Dìth adhartais phàistean fo chùram "ro mhòr gabhail ris"

31.05.2012

Tha cuid de na pàistean as so-leònte ann an Alba fhathast air dheireadh air chàch a thaobh foghlaim, a dh'aindeoin cheuman a bhios an-sàs gus an cuideachadh, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Tha figearan aig Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gu bheil ìrean adhartais nam pàistean sin a tha fo chùram, a thaobh toraidhean an deuchainnean, glè ìseal an taca ris na th' aig pàistean eile. Fhad 's a bhios 56% den fheadhainn a dh'fhàgas sgoil a' toirt a-mach còig no barrachd theisteanasan, chan eil ach 4.7% den fheadhainn a tha fo chùram ann an àiteachan eile seach san dachaigh, agus 0.5% a tha fo chùram anns an dachaigh, a' toirt a-mach nan toraidhean ceudna.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stewart Maxwell BPA:

 

"Tha sinn uile mothachail air na dùbhlain a tha roimh phàistean fo chùram. On àm a ghabh sinn ar dleastanasan fhèin oirnn sa phàrlamaid, tha raon phoileasaidhean air a bhith ann a tha ag amas air na bheir a leithid seo de phàistean a-mach a thaobh am foghlaim. Mar sin, tha e soilleir gu bheil leasachadh a dhìth air an siostam a th' ann an ceartuair mar thaic do phàistean, agus tha e soilleir cuideachd gu bheil an dìth adhartais fhathast ro mhòr gabhail ris. Gu sònraichte, chaidh innse don chomataidh gu bheil mì-bhuannachdan air leth roimh na pàistean sin a tha fo chùram san dachaigh.

 

"Ri linn an rannsachaidh thàinig e an uachdar gum feumar cothromachadh mothachail doirbh a chur an-sàs eadar a bhith a' toirt taic do theaghlaichean san dachaigh no a' dol san eadraiginn gus pàistean a thoirt air falbh o shuidheachaidhean a dh'fhaodadh cron a dhèanamh orra. 'S e sin an adhbhar a tha sinn air aontachadh gun dèan sinn rannsachadh eile, rannsachadh nas mionaidiche, san raon seo."

 

A bharrachd air a dleastanas a thaobh rannsachaidh eile, rinn a' chomataidh grunn mholaidhean mionaideach gus aghaidh a chur air a' cheist imfhillte seo, nam measg:

  

  • bu chòir beachdachadh air feumalachdan sònraichte phàistean fo chùram a rèir ro-innleachd Bliadhnaichean Tùsail Riaghaltas na h-Alba agus an ro-innleachd nàiseanta a thaobh pàrantachaidh; 
  • bu chòir 's gun dèanar oidhirp air feadh na dùthcha gus dèanamh cinnteach gum bi ròl nas motha aig saor-thoilich ann a bhith a' toirt taic do phàistean fo chùram, a' cur ris an obair a nì proifeiseantaich oilte;
  • bu chòir 's gum bi dòigh nàiseanta clàraidh ann air na bheir pàistean fo chùram a-mach san fharsaingeachd ann am foghlam, seach a bhith a' dìreadh air toraidhean an deuchainnean; agus 
  • bu chòir trèanadh nas fheàrr a thoirt do luchd-cùraim proifeiseanta anns a h-uile seirbheis iomchaidh air feumalachdan àraid phàistean fo chùram.    

Cùl-sgeul

'S iad pàistean fo chùram feadhainn a bhios an aona chuid a' còmhnaidh nan dachaigh fhèin fo riatanas stiùiridh, air neo a chaidh a chur le ùghdarras ionadail fo chùram chàirdean, fo altramachd neo gu ionad-còmhnaidh.

 

Thathar a' meas gu bheil mu thuaiream 16,000 pàiste fo chùram ann an Alba 's cha mhòr 5,500 fo chùram san dachaigh.

 

A' cleachdadh dòigh car ùr-ghnàthaichte san rannsachadh seo, chum a' chomataidh deasbad san t-Seòmar mus do dh'fhoillsich iad an aithisg a chor ’s gum faigheadh iad beachd is sgeul a h-uile Ball. Cuideachd, chum a' chomataidh mòr-thachartas cuide ris an fheadhainn chiad-sreath a dh'obraicheas le pàistean fo chùram, mar oidhirp air fuasgladh pragtaigeach fhaotainn do na duilgheadasan a bhios roimh phàistean fo chùram.

 

Cuideachd, dh'èist a' chomataidh ri fianais-bheòil bho raon farsaing bhuidhnean ri linn sheiseanan, nam measg Clann Air Thoiseach, Comann Luchd-Stiùiridh Obrach Shòisealta na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba.

 

B' iad còig prìomh chuspairean an rannsachaidh:

 

·         Ullamhachd Ionnsachadh

·         Taic san Sgoil

·         Cur-an-gnìomh phoileasaidhean is laghan a th' ann 

·         Co-obrachadh

·         Maoin.

 

Gheibhear làn-fhiosrachadh air rannsachadh na comataidh tron cheangal seo:

 

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheanLàithreach/41975.aspx

Related links

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.