Beachdachadh air prògram cur-an-seilbh Fàire 2020 aig Taigh an Ròid

21.05.2012

Bidh coimhearsnachdan gnìomhachais is rannsachaidh acadaimigich na h-Alba a' tighinn còmhla aig Taigh an Ròid air Dihaoine (25 Cèitean) gus deasbad air ciamar as fheàrr a thèid Alba an-sàs ri molaidhean Fàire 2020 aig an AE. 'S e amas Fàire 2020 ach suidheachadh an AE a neartachadh a thaobh saidheans agus ceannasachd ann an raon tionsgalach le ùr-ghnàthachadh tro chur-an-seilbh ann am prìomh raointean teicniceach, cothrom nas fheàrr air calpa, agus taic do Ghnìomhachasan Beaga 's Meadhanach (GBMan).

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Chaidh a' chùis a chur air dòigh leis a' Chomataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh-a-Muigh, a tha an-dràsta fhèin a' sgrùdadh Fàire 2020.  Tha e mar amas na comataidh aire a tharraing do na cothroman a tha ann do dh'Alba agus cothrom a thoirt dol an lùib lìonra a bhrosnaicheas tuilleadh co-obrachaidh a thaobh a bhith a' faighinn pròiseactan is smaointean ùra a-steach don mhargadh, mar gum biodh.

 Agus i a' bruidhinn ron tachartas thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Nic Shealbhaich, BPA:

 "Bheir Fàire 2020 gach maoineachas Eòrpach a thaobh rannsachaidh is ùr-ghnàthachaidh còmhla taobh a-staigh prògram singilte le moladh gum bi buidseat de dh'aon €80bn ann airson 2014-2020. Tha ar Comataidh airson a bhith ag obrachadh cuide ri Riaghaltas na h-Alba, ri gnìomhachasan 's ris a' choimhearsnachd acadaimigeach gus dèanamh cinnteach gun gabh iad làn-chothrom air a' chothrom a thaobh maoineachadh Fàire 2020.

 "Bidh ar co-labhairt mar chothrom dol an lùib lìonra far am bithear a' co-roinn deagh-chleachdaidhean. Tha an fheadhainn a tha an-sàs sa leithid a ghnìomhachasan air innse dhuinn cho cudromach is a tha seo. Bidh seiseanan ann mu dheidhinn ciamar a gheibhear rudan ùra gu margadh, agus - rud cudromach - ciamar a ghabhar làn-chothrom air na cothroman maoineachaidh a tha ann. 'S e amas Fàire 2020 rudan tarraingeach ann an raon saidheans a thionndadh gu bhith mar stuthan-reice is mar sheirbheisean ùr-ghnàthaichte a bheir cothrom gnìomhachais do dhaoine."

 'S iad an fheadhainn a bhios a' labhairt:

 ·         Marion Dewar, Ball de Chaibineat a' Choiminiseir Maire Geoghegan-Quinn, Coimiseanar Rannsachadh, Ùr-ghnàthachadh is Saidheans, far a bheil i freagrach às Suaicheantas Iomairt Aonadh na h-Ùr-ghnàthachais, cho math ri Raon Rannsachaidh na h-Eòrpa.    

·         Iain Swinney BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Maoin, Fastachd agus Fàs Leantainneach.

·         David Willetts BP, Ministear Stàite airson Oilthighean is Saidheans. 

 

Dèiligidh na seiseanan ri:

1.   Dùnadh na bèirn eadar rannsachadh is gnìomhachas: a' faighinn smaointean ùra gu margadh. 

2.   Ùr-ghnàthachas Maoineachaidh: a' rannsachadh chothroman ùra. 

3.   Dol seachad air 'na h-àbhaistich': a' toirt dhaoine ùra tàlantach a-steach don t-siostam.

4.   Ròl Riaghaltais: a' cur às do chus biurocrasaidh agus a' faighinn luach an airgid.

5.   Mar a bhuannaichear co-fharpais maoineachaidh.  

 

Cùl-sgeul

Sgrùdadh Fàire 2020: Tha a' Chomataidh Eòrpach is Caidreamh Taobh-a-Muigh air beachdan a shireadh o na buidhnean is na daoine fa leth air am bi buaidh aig molaidhean Coimisean na h-Eòrpa a thaobh leantainn air adhart le Fàire 2020, a tha a' gabhail àite Prògram Frèama 7 airson Rannsachadh is Leasachadh Teicniceach (PF7).

 

Dh'fhoillsich an Coimisean a mholaidhean a thaobh Fàire 2020 air 30 Samhain 2011. 'S e Fàire 2020 ach innleachd maoineachaidh le buidseat de €80bn a chaidh a mholadh. Tha e stèidhichte mar gum biodh air trì prìomh cholbhan aig a bheil na h-amasan seo a leanas:

 

  • Neartachadh suidheachadh an AE ann an saidheans ("SàrShaidheans" - le buidseat de €25bn molta).
  • Neartachadh ceannasachd san raon tionsgalach le ùr-ghnàthachadh tro chur-an-seilbh ann am prìomh raointean teicniceach, le tuilleadh cothrom air calpa 's air taic airson GBMan ("Ceannasachd Tionsgalach" - €18bn).
  • A' cur aghaidh air mòr-cheistean mar atharrachadh sìde, leasachadh ann an còmhdhail is so-ghluasad leantainneach, a' dèanamh lùths ath-nuadhaichte nas saoire ri cheannach, a' dèanamh cinnteach gum bi biadh sàbhailte tèarainte, agus a' dèiligeadh ri mòr-shluagh a tha a' fàs nas sine ("Dùbhlain a thaobh an Comann-dhaoine" - €32bn).

 

 

 

Contact Information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.