BPAan gus sùil a thoirt air obair cumhachd-gaoithe/uisge

14.05.2012

Chaidh an treas tuathanas gaoithe is motha ann an Alba, cho math ri stèisean cumhachd-uisge ann an gleann an Siorrachd Pheairt, a shealltainn do bhuill den Chomataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd an-diugh (14 Cèitean). B' e seo a' chiad turas de na trì a nì na buill thar na h-Alba, agus bidh e mar fhiosrachadh don Rannsachadh aca a thaobh Lùths Ath-Nuadhaichte, a chaidh a chur air bhog aig a' Chomataidh san Fhaoilleach.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:

"'S e adhbhar an rannsachaidh seo fhaighinn a-mach an gabh targaid Riaghaltas na h-Alba a thaobh iarrtas de 100% air dealain o stuthan  ath-nuadhaichte mu 2020 a choileanadh. Le bhith a' toirt sùil air tuathanas mòr gaoithe agus sreath de leasachaidhean cumhachd uisge 's iad ag obrachadh, tha seo air a bhith feumail don Chomataidh, a bha thall 's a chunnaic mar a bhios a leithid air chois.

"Ma tha Riaghaltas na h-Alba gus dùbhlan a targaid a choileanadh, tha sinn a' dol a dh'fhaicinn tuilleadh leasachaidhean dhen t-seòrsa seo thar na h-Alba. Mar sin, tha e cudromach gum bi BPAan an da-rìribh a' dol an-sàs gu dlùth ri seo."

Thug a' Chomataidh cuairt air Tuathanas Gaoithe Griobhain faisg air Obar Pheallaidh, tuathanas a th' air obrachadh leis a' bhuidhinn LAD (SSE). Bha cothrom aig na BPAan cuideachd coimhead air raon leasachaidhean ùra a thaobh cumhachd-uisge ann an Gleann Lìomhainn, air obrachadh le Stuthan Ath-Nuadhaichte Uaine na Gàidhealtachd (SAG).

Thuirt Iain Cartwright, Ard-Stiùiriche SAG:

"Tha sinn toilichte gun do thadhail a' Chomataidh air Gleann Lìomhainn an-diugh gus an stèisean ùr Roroyere 807 kW fhaicinn 's e ag obair.

"Ann an ìochdar Ghlinn Lìomhainn bidh, sa cheann thall, seachd sgeamaichean air chois, le ceithir a chaidh a thogail 's a chur an gnìomh mu-thràth, agus bidh dùil aig SAG a bhith an-sàs ann a bhith a' togail nan trì a tha ri dhèanamh fhathast.

"O thadhail a' Chomataidh ann, tuigidh iad cho freagarrach 's a tha cumhachd-uisge sa leithid seo a dh'àrainneachd 's cho beag buaidh 's a bhios aig an sgeama cho math ri cho mòr is a dh'fhaodadh leasachaidhean dhen t-seòrsa seo cur ri amasan na h-Alba a thaobh dùbhlan targaid lùths ath-nuadhaichte."

Cùl-sgeul

Chuir a' Chomataidh air bhog an rannsachadh aca a thaobh an gabh na targaidean ath-leasaichte a tha ri fhaotainn ann an Mapa-slighe Riaghaltas na h-Alba 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte a choileanadh: agus gu sònraichte dùbhlan targaid na h-Alba gun gintear uiread 's 100% de dhealain o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020. Thathar an dùil gum foillsich a' Chomataidh a h-aithisg mu dheireadh as t-fhoghar an dèidh do dh'obair togail fianaise a bhith crìochnaichte.

Turasan eile a bhios mar phàirt den rannsachadh seo, 's e gun tadhail BPAan air Arcaibh gus coimhead air leasachaidhean a thaobh lùths na mara, agus air Fìobha, far an tèid beachdachadh air gnìomhachas lùths na mara agus gus tadhail air colaiste ionadail a tha an-sàs gu gnìomhach ann a bhith a' trèanadh luchd-obrach ùra san raon seo.

Related information

Picture gallery for visit to Perthshire as part of the Committee's Renewables Inquiry  

Contact information

Media
• Kirsty Rimmer: 0131 348 6085
• Text Relay calls welcome
• kirsty.rimmer@
scottish.parliament.uk

Committees
• Stephen Imrie: 0131 348 5207
• Text Relay calls welcome
• stephen.imrie@
scottish.parliament.uk

Public information
• Telephone: 0800 092 7500
• Textphone users can contact us on 0800 092 7100
• We also welcome calls using the Text Relay service
• Text message: 07786 209888
• sp.info@scottish.parliament.uk

You can follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.