Comataidh Sgrùdadh Poblach ri dhol a Ghlaschu airson Rannsachadh air Seirbheisean Eòlas-Cridhe

23.05.2012

Tha BPAan o Chomataidh Sgrùdadh Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba ri dhol a Ghlaschu an ath-mhìos mar phàirt de rannsachadh na Pàrlamaid air seirbheisean eòlas-cridhe na h-Alba. Bidh an luchd-poilitigs seo às Taigh an Ròid gu sònraichte a' rannsachadh nam bacaidhean a chuireas casg air daoine às na coimhearsnachdan nach eil cho math dheth agus iadsan às cuid àraid de na coimhearsachdan beaga eitnigeach ann an Alba bho bhith a' faighinn breithneachadh dhotairean ro-làimh, agus uime sin leigheas luath, on NHS.

Agus tinneas-cridhe mar an dàrna galar as marbhtach ann an Alba, 's aillse mar a' chiad ghalar, bheir na BPAan sùil air carson a bhios nas lugha de chothrom aig cuid de dhaoine air seirbheisean eòlas-cridhe na càch, agus air ciamar a ghabhas na seirbheisean seo a lìbhrigeadh air dòigh nas èifeachdaiche.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Iain Gray BPA:

"Ged a thuit àireamh nan daoine a fhuair bàs o na diofar sheòrsaichean de thinneas-cridhe ann an Alba le mu 40% thar nan deich bliadhna a dh'fhalbh, 's e ar n-àireamh fhathast as àirde ann an Taobh Siar na h-Eòrpa - 's tha na figearan fiù's nas àirde am measg nam fireannach ann an Alba, am measg nan cinnidhean eitnigeach agus am measg nan daoine a tha a' còmhnaidh anns na h-àiteachan as miosa dheth.

"Air na h-adhbharan sin, tha beachd làidir aig ar comataidh a thaobh a bhith a' faighinn a-mach à Dùn Èideann a dhol a dh'èisteachd gu dìreach ri easlaintich agus ri luchd-slàinte proifeiseantach san NHS. Tha ar comataidh a' dol a dhèanamh rannsachaidh a thaobh carson a tha nas lugha de chothrom aig cuid de dh'euslaintich air seirbheisean eòlas-cridhe seach càch, agus gus faighinn a-mach an gabhadh barrachd fhaotainn às luach an airgid a thaobh lìbhrigeadh nan seirbheisean seo."

Lean Mgr Gray air:

"'S i an fhìrinn chruaidh gu bheil na ràtaichean a thaobh leigheas tinneas-cridhe 's a leithid gu math nas lugha sna h-àiteachan as miosa dheth ann an Alba le 20% de dhaoine a' faotainn nas lugha leigheas san NHS na bhiodh dùil. Aig ceann eile na sgèile, tha figearan aig Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag innse dhuinn gum bi euslaintich a tha a' fuireach sna h-àiteachan as fheàrr dheth a' faotainn 60% nas motha de chothrom air seirbheisean eòlas-cridhe, rud a tha a' ciallachadh nach eil cothrom air leigheas co-ionann idir.

"Aithnichidh sinne gu bheil ròl aig an dà chuid euslaintich agus luchd-slàinte proifeiseantach ann a bhith a' leasachadh seirbheisean eòlas-cridhe, 's uime sin sa mhadainn air ar turas cuiridh sinn beagan tìde seachad ann an Druim a' Chapaill leis a' phròiseact Cum gu Math agus cuide ri luchd-obrach agus euslaintich on phròiseact phìolaiteach Cùram Ro-Làimh Muinntir Taobh Deas na h-Àisia. Cuideachd, cluinnidh sinn mu dheidhinn mar a bha do na dotairean ciad-sreath a bhios ag obair ann an cuid de na h-àiteachan as miosa dheth ann an Alba, agus coinnichidh sinn ri Buidheann Broilleach, Cridhe is Stròc na h-Alba. 

"San fheasgar bidh làn-choinneamh fhoirmeil chomataidh air chois ann an Seòmraichean Chathair Ghlaschu le fianais o bhuidhnean-cathrannais cridhe leithid Buidheann Cridhe Bhreatainn, o bhùird-slàinte mar NHS Ghlaschu 's a' Chluaidh, agus o Riaghaltas na h-Alba."

Tha dùil aig a' chomataidh gum foillsich iad fianais on rannsachadh air Seirbheisean Eòlas-Cridhe an dèidh fosadh an t-samhraidh.

Mion-fhiosrachadh air Turas Ghlaschu 

Dihaoine 22 Ògmios

Bidh buill na comataidh ri trì tursan-fiosrachaidh gu:

·         Buidheann Broilleach, Cridhe is Stròc na h-Alba.(BCSA): Coinnichidh buill ri euslaintich agus ri luchd-obrach taice gus bruidhinn riutha mu mar a chaidh dhaibh.

·         Pròiseact Ceann Domhainn agus Buidheann P3: Tachraidh buill ris an Oll. Watt, an Dr. Susan Langridge agus an Dr. Jim O' Neil on phròiseact Ceann Domhainn gus deasbad a chumail mu dheidhinn nan dùbhlan roimh dhotairean a tha ag obair gus dol an gleac ri tinneas-cridhe sna coimhearsnachdan as miosa dheth ann an Alba. Cuideachd, bidh a' bhuidheann seo a' beachdachadh air freagairtean cheisteachan bhon Bhuidheann 'P3', Patient Partnership in Practice / Com-pàirtichean Slàinte nan Euslainteach às Colaiste Rìoghail nan Dotairean ann an Alba. 

·         Prògram Cum gu Math agus pròiseact pìolaiteach Cùram Ro-Làimh Muinntir Taobh Deas na h-Àisia: Coinnichidh cuid de na buill ri luchd-obrach san raon sin cho math ri aona euslainteach a tha a' gabhail pàirt ann am prògram Cum gu Math aig Riaghaltas na h-Alba. Coinnichidh a' bhuidheann riuthasan a tha an-sàs ann am pròiseact pìolaiteach Cùram Ro-Làimh Muinntir Taobh Deas na h-Àisia cuideachd.

Aig a' choinneamh fhoirmeil ann an Seòmraichean Chathair Ghlaschu, a bhios a' tòiseachadh aig 1.45f, bidh fianais ri chluinntinn o:

·           Buidheann Broilleach, Cridhe is Stròc na h-Alba agus Buidheann Cridhe Bhreatainn

·           NHS Ghlaschu 's a' Chluaidh, NHS Lodainn

·           Oifigearan o Riaghaltas na h-Alba agus an Dr. Barry Vallance (Neach-co-chomhairleachaidh air Eòlas-Cridhe / Prìomh Neach-Leigheis Tinneas-Cridhe aig Buidheann Tinneas Cridhe na h-Alba). 

 

Tiogaidean don Phoball

Bidh àireamh bheag (mu 25) de thiogaidean airson suidheachan a chur air dòigh sa ghailearaidh phoblach don choinneamh ann an Seòmraichean na Cathrach. Bidh cothrom ann tiogaidean a chur mu seach seachdain ro-làimh - rach an conaltradh ri seirbheisean luchd-tadhail Pàrlamaid na h-Alba air 0131 348 5200.  Bu chòir do luchd nam meadhanan a tha ag iarraidh a' chùis a fhrithealadh dol an conaltradh ri Oifis nam Meadhanan aig a' Phàrlamaid air 0131 348 5389.

 

Bidh luchd-obrach Seirbheisean Ruigsinn o Phàrlamaid na h-Alba cuideachd an-sàs san turas a Ghlaschu le òraidean is taisbeanaidhean do bhuidhnean coimhearsnachd is luchd-taice euslainteach aig a bheil ùidh ann an seirbheisean eòlas-cridhe - airson mion-fhiosrachaidh, bruidhinn ri Pòl Mac Anndrais air 0131 348 5357.

 

Figearan-cùil air seirbheisan eòlas-cridhe  

A-rèir aithisg Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba, Seirbheisean Eòlas-Cridhe, a chaidh fhoillseachadh an Gearran 2012:

·                  'S e tinneas-cridhe an dàrna galar as marbhtach ann an Alba, agus aillse mar a' chiad ghalar.

·                  Thathar a' cosg an treas uidhir as motha air Eòlas-Cridhe am measg a h-uile raon sònraichte de leigheas - suas ri  £146 millean ann an 2010/2011.

·                   Tha am figear seo a' riochdachadh àrdachadh 50% de na chaidh a chosg thar nan ochd bliadhna a dh'fhalbh. 

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.