Buntanas pàrlamaideach aig cridhe na deasbaid

04.06.2012

Tha co-labhairt gu bhith ann far am bi còrr agus lethcheud pàrlamaideach eadar-nàiseanta a’ deasbad ciamar a nithear pàrlamaidean nas buntainniche. Gabhaidh i àite aig Pàrlamaid na h-Alba air Diluain 11 agus Dimàirt 12 Ògmhios. ’S e th’ innte ach an 42ra Co-Labhairt aig Roinn nan Eileanan Breatannach ’s na Mara Meadhan-Tìrich de Chomann Pàrlamaideach a’ Cho-Fhlaithis (CPA). ’S e Meur Alba CPA a tha ga cur air dòigh.

Air Diluain, bidh seiseanan a’ rannsachadh buannachdan a’ chosg thoirmeasgaich (preventative spending) agus lìubhairt sheirbheisean ann an coitheacsa gearradh chosgaisean. Am measg an luchd-labhairt bidh:

 

  • Rùnaire Caibineit an Ionmhais agus an Fhàis Sheasmhaich aig Riaghaltas na h-Alba, Iain Swinney BPA.
  • Stiùiriche Aonad Albannach an Lughdachaidh Fòirneirt, Prìomh Stiùireadair Lorg-Phoilis Iain Carnochan QPM, FFPH.
  • Ollamh na h-Eaconomaigeachd aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, Alice NicAoidh.
  • Àrd Dhuine Rannsachaidh Chlinigich aig Oilthigh Ghlaschu, an Dr Filip MacUilleim.
  • Rùnaire a’ Chùmhnaint Bhun-Reachdail (Poblachd na h-Èireann), Art Ó Laoire.

 

Air Dimàirt bheir Sir Uilleam Patey KCMG, seann Tosgaire RA ri Afghanastan, geàrr-chunntas air a chuid bheachdan air atharrachadh poileataigeach san 21mh linn. Feasgar, bidh seisean panail a’ deasbad co-dhiù tha na meadhanan a’ toirt democrasaidh gu cluasan ùra. ’S iad buill a’ phanail seann BhPA Iain MacCailein, Deasaiche Gnìomha buidheann phàipearan-naidheachd an Albannaich Uilleam Jamieson, agus Carol Madison Ghreum, a tha na neach-comhairle ’s na h-ùghdar. Dùinear an latha le taisbeanadh air meadhanan sòisealta agus conaltradh poileataigeach on Dr Dimitri Christopoulos, Àrd-Òraidiche Poileataigs aig Oilthigh Taobh Siar Shasainn.

 

A’ bruidhinn ro thoiseach an tachartais, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA:

 

“Tha Pàrlamaid na h-Alba air i fhèin a stèidheachadh gu daingeann a-nis mar àrd-ùrlar èifeachdach deasbaireachd an dà chuid aig an taigh ’s thall thairis. Dh’obraich Meur Alba CPA cruaidh gus prògram a dheilbh a thairgeas seiseanan dùbhlanach agus fiosrachail air mar a nochdas pàrlamaidean am buntanas rin luchd-bhòtaidh. Tha mi a’ gabhail fadachd ri ar n-aoidhean fhàilteachadh gu Taigh an Ròid agus ri dhol dhan chathair aig deasbadan beòthail a bhios nan culaidh-smuain.”

 

Cùl-cinn

 

Mar as trice bidh a’ cho-labhairt air a cumail a h-uile bliadhna. Bidh gach Meur a’ gabhail car mu seach na fhear an taighe. Cha do ghabh co-labhairt àite ann an 2011. B’ e Meur Eilean Mhanainn fear an taighe ann an 2010. B’ e Meur Alba fear an taighe ann an 2001 cuideachd.

 

Tha REBMMT a’ gabhail a-steach Alderney agus Sark, a’ Chìopras, Eileanan Fàclainn, Gibraltar, Geansaidh, Eilean Mhanainn, Malta, Èirinn a-Tuath, Alba, St Helena, RA, a’ Chuimrigh.

 

Tha an CPA na chomann do luchd-pàrlamaid Co-Fhlaitheasach a tha, gun ceist a chur air gnè, cinneadh, creideamh no cultar, aonaichte le coimhearsnachd ùidhe, le spèis do riaghailt an lagha agus do chòireannan ’s do shaorsachan fa leth, agus le tòireachd air prionnsabalan adhartach an democrasaidh phàrlamaidich.

 

Tha Comataidh Gnìomha Meur Alba CPA air a dhèanamh suas de cheithir BPhA: Sandra White, Patricia NicFhearghais, Mairead Mitchell agus Tamhais Scott. Bidh iad uile sa chathair aig diofar sheiseanan sa cho-labhairt.

 

Air Diciadain tadhlaidh riochdairean air Geamaichean a’ Cho-Fhlaithis ann an Glaschu.

Fios Conaltraidh

Fiosrachadh do na meadhannan

• Sally Coyne: 0131 348 6265
• Fàilte ro text relay
• sally.coyne@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh a' phobaill
• Fòn: 0800 092 7500
• Fòn teacsa 0800 092 7100
• Fàilte ro Theacs Relay
• Teacsa: 07786 209888
• sp.info@scottish.parliament.uk

Lean air twitter sin @ParlAlba

 
Taga twitter na co-labhairt: #bimr2012

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.