreach tha mi a' cur lethbhreac de bhile air an tug SPCB sùil na bu traithe an-diugh mar thuilleadh fiosrachaidh dhut.
Mar a thuirt mi roimhe, tha SPCB glè dhìcheallach a thaobh a dleastanas laghail gum bi a h-uile neach le pas agus luchd-tadhail gu-lèir gu Taigh an Ròid sàbhailte, agus cumaidh sinn fiosrachadh ri Buill agus luchd-obrach a thaobh ar co-dhùnaidhean.
Tricia Marwick
Oifigear Riaghlaidh
Cùl-fhiosrachadh
Tha am bile iomlan air an deach sùil a thoirt le SPCB ri fhaotainn an-seo:
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/mudheidhinnnapàrlamaid/45685.aspx
Tha dealbh de chruth an t-ionaid a rinn ailtire fo chunnradh SPCB, Lee Boyd, airson luchd nam meadhanan, ri fhaotainn an-seo (rud a nochd an toiseach ann an Samhain 2011):
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/bcpa/itt_-_ìomhaigh.jpg
Contact information
Media
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- sp.info@scottish.parliament.uk
You can also follow us on twitter @scotparl