Amannan-suidhe ùra is ceuman ath-leasachaidh aig Taigh an Ròid air an cur an cèill fa chomhair aontachaidh

30.05.2012

Chaidh atharrachaidhean a thaobh gnàth-riaghailtean Taigh an Ròid, far am bithear a' suidhe ann an Seòmar na Pàrlamaid fad trì feasgair san t-seachdain, a chur an cèill an-diugh le comataidh sa Phàrlamaid.

Tha na h-atharrachaidhean, a chaidh a thoirt seachad leis an Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA,  agus a leasachadh gu bhith mar phàirt de ghrunn cheuman ath-leasaichte le Comataidh Inbhean, Dòighean-Obrach is Cur-an-dreuchd Poblach, air an dealbh a chors gum bi a' Phàrlamaid nas èifeachdaiche a thaobh dèiligeadh ri ceistean a th' ann 's a thig an uachdar.

Ma thèid na ceuman is na pàtranan ùra suidhe aontachadh aig a' Phàrlamaid iomlan an ath-sheachdain (6 Ògmhios), tòisichidh a h-uile rud sa bhad an dèidh fosadh an t-samhraidh.

Agus gach mion-fhiosrachadh mu atharrachadh nan dòighean-obrach air a  chur an cèill, canaidh aithisg na Comataidh gum bi na ceuman mar thaic a thaobh 's gum bi:

·         seachdain-obrach phragtaigeach sa phàrlamaid ma thèid coinneamhan comataidhean a chumail sa mhadainn agus làn-sheiseanan san fheasgar;

·         làn-choinneamhan air chois gach Dimàirt gus leigeil leis a' Phàrlamaid ceistean a chur ris an Riaghaltas agus gnothaichean an latha a dheasbad nas traithe san t-seachdain; 

·         àm ceistean an latha air a thoirt a-steach a chuireas an comas buill nam beingidhean-cùil ceistean a chur ris an Riaghaltas gun mòran rabhaidh mu dheidhinn ghnothaichean a tha cudromach gu nàiseanta; 

·         barrachd tìde san t-Seòmar gus ceistean a chur ri ministearan (agus, gu dearbh, tha an t-seachdain-obrach a chaidh a mholadh leis a' Bhiùro agus a tha stèidhichte air aithisg na Comataidh cuideachd a' meudachadh na tha ri fhaotainn de dh'ùine airson dheasbadan);   

·         amannan nas giorra eadar ceistean a bhith air an cur a-steach agus air an cur (air am faighneachd) san t-Seòmar, a chuireas an comas buill nam beingidhean-cùil barrachd cheistean a chur mu ghnothaichean nas ùire.   

·         deasbad a bharrachd mu ghnothaichean nam ball san t-seachdain, a' gabhail a-steach àm a choreigin san latha an dèidh Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir, rud a mheudaicheas na tha ri fhaotainn de dh'ùine, agus de dh'inbhe, airson gnothaichean buill nam beingidhean-cùil. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Dàibhidh Mac Thòmais BPA: 

“Bha a' chomataidh againn riamh airson cur ri amas an Oifigeir Riaghlaidh ann a bhith a' toirt feabhas air mar a dhèiligeas sinn ris na cùisean is ùire 's ann a bhith a' cur ri comas na Pàrlamaid freagairt obann a thoirt seachad mu rudan a thig an uachdar. 

“Bidh an aithisg againn, ma thèid gabhail rithe aig a' Phàrlamaid iomlan, a' cur taic ri ath-leasachaidhean bunaiteach air dòighean-obrach na Pàrlamaid, agus tha a' chomataidh againn a' cur fàilte air seo. 

“Mar a bha soilleir san aithisg thùsail againn san Dùbhlachd, tha a' chomataidh a' faicinn seo mar thoiseach-tòisichidh pròiseis a bu chòir a bhith air chois fad an t-seisein seo. Tha e am beachd na comataidh againn sùil a chumail air dè cho èifeachdach 's a bhios na h-atharrachaidhean seo agus co-dhiù am biodh atharrachaidhean sam bith eile buannachdail." 

Nòtaichean-cùil

Gheibhear an aithisg iomlan "Ath-Leasachadh na Pàrlamaid - Atharrachaidhean ann an Gnàth-Riaghailtean" air duilleag eadar-lìon na Comataidh:

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheanLàithreach/29890.aspx  

Anns an aithisg (td 10), thathar a' sealltainn mar a bhios seachdain ùr na Pàrlamaid mar a mholar i, le comataidhean a' tighinn an ceann a chèile gach madainn o Dhimàirt gu Diardaoin 's iad san t-Seòmar gach feasgar.

Tòisichidh gach seisean san t-Seòmar le ceistean do Mhinistearan an Riaghaltais.

Bidh Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ga fhàgail mar a tha e, aig 12m.l. Diardaoin.

Chaidh na h-atharrachaidhean a thaobh nan gnàth-riaghailtean a thoirt a-steach a chor is gun tèid na ceuman a chaidh ainmeachadh leis a' chomataidh air 21 Dùbhlachd 2011 a chur an gnìomh.

Thug a' Chomataidh fa-near do mhìneachadh Biùro na Pàrlamaid anns na raointean sin far nach eil e a' gabhail ri molaidhean na Comataidh mar a bha iad sa chruth thùsail. Ann a bhith a' cumail sùil air dè cho èifeachdach 's a bhios na h-atharrachaidhean seo, tha seans gum bi a' Chomataidh a' dèanamh ath-sgrùdadh air molaidhean sam bith a tha air fhàgail san àm ri teachd.

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info
    @scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.