Bile airson Buaidh Ath-leasachadh Shocairean RA a lughdachadh an Alba a’ gluasad air adhart

16.05.2012

Tha Riaghaltas na h-Alba air cùl Bile a tha ag amas, cho fada ’s a ghabhas, air lughdachadh a thoirt air a’ bhuaidh fharsaing a dh’fhaodadh a bhith aig Achd Ath-Leasachadh Shochairean na RA air daoine ann an Alba a tha bochd agus so-leònte. Chaidh moladh an-diugh (Diciadain 16 Cèitean) gun tèid aontachadh ris ann am prionnsabal.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Mhol Comataidh Ath-Leasachadh nan Sochairean ri Pàrlamaid na h-Alba gun tèid Bile Ath-Leasachadh nan Sochairean (Ullachadh a Bharrachd) (Alba) air adhart chun na h-ath ìre.

 

Anns an aithisg, chuir a’ Chomataidh an cèill “iomagainean nach beag” mun bhuaidh a bhios aig Achd na RA ann an comann-sòisealta na h-Alba. Tha seo na sgàthan air an fhaireachdainn anns an fhianais air fad a thugadh don Chomataidh.

 

Thuirt Mìcheal MacMhathain BPA, neach-gairm na Comataidh, agus an Aithisg Chomataidh Ìre 1 ga foillseachadh:

 

“Chuala sinn bho luchd-fianais cho lom ’s a bhios cùisean do dhaoine a tha air sochairean ’s an droch bhuaidh phearsanta a tha coltach ri thighinn an cois ath-leasachaidhean na RA. Tha iomagainean nach beag oirnn mu dheidhinn mar a thèid do na daoine as so-leònte ann an Alba san àm ri teachd. Tha seo a’ tighinn aig àm a tha £2.5 billean ga ghearradh bhàrr buidseat shochairean na h-Alba. Mar sin cha bheag an t-euchd e ma dh’fheuchas sinn ri lughdachadh a thoirt fiù’s air cuid de na droch bhuadhan a thig an cois ath-leasachaidhean.

 

“Chuir a’ Chomataidh againn fòram air dòigh gus a dhèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine fa leth, aig luchd-solarachaidh sheirbheisean ’s aig buidhnean iomairt aig a bheil iomagainean an guth a thogail. Anns na mìosan ’s na bliadhnachan tha romhainn, tha e cudromach gur urrainn dhuinn an fhianais seo a chleachdadh gus aghaidh a chur air na h-iomagainean sin le bhith a’ toirt buaidh air

reachdas a tha ri teachd ’s air mar a thèid a chur an gnìomh an Alba.”

 

Seo cuid de na cuspairean a tha ag èirigh às an fhianais:

 

•     bho àireamhan mòra de dhaoine so-leònte, bheir atharrachaidhean ris an t-siostam air falbh sochairean a nì an diofar eadar beatha ’s bàs;

 

•     tha an dòigh air cur a-steach airson sochairean ùra ro amallach – tha tuilleadh ri dhèanamh air-loidhne ’s tha measaidhean-comais draghail a’ co-dhùnadh gu bheil daoine aig a bheil ciorram tèarm-fada comasach air obair;

 

•     tha 330,000 duine glacte ann an siostam ath-thagraidhean a tha a’ breugnachadh dà thrian de na toraidhean measaidh sin, agus tha profeiseantaich mheadaigeach a’ caitheamh uiread ùine air pròiseas nan ath-thagraidhean ’s gu bheil buaidh ga toirt air prìomh sheirbheisean slàinte;

 

•     bidh buaidh nach beag air neo-eisimeileachd nan ciorramach agus air na tha de chloinn ann am bochdainn ’s de dhaoine gun dachaigh;

 

•     bidh e nas coltaiche gun tèid daoine fa leth agus teaghlaichean fodha ann an ainfhiachan màil agus eile air sgàth nan dòighean ùra bhios ann air taic agus sochair teachd-a-steach a riarachadh;

 

•     cha do rinn Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean, a mhol na h-ath-leasachaidhean seo, obair gu leòr air measadh a thoirt air a’ bhuaidh a bhios air diofar sheòrsachan daoine, ’s mar sin tha e do-dhèanta obrachadh a-mach cò an rathad as motha bu chòir taic a stiùireadh.

 

Anns an aithisg aige, thug a’ Chomataidh seachad a beachd air na tha anns a’ bhile, air na ceistean bu chòir do Riaghaltas na h-Alba gabhail sa chunntas nuair bhios iad a’ leasachadh riaghailtean an cois a’ bhile seo (Fo-reachdas), agus na ceistean a chaidh a thogail le fianaisean agus a tha a’ Chomataidh cuideachd a’ dol a thogail aon uair ’s gu bheil am Bile air aontachadh.

 

Chuir Seumas Hepburn BPA, an Leas-neach-gairm, ris: “Tha iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach aonghuthach gum bu chòir am Bile seo aontachadh gu luath, gus gum faod am fo-reachdas a thig na chois a bhith na àite deagh ghreis mus tòisich an siostam ùr shochairean sa Ghiblean 2013. Tha seo gus dèanamh cinnteach gun cum daoine fa leth agus teaghlaichean orra a’ faighinn sochairean a nì an diofar uairean eadar beatha ’s bàs.

 

“Tha sinn uile mothachail do na duilgheadasan do-sheachanta thaobh ùine a th’ aig Riaghaltas na h-Alba. Ach tha e ri thuigsinn, am broinn nan crìochan sin, gu bheil iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach ag iarraidh cothrom an guth a thogail ’s a bhith an sàs cho iomlan ’s a ghabhas ann an leasachadh nan riaghailtean.”

 

Ann an aithisg na Comataidh tha sreath de mholaidhean a th’ air an amas air taic a thoirt do Riaghaltas na h-Alba, do dh’ughdarrasan ionadail agus dhan treas earrainn ann a bhith cumail taic ris na feumaich. Tha pàirt dhiubh seo mun àireamh bhig de shochairean air a bheil smachd aig ìre Albannach, ’s mar a nithear cinnteach gun lean na feumaich gam faighinn. Mar sin tha an aithisg a’ còmhdachadh:

 

•     Creideas Coitcheann, a’ gabhail a-steach sochairean taigheadais

•     Pàighidhean Neo-Eisimeileachd Phearsanta

•     Sochairean pasportaichte

 

Creideas Coitcheann, a’ gabhail a-steach sochairean taigheadais

 

Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do na cumhachdan a thaobh Creideas Coitcheann a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.

 

Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gu bheil e mar uallach air Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean làn seirbheisean cearta comhairle a sholar a chuidicheas luchd tagraidh gu bhith ag atharrachadh chun nan siostaman ùra shochairean. Tha buidhnean ann ge-tà chun am bi luchd tagraidh a’ dol a rèir coltais son comhairle agus cobhair neo-eisimeileach, agus bhiodh e iomchaidh do Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh co-dhiùbh bu chòir dha taic a thoirt dhaibh sin.

 

Am measg rudan eile tha uallach air a’ Chomataidh mun bhuaidh ann an Alba a bhios aig na h-atharrachaidhean a th’ air am moladh ri sochair taigheadais, a bhios na phàirt den Chreideas ùr Choitcheann ann an reachdas na RA. Tha e an dùil gum bi duilgheadasan susbainteach aig ughdarrasan ionadail ’s aig buidhnean taigheadais an dà chuid leis a’ mhùthadh fhèin, le teachd-a-steach lughdaichte ’s le àrdachadh ann an cosgais iasadan. Tha a’ Chomataidh dol a thoirt sùil eile air seo mar phàirt den sgrùdadh leanailteach aice.

 

Pàighidhean Neo-Eisimeileachd Phearsanta

 

Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do na cumhachdan a thaobh Pàighidhean Neo-Eisimeileachd Phearsanta a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.

 

Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gu bheil feum air modaileadh farsaing ach an tuigear na buadhan aig ath-leasachadh shochairean ann an Alba agus na poileasaidhean a tha dhìth gu freagairt ris, m.e. ann a bhith stèidheachadh slatan-tomhais do shochairean pasportaichte. Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e na h-uallach seach càch air Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean an obair seo a ghabhail os làimh agus am fiosrachadh gu lèir a sholar do Riaghaltas na h-Alba. Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don obair a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail os làimh agus a’ cur ìmpidh orra an toradh fhoillseachadh.

 

Riaghailtean

 

Tha iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach mothachail do na duilgheadasan do-sheachanta a thaobh ùine a th’ aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ leasachadh riaghailtean an cois a’ Bhile. Tha iad airson dèanamh cinnteach gun tèid an reachdas uile, leis na riaghailtean, na lagh gun dàil sam bith. Tha e ri thuigsinn, am broinn crìochan na h-ùine, gu bheil iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach ag iarraidh cothrom an guth a thogail ’s a bhith an sàs cho iomlan ’s a ghabhas ann an leasachadh nan riaghailtean.”

 

Sochairean pasportaichte

 

Tha sochairean pasportaichte nan sochairean a bharrachd a tha ri fhaotainn far a bheil duine a’ faighinn sochair ‘cridhe’ mar-thà. Tha an t-uabhas dhiubh ann. Nam measg tha biadh sgoile an-asgaidh, siubhal saor, ceadan bràiste-ghuirm, leigheas fiaclach an-asgaidh fo Sheirbheis na Slàinte, tiogardan leigheas shùilean, cuibhreannan cumail foghlaim, cobhair lagha agus cunntaisean pearsantaichte ionnsachaidh.

 

Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gur e am prìomh amas a bu chòir a bhith aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ cur an t-siostaim ùir shochairean an gnìomh, sochairean pasportaichte a bhith ri fhaotainn cho fada ’s a ghabhas mar a tha iad an-dràsta.

 

Tha Riaghaltas na h-Alba comasach air dèanamh cinnteach gum bi sochairean pasportaichte ri fhaotainn san ìre shealadaich mar bha iad roimhe. Gabhaidh seo dèanamh le bhith toirt còir do na daoine a bha gam faighinn fon t-seann siostam a bhith gam faighinn a-rithist fon rian ùr shealadach.

 

Cùl-cinn

 

Ri notachadh – chan eil Alastair MacIain BPA ag aontachadh ris na chaidh a ràdh mu uallach nach beag.

 

Thugadh am Bile a-steach air 22 Màrt 2012. Thug Biùro na Pàrlamaid am Bile do Chomataidh ùr-stèidhte Ath-Leasachadh nan Sochairean son sgrùdadh Ìre 1. Mar as trice ’s e th’ ann an Ìre 1 ach mion-sgrùdadh air prionnsabalan coitcheann a’ Bhile agus sùil a thoirt air dòighean eile air na poileasaidhean a tha gam moladh ann am bile a thoirt gu buil. Tha a’ mhòrchuid de bhileachan stèidhte air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba ’s air an toirt a-steach leotha.

 

Bidh molaidhean Ìre 1 air an amas air mar dh’fhaodadh an Riaghaltas neartachadh a thoirt air na tha iad a’ cur air adhart ann am bile, no bidh comataidh a’ moladh nach bu chòir bile a thoirt air adhart idir a chionn’s nach eil e ag aontachadh ris a’ phoileasaidh air a bheil e stèidhte.

 

Tha a’ Phàrlamaid an uair sin a’ beachdachadh air aithisg na comataidh. Tha buaidh aig an aithisg air co-dhùnadh na Pàrlamaid co-dhiùbh bu chòir bhòtadh airson prionnsabalan coitcheann a’ bhile. Tha clàr làithreach na Pàrlamaid ag ràdh gum bi aithisg Ìre 1 son a’ bhile seo na h-àite ro 25 Cèitean 2012.

 

Ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid ri prionnsabalan coitcheann a’ bhile, tha e a’ gluasad gu ìrean nan atharrachaidhean. Bidh Ìre 2 a’ gabhail àite anns a’ chomataidh, ’s ann an Ìre 3 bidh a’ Phàrlamaid gu lèir a’ beachdachadh air atharrachaidhean a chaidh a mholadh.

 

Tha an sgrùdadh a rinn Comataidh Ath-Leasachadh nan Sochairean air a’ Bhile seo, agus mar sin na tha anns an aithisg seo, às an àbhaist air diofar dhòighean:

 

•     Rinn Pàrlamaid na h-Alba glè shoilleir don Chomataidh seo cheana gu bheil am Bile seo a’ còrdadh rithe, oir dh’aontaich i mar-thà ri meòrachan cead reachdail a dh’fheumas e.

•     Chan eil am Bile seo stèidhte air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba ga thoirt a-steach gus Achd Ath-Leasachadh Shochairean 2012 aig Riaghaltas na RA a dhèanamh na lagh agus gu feuchainn ri a buadhan a lughdachadh cho fada ’s a ghabhas.

•     Chan eil mòran mion-eòlais anns a’ Bhile idir. Chan eil ann ach Bile goirid comasachaidh, ’s mar sin chan eil a bheag de mhiannan poileasaidh air aghaidh a’ Bhile ri bhith air an sgrùdadh.

•     Tha iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach aonghuthach gum bu chòir am Bile seo aontachadh gu luath, gus gum faod am fo-reachdas a thig na chois a bhith na àite deagh ghreis mus tòisich an siostam ùr shochairean sa Ghiblean 2013. Nì seo cinnteach gun cum daoine fa leth agus teaghlaichean orra a’ faotainn sochairean a nì an diofar uairean eadar beatha ’s bàs.

•     Bhuin tòrr den fhianais a fhuair a’ Chomataidh ris na rinn Riaghaltas na RA de dh’ath-leasachadh shochairean gu ruige seo, ’s chan ann ris na th’ anns a’ bhile seo aig Riaghaltas na h-Alba.

•     Is gann gu bheil fiosrachadh ann idir air buaidh a’ Bhile air ionmhas, seach na tha sochairean pasportaichte a’ cosg an-dràsta agus am fios gu bheil Riaghaltas na RA a’ toirt £2.5 billean far riarachadh buidseatach na h-Alba mar gheall air an ath-leasachadh shochairean aige.

Read the report

  • Stage 1 report on the Welfare Reform (Further Provision) (Scotland) Bill

Contact information

Media

 

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us
    on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using
    the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.