Comataidh ag iarraidh conaltradh nas fheàrr mu ghnothaichean Eòrpach

30.05.2012

Chaidh lochdan a thaobh seanailean agus nàdar chòmhraidhean eadar Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba mu ghnothaichean san Aonadh Eòrpach a thoirt gu aire an-diugh ann an aithisg a dh'fhoillsich Comataidh na Eòrpach is Dàimhean Taobh-a-Muigh.

Thàinig an co-dhùnadh seo an uachdar an dèidh rannsachadh a rinn a' Chomataidh air còmhradh eadar an dà Riaghaltas, an dà chuid roimh agus an dèidh coinneamh na Comhairle ann an Dùbhlachd 2011, nuair a dhiùlt Riaghaltas na RA taic a chur ri Cunnradh air feadh an AE gus aghaidh a chur air èiginn Ceàrn an Euro.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Nic Shealbhaich BPA:

 

"Ghabh ar Comataidh suim da-rìribh anns na chaidh a chumail a-mach a thaobh nach robh Riaghaltas na h-Alba an-sàs gu h-iomlan nuair a rinn Riaghaltas na RA co-dhùnadh mun Chunnradh. Leig ar rannsachadh am follais gun robh lochdan ri fhaotainn ann an seanailean is ann an nàdar a' chonaltraidh eadar Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba.

 

"Ghabh sinn misneachd a chluinntinn gun robh na draghan seo aig Riaghaltas na RA cuideachd, agus gu bheilear mu-thràth a' dèanamh oidhearp air cleachdaidhean is seanailean ùra conaltraidh a chur air bhonn eadar Dùn Èideann is Lunnainn. Bidh sinn a' cumail sùil gheur air na cleachdaidhean ùra seo gus dèanamh cinnteach gum bi iad gu leas na h-Alba. Mar a chaidh fhaicinn ri linn leasachaidhean a thachair o chionn ghoirid ann an Ceàrn an Euro, 's e seo àm cho cudromach is nach bu chòir dhuinn ach a bhith an teis-meadhain an deasbaid."

 

Nì a' Chomataidh:

 

·         Ath-sgrùdadh air cleachdaidhean sheanailean ùra taobh a-staigh 12 mhìos.  

·         Còmhradh a chur air chois ri Riaghaltas na h-Alba roimh na coinneamhean suidhichte aca ri Riaghaltas na RA far a bheilear a' deasbad gnothaichean an AE.  

·         Cuireadh bliadhnail a thoirt do Mhinistear na RA airson na Roinn Eòrpa nochdadh ron Chomataidh. 

·         Iarrtas gun tèid na coinneamhan eadar oifigearan Riaghaltas na h-Alba agus an coimpirean ann an Whitehall a chur air bhonn gu h-às ùr gus gnothaichean Eòrpach a dheasbad roimh choinneamhan na Comhairle Eòrpaich.  

·         Iarrtas gum bi Ministearan air thoiseach air na h-oifigearan aig a h-uile coinneamh den Chomhairle Eòrpach, neo-air-thaing dè an Riaghaltas sa bheil iad.

Cùl-sgeul

Aig Coinneamh Comhairle na h-Eòrpa ann an Dùbhlachd 2011, dhiùlt Riaghaltas na RA taic a chur ri Cunnradh air feadh an AE gus aghaidh a chur air èiginn Ceàrn an Euro. Mar thoradh air seo, dh'aontaich buill Ceàrn an Euro, cuide ris a h-uile stàt eile aig a bheil ballrachd san AE seach dà dhiubh, ainm a chur ri còrdadh fiosgail gus fuasgladh coitcheann don èiginn a bhrosnachadh.

 

Mus do ghabh coinneamh chudromach na Comhairle Eòrpach àite, chumadh grunn choinneamhan le ministearan eadar riaghaltas na RA agus an fheadhainn fhèin-riaghlaichte. Bha e soilleir o cho-litir gu Prìomh Mhinistear na RA o Chiad Mhinistearan na h-Alba agus na Cuimrigh, litir a chaidh a chur a-mach an dèidh Comhairle an Dùbhlachd, nach robh na coinneamhan seo a' coileanadh feum mar fhòram a thugadh rabhadh ro-làimh mun t-seasamh a bha e coltach a ghabhadh Riaghaltas na RA sa Chomhairle.

 

Chuir Comataidh Caidreamh Eòrpach is Gnothaichean Taobh-a-Muigh romhpa rannsachadh a dhèanamh air na còmhraidhean eadar Riaghaltas na RA agus na h-Alba, an dà chuid roimh agus an dèidh Comhairle Dùbhlachd 2011.

 

Tha an Còrdadh Fiosgail (ron a' seo, An Cunnradh air Seasmhachd, Co-òrdanachadh is Riaghladh ann an Aonadh Eaconamaidh is Airgid; air ainmeachadh cuideachd mar Chunnradh an Aontais Fhiosgail neo Cunnradh an Seasmhachd Fhiosgail) na chunnradh eadar-riaghaltasach ris an deachaidh ainm a chur leis a h-uile stàt a tha mar bhall den Aonadh Eòrpach ach Poblachd na Seice agus an Rìoghachd Aonaichte air 2 Màrt 2012. Thèid an Cunnradh a chur fo làn siùil air 1 Faoilleach 2013, ma bhios 12 bhall de Cheàrn an Euro air a dhaingneachadh mun àm sin.

 

Tha e riatanach fon Chòrdadh Fhiosgail gun toir na tha an-sàs leis buidseatan nàiseanta a-steach, buidseatan a tha air an cothromachadh air neo aig a bheil còrr air na tha a dhìth. Leigeadh Cùirt Ceartais na h-Eòrpa càin suas ri 0.1% den Làn-Thoradh Dùthchail (LTD) air dùthaich mura robh seo air a dhèanamh bliadhna an dèidh an daingneachaidh.

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Fiosrachadh conaltraidh

Fiosrachadh Poblach

Lean air twitter sin @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.