Bu chòir don luchd-siubhail a bhith aig teis-meadhain lìbhrigeadh seirbheisean-rèile na h-Alba

21.05.2012

Bu chòir mathas luchd-siubhail a bhith aig teis-meadhain lìbhrigeadh ath-cheadachd margaideachaidh rèile na h-Alba, 's e sin prìomh theachdaireachd aithisg a thèid fhoillseachadh an-diugh (Diluain 21 Cèitean) le Comataidh Bun-Structair is Cur-an-Seilbh Calpa.

Tha a' Chomataidh air a' cho-dhùnadh seo a ruigheachd mar fhreagairt air co-chomhairleachadh Chòmhdhail na h-Alba a thaobh na tha an dàn do shiostam-rèile na h-Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Maureen Watt BPA:

'' 'S e an neach-siubhail a bu chòir a bhith mar bhun-stèidh gach rud a bhuineas ris na tha an dàn do shiostam-rèile na h-Alba - an neach as lugha ùidh a thaobh ciamar a ruitheas an t-siostam cho fad 's a gheibhear luach an airgid, amannan cinnteach, seirbheisean bitheanta agus, nas cudromaiche buileach, suidheachan.

''Am measg gach fianais a fhuair sinn, chuala sinn mu dheidhinn beachdan is deagh chleachdaidhean a dh'fhaodadh a bhith air an cur gu feum le Còmhdhail na h-Alba gus dèanamh cinnteach gun tèid èifeachd sàbhalaidh a mholar ann an Aithisg Mhic an Ultaigh a choileanadh. Chuir sinn ar molaidhean an cèill agus ceadachd rèile ùr a' dol air adhart agus tha e nar beachd sgrùdadh a dhèanamh air adhartas às an tig seirbheis nas èifeachdaiche a thaobh cosgais is luchd-siubhail."

Dèiligidh an aithisg ri raon farsainge na fianaise a chuala a' Chomataidh agus nì i molaidhean sònraichte a thaobh na leanas:

·        ulladhadh airson adhartais a choileanas targaidean èifeachdais mar a mholar ann an ath-sgrùdadh Mhic an Ultaigh agus dèanamh cinnteach gun lìbhrig seirbheis-rèile na h-Alba luach an airgid;

·        moladh gum bithear a' toirt seachad ceadachd fad ùine nas fhaide, can fad deich bliadhna, le cothrom sin a mheudachadh fad trì bliadhna eile, a chuidicheas a thaobh seasmhachd agus planadh fad-theirmeach cho math ri feumalachdan a thaobh acmhainn-rèile is goireasan;

·        ag ùrachadh dòighean measaidh coileanadh is feabhais a chor is gum bi iad nas iomchaidhe a rèir suidheachadh an luchd-siubhail, gu h-àraid a thaobh amannan cearta thrèanaichean, mathas stèiseanan agus thrèanaichean, fiosrachadh is soighnichean ceart, agus na tha ri fhaotainn de ghoireasan-ticeid. S e beachd na Comataidh gum bu chòir trèana a bhith air a mheas "fadalach" ma bhios e tuilleadh is aon mhionaid air dheireadh (seachas mar a mheasar an ceartuair e, le greisean 5 neo 10 mionaid), rud a bheir comharradh nas soilleire air mar a bhios buaidh aig seo air luchd-siubhail;

·           a' cur air adhart dòigh nas aonaichte a thaobh còmhdhail phoblach, agus aghaidh a chur air ceistean leithid cus dhaoine air trèanaichean;

·           structairean thiogaidean is phrìsean a dhèanamh nas sìmplidhe buileach, is dòcha tro shiostam aonaichte a cheadaicheas siubhail air a h-uile modh de chòmhdhail phoblach; 's e co-dhùnadh na Comataidh gun gabhadh siostam phrìsean thiogaidean a bhith air a dhèanamh nas sìmplidhe tro shiostam aonaichte, far an rachadh aon tiogaid a cheannachd airson a h-uile còmhdhail, coltach ris a' chairt Oyster a thathar a' cleachdadh ann an Lunnainn;

·        ùrachadh nas luaithe air goireasan stèiseanan gus dèanamh cinnteach gum bi iad so-ruigsinn don luchd-siubhail uile; agus

·        ath-sgrùdadh air feumalachdan na h-Alba a thaobh acmhainn-rèile air bunait fad-theirmeach agus le ùrachadh is leasachaidhean cunbhalach san amharc, gu sònraichte air na tursan is fhaide.

Cùl-sgeul

Thig crìoch air ceadachd margaideachaidh rèile na h-Alba agus buidseat Lìonra na Rèile mu mheadhan na bliadhna 2014. 'S e a' cheadachd seo fear de na cunnraidhean is motha a leigear a-mach le Ministearan na h-Alba, le luach cha mhòr £1.5 billean thar treise ath-sgrùdadh caiteachas an latha a th' ann an-dràsta, agus tha e fo stiùir Chòmhdhail na h-Alba. Chaidh an cunnradh seachd bliadhna a thoirt do Chiad Ghrupa earranta poblach, ag obrachadh fon ainm CiadRèile Alba Earranta, ann an Lùnastail 2004. Chaidh seo a mheudachadh, le aonta, gu trì bliadhna eile ann an Giblean 2008.

Leis a' cheadachd ùr san amharc, sheòl Còmhdhail na h-Alba co-chomhairleachadh ann an Samhain 2011, leis an amas gun rachadh beachdan a chruinneachadh o phrìomh chom-pàirtichean a tha an-sàs a thaobh na tha an dàn do ghnìomhachas rèile na h-Alba. A bharrachd air a' cheadachd-sa, thog a' Chomataidh rud beag de dh'fhianais mun ath ìre a thaobh Sònrachadh Toraidh aig Àrd-Ìre (STAI). Bidh an STAI a' cur an cèill na toraidhean ro-innleachdach a dh'fheumas luchd-obrachaidh na rèile a lìbhrigeadh mus fhaigh iad subsadaidh poblach o Riaghaltas na h-Alba.

'S e seo a' chiad turas a chaidh ceadachd na rèile agus an STAI a chur fo sgrùdadh aig comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.