Tha fòcas gu bhith ann an Gnìomhachas sa Phàrlamaid air mar a bhrosnaicheas sinn an ath ghinealach de luchd-tionnsgainn ann an Alba

08.06.2012

Bidh dithis den luchd-tionnsgainn as soirbheachail a th’ann an Alba, Sir Tom Hunter agus Jim  McColl an-diugh mar phàirt de phrìomh thachartas ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bidh an seachdamh co-labhairt bliadhnail de Ghnìomhachas sa Phàrlamaid a’ deasbad mar as urrainn dhuinn a bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de luchd-gnìomhachais ann an Alba.

Innsidh luchd-tionnsgainn adhartach, luchd-gnìomhachais is eòlaichean foghlaim bho air feadh na h-Alba don tachartas mar as urrainn do thionnsgainn fàs seasmhach a thoirt air an eaconomaidh aig gach ìre de ghnìomhachas – ge-bith a bheil seo aig ìre tòiseachaidh, aig ìre cuir bathar a-mach, no an uair a thig atharrachadh air gnìomhachas. 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Tha mi toilichte gur urrainn do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh deasbad a chuir air chois le bhith a’ toirt còmhla còrr is 200 de phrìomh ainmean à saoghal gnìomhachais, poilitigs agus an roinn phoblaich.  

“Tha an seachdamh tachartas bliadhnail de Ghnìomhachas sa Phàrlamaid a’ toirt cothrom air leth ùr agus inntinneach seachad gu bhith a’ beachdachadh air agus a’ deasbad suidheachadh tionnsgainn ann a bhith a’ lìbhrigeadh fàs seasmhach san eaconomaidh ann an Alba.”

Thuirt Sir Tom Hunter:

“Tha àm ri teachd na h-Alba ann an làmhan a h-uile duine againn; feumaidh sinn seasamh suas gu làidir agus àm ri teachd a lìbhrigeadh airson na dùthcha moiteil, moiteil seo.

“Ma nì sinn na rinn sinn roimhe, cha shoirbhich leinn; feuch rudan ùra; le deuchainnean; àrd-amasan, amasan fada agus tha mi den làn-bheachd gun ath-ùraich sinn an saoghal ùr.” 

Tha an tachartas air a cho-eagrachadh le Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba agus am measg an fheadhainn a tha a’ cur ris an tachartas tha:

  • An t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA;
  • Am Prìomh Mhinistear, am Fìor Urr. Ailig Salmond BPA;
  • Neach-gairm Comataidh Eaconomaidh, Lùths agus Turasachd, Murchadh Friseal BPA;
  • Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas, Fastadh agus Fàs Seasmhach Iain Swinney BPA;
  • Ceannard Ionad Hunter airson Tionnsgainn, An t-Àrd Ollamh Sàra Carter OBE;
  • Stiùiriche Urras a’ Phrionsa airson Gnìomhachas Òigridh na h-Alba, Geoff Leask;
  • Leas-chinn Suidhe Reic, Deoch Eadar-nàiseanta, Calum Leask.

Thuirt Murchadh Friseal BPA, Neach-gairm Comataidh Eaconomaidh, Lùths agus Turasachd:

“Aig àm nuair a tha an economaidh againn fìor ìseal, feumaidh sinn beachdachadh ùr, fuasglaidhean làidir agus sealladh co-òrdanaichte gus a chuideachadh gluasad air adhart a-rithist.

“Innsidh cuid den luchd-gnìomhachais as soirbheachail ann an Alba an-diugh dhuinn dè a bu chòir dhuinn a dhèanamh gus a bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de luchd-tionnsgainn”.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas, Fastadh agus Fàs Seasmhach, Iain Swinney BPA:

“Bidh Riaghaltas na h-Alba, an cois ar buidhnean iomairt agus Riaghaltasan Ionadail, ag obair gu dlùth le gnìomhachas is tionnsgainn gus dèanamh cinnteach gun lean an dùthaich a’ dol mar àite farpaiseach airson gnìomhachas, a’ cruthachadh bheachdan ùra agus luchd-tionnsgainn ùra. Thathas a’ toirt aithne do dh’Alba airson na tha i a’ cur ri dealbhadh an t-saoghail ùr tro ùrachais agus tha e cudromach gum bi sinn ag obair còmhla air a’ chliù a tha sin gus dèanamh cinnteach gun cum Alba a h-àite mar an àrainneachd as farpaisiche airson gnìomhachas san RA.

“Aig Co-labhairt Gnìomhachas sa Phàrlamaid gheibhear cothrom math do luchd-gnìomhachais adhartach, eòlaichean foghlaim agus luchd-poilitigs airson a thighinn còmhla gus beachdachadh eatorra air an dòigh as fheàrr as urrainn dhuinn a bhith a’ misneachadh agus a’ brosnachadh luchd-dèanadais na h-Alba na planaichean fàs aca a thoirt gu buil agus tuilleadh a chur ri soirbheachas eaconomach na h-Alba.”

Cùl-fhiosrachaidh

Gheibhear làn chlàr gnothach airson tachartas Gnìomhachas sa Phàrlamaid an seo. Thèid na seiseanan a bhios anns an t-Seòmar Deasbaid a chraoladh beò air TBh na Pàrlamaid.

Contact information

Media

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

 You can follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.