An Taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ ann an Inbhir Nis

12.06.2012

Thig taisbeanadh a sheallas mar a chaidh daoine an-sàs ann am Pàrlamaid na h-Alba gus cùisean atharrachadh gu Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis an-diugh (Dimàirt, 12 Ògmhios). Air Diardaoin, cuiridh Fòram Òigridh na Gàidhealtachd, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, DVD ùr air bhog gus aire dhaoine a thogail air ciorram aig an taisbeanadh.

 

Bidh 'Sgeulachdan Siùbhlach' a' measgachadh obair-chamara, nìthean agus stuth lèir-chlaisneach gus sgeulachd deichnear - a chaidh an-sàs ann an iomairt agus sa Phàrlamaid - a rinn diofar ann an Alba fèin-riaghailte innse.

 Am measg na tha san taisbeanadh eadar-ghnìomhach tha sgeulachd Gemma Nic an Tòisich às Inbhir Nis, a tha na ball de Haggeye - pròiseact do dhaoine òga bho aois 12 gu 25 aig a bheil duilgheadasan fradhairc agus a bhios ri iomairtean gus seirbheisean, goireasan agus stuthan so-ruigsinneach fhaotainn.

 Agus i a' toirt tarraing air imrich an taisbeanaidh a dh'Inbhir Nis, thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, Tricia Marwick BPA:

 "Tha còrr is 200,000 neach air an taisbeanadh seo fhaicinn mu-thràth 's e a' siubhal thar na h-Alba. Tha mise glè thoilichte gu bheil e fhathast a' dol mun cuairt na dùthcha, oir tha e cudromach gum bi Pàrlamaid na h-Alba a' dèanamh ceangail ri èasgaidheachd, misneachd is amasan ar n-òigridh.

 "Is iomadh dòigh san tèid daoine an-sàs sa Phàrlamaid, eadar a bhith a' togail iomairt, a' cur a-steach athchuinge neo a' conaltradh ri BPAan aig tachartas neo taisbeanadh a tha fo urras bhall, agus 's e amas 'Sgeulachdan Siùbhlach' ach cuid de na dòighean sin a chur fa chomhair dhaoine."

 Fòram Òigridh na Gàidhealtachd

Bidh Fòram Òigridh na Gàidhealtachd, a bhuannaich co-fharpais 'Faigh an Dealbh!' aig Pàrlamaid na h-Alba an-uiridh, a' cur air bhog an DVD ùr aca air a bheil an tiotail 'Na Cuir Mise ann am Bogsa!' air Diardaoin 14 Ògmhios aig Taigh-cluiche Eden Court mar phàirt den taisbeanadh Sgeulachdan Siùbhlach.

 Bidh an DVD agus pasgan-stuthan do luchd-teagaisg cuideachd ri fhaotainn aig bòrd an Fhòraim ann an Taigh-cluiche Eden Court mar oidhirp aire dhaoine a thogail air ciorram. Airson barrachd fiosrachaidh, bruidhinn ri Celia Baxter aig Fòram Òigridh na Gàidhealtachd air 07789 680811.

Cùl-sgeul

Fanaidh taisbeanadh Sgeulachdan Siùbhlach ann an Taigh-cluiche Eden Court gu Diluain 23 Iuchar.

 'S iad an deichnear aig am bi sgeul san taisbeanadh:

Gemma Nic an Tòisich, A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a bhios ag iomairt airson taic nas fheàrr do dhaoine ann an Alba aig a bheil trioblaid fradharc.

“Tha mise air aon eisimpleir de mhòran daoine le feumalachdan a bharrachd a chaidh a leigeil sìos le siostam an fhoghlaim. Tha mi airson an siostam atharrachadh agus mar a dhèiligear ri clann le trioblaid fradharc."

 

Bob Reid, Alba mu Dheas, a chuir athchuinge a-steach gus Goireasan do Mhotor-Rothairean Far-an-Rathaid a chur air chois. 

“Creididh mise gu làidir gu bheil mar gum biodh iuchar ann don a h-uile òganach, as bith dè na duiligheadasan aca... thoir dhaibh dùbhlan ùr, rudeigin a thuigeas iad, rudeigin dom buin iad."

Tina NicÌomhair, A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a chuir athchuinge post-d a-steach mu oidhirp leigheasan aillse fhaotainn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

“Chuir sinn romhainn iomairt a chur air bhonn, ged nach robh guth air an fhacal iomairt aig an àm. Sgrìobh Mìcheal litir agus sheòl mise mar phost-d i don a h-uile duine air an siostam agam 's dh'iarr mi orra a cur chun nam Ball-Pàrlamaid aca, 's mar sin b' e sin an toiseach-tòisichidh."

 

Walter Baxter, Taobh an Ear-thuath na h-Alba, a chuir athchuinge air dòigh gus cur an aghaidh mar a bhathar a' coimeasgadh ionadan sònraichte airson dhaoine a dh'fhulaingeas dòirteadh-fala eanchainne.

“Tha a bhith a' fulaing le tinneas-eanchainne glè dhoirbh, chan ann dhut fhèin a- mhàin ach do na daoine a tha a' toirt an aire dhut. 'S e glè bheag de chùram an dèidh làimh a th' ann do dhaoine le tinneasan eanchainne."

 

John Muir, Taobh a Siar na h-Alba, a chuir athchuinge a-steach gus cur an aghaidh eucoir le sgeinnean an dèidh bàs a mhic.

“Saoilidh mi gun do thuig muinntir Ghrianaig agus daoine sna ceàrnaidhean mun cuairt gur e suidheachadh mo mhic Damian rud a dh'fhaodadh tachairt dha mac no nighean aca fhèin... feumaidh rudeigin atharrachadh."

 

An t-Urr. Iain Dòmhnallach, A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a tha air Àm Cnuasachaidh a stiùireadh an am Pàrlamaid na h-Alba.

“Tha daoine an seo gu mòr an-sàs san rud ris an canar coimhearsnachd, agus ann an ceistean ceartas sòisealta. 'S e chuireas fìor choimhearsnachd an cèill ach ciamar a bheirear aire do na daoine is feumaile aice."  

Iain MacLeòid, Lodainn, a chuir dà athchuinge a-steach mu chùisean Gàidhlig, agus a tha gu mòr an-sàs ann an cùisean cultar is Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

“'S e bh' air chùl na h-iomairt ach feum air inbhe shònraichte don chànan a chors gum bi leasachaidhean leantainneach comasach san àm ri teachd."

 

Amal Azzudin à Glaschu, a thog iomairt an aghaidh a bhith a' glacadh luchd-sireadh-tèarmainn sa chamhanaich leis nach do shoirbhich dìon poilitigeach fhaotainn.

“'S e a thugadh a-mach leis an iomairt aig a' char is motha ach aire a thogail... 's e sin an aon rud a b' urrainn dhuinn a dhèanamh."

Claire Ewing, Ball de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba.

“Buinidh poilitigs ris a h-uile rud 's ris a h-uile àite, ach cha tuig an òigridh sin... ma tha rud a dhìth ort, nì thu strì air a shon... feumaidh tu creidsinn annad fhèin agus anns gach nì a tha thu ris."

Rebecca Brown, Teis-meadhain na h-Alba, a rinn greis-gnìomhachais aig oifis roinneil a BPA ionadail.

“An tuigse gum buin poilitigs ris a h-uile rud. Chan eil dol às agad... gu fìrinneach, feumaidh tu a bhith an-sàs ann, bheir e buaidh ort co-dhiù."

Contact information

Media

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100.
  • We also welcome calls using the Text Relay service.
  • Text message: 07786 209888      
  •  sp.info
    @scottish.parliament.uk
                                                                                                                                                                          
    You can follow us on twitter @scotparl
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.