An urrainn do sporan poblach na h-Alba sluagh aosmhor na h-Alba a làimhseachadh? A’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan

25.05.2012

Tha sluagh na h-Alba a’ fàs aosda ach dè a’ bhuaidh a bhios aig an seo air a’ bhuidseit aca agus, nas cudromaiche, air dealbhadh agus lìbhrigeadh sheirbheisean poblach deatamach? Gus na ceistean sin a fhreagairt, tha Comataidh an Ionmhais air sgrùdadh a chur air bhog agus tha iad a’ sireadh bheachdan bhuidhnean agus dhaoine fa-leth.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA:

 

“Tha e coltach le bhith a’ coimhead air adhart gus bi sluagh na h-Alba a’ fàs aosda nas luaithe na a’ chòrr den RA. Mus ruig sinn 2035, bidh àrdachadh de 7% air aois sluagh obrach, bidh àrdachadh de 26% air an fheadhainn a bhios aig aois peinnsean, agus bidh àrdachadh de 82% air an fheadhainn a bhios aig aois 75 agus nas sine.

 

“Leis gum bi casg leantainneach air buidseitean na roinne poblaich, agus gum bi sluagh a’ gluasad, dè a’ bhuaidh a bhios aig an seo air maoineachadh poblach agus, nas cudromaiche, a’ bheil sinn ag ullachadh airson an àm ri teachd – gach cuid san ùine ghoirid agus san fhad ùine?

 

“Bidh fòcas an sgrùdaidh air dealbhadh airson, agus buaidh air maoineachadh poblach a tha gu sònraichte a’ buntainn ri solarachadh slàinte is cùram sòisealta, taigheadas agus peinnseanan agus luchd-obrach.”  

 

Tha Comataidh an Ionmhais an-toiseach a’ sireadh bheachdan sgrìobhte air  na cùisean sin, a’ toirt a-steach:

 

  • Slàinte is cùram sòisealta. Dè’n ìre gu bheil an cuideam a tha air slàinte is cùram sòisealta mar thoradh air sluagh a’ fàs aosda ann an coimeas ri dùbhlannan slàinte eile leithid reamhrachd?
  • Taigheadas. Dè am prìomh chuideam as coltaiche a laigheas air gach cuid stoc taigheadais poblach is prìobhaideach ag èirigh bho ghluasadan sluaigh agus dè bu chòir don riaghaltas agus do bhuidhnean poblach eile a dhèanamh a-nis gus dèiligeadh ris an seo?
  • Luchd-obrach. Dè mar a bu chòir poileasaidh poblach airson taic do sheann dhaoine a tha airson cumail orra ag obair agus cothroman obrach a chruthachadh dha daoine òga, a chothromachadh?
  • Peinnseanan.  Dè a’ bhuaidh as coltaiche a laigheas air maoineachadh poblach taobh a-staigh na h-Alba bho ghluasadan sluaigh, air sgeamachan peinnsean na roinne phoblaich agus dè bu chòir Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach eile a dhèanamh gus dèiligeadh ris an seo?

 

Cùl-fhiosrachadh

Clioc an seo airson raon-ùghdarrais an sgrùdaidh agus an gairm fianais.

 

San Fhaoilleach, chum a’ Chomataidh sreath de dheasbadan timcheall a’ bhùird a thaobh seasmachd airgid. Chaidh cuideam a chur air a’ chuspair seo ann am fianais eile air na bheachdaich a’ Chomataidh. Mar eisimpleir, thuirt Oifis Uallach a’ Bhuidseit san aithisg seasmhachd airgid (2011) aca—

 

‘tha gluasadan sluaigh na phrìomh bhunait de chuideam fad-ùine air ionmhas poblach’.

 

Gu co-chosmhail, thuirt aithisg bhon Ionmhas Maoineachaidh Eadar-nàiseanta (2009) mun ghàbhadh airgid—

 

‘A dh’aindeoin mòr-chosgais ionmhais a’ ghàbhaidh, is e gluasadan sluaigh mì-fhàbharach, co-dhiù ann an dùthchannan adhartach, a tha gu bhith a’ toirt prìomh bhuaidh air comas pàighidh san fhad-ùine.’

 

Dh’fhoillsich Comhairliche Ionmhais na Comataidh, an t-Àrd Ollamh Dàibhidh Bell, aithisg mu ‘Seasmhachd Airgid’, a’ mìneachadh cùisean a thaobh gluasadan sluaigh air buidseit na h-Alba. Clioc an-seo airson leth-bhreac den aithisg.

 

Tòisichidh a’ Chomataidh air seiseanan fianais bheòil san t-Sultain agus bidh iad an dùil aithisg fhoillseachadh san Fhaoilleach 2013.

Related content

 Inquiry remit and call for evidence into the Committee's Inquiry on Fiscal sustainability: Demographic change and ageing population

Contact information

Media

 

Committee

 

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

 

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.