Tillidh taisbeanadh Dealbhan Luchd-Naidheachd an t-Saoghail don Phàrlamaid as t-Samhradh

15.06.2012

Tillidh sàr-dhealbhan naidheachd eadar-nàiseanta gu Pàrlamaid na h-Alba san Iuchar nuair a bhios obair luchd-duaiseCo-fharpais Dealbhan Luchd-Naidheachd an t-Saoghail (Word Press Photo - WPP) ri fhaicinn sa Phrìomh Thrannsa. Cuideachd, nì an neach-camara Ilvy Njiokiktjien, aig a bheil duaisean airson a cuid obrach, òraid phoblach saor 's an asgaidh mun obair aice.   

'S e Dùn Èideann ciad àite-tadhail an taisbeanaidh siubhlach seo san RA, far am bithear a' sealltainn gach saothar a bhuannaich fo na naoi cuspairean uile. Bhon dealbh a bhuannaich san fharsaingeachd anns a bheil màthair Yemeni agus burqa air h-aodann 's a mac ciùrrte na h-uchd, gu feadhainn eile mar cho-fharpaisean deireannach nam fear làidir, nighneagan-bainnse agus mathan bàn a' dìreadh creige, bidh CDLS a' cur an cèill cathan an t-saoghail, spòrs, nàdar agus beatha àbhaisteach ann an taisbeanadh làidir drùidhteach.

 

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA:

 

"Cuiridh taisbeanadh Luchd-Naidheachd an t-Saoghail solas air daoine 's air tachartasan air feadh na cruinne, a' glacadh, tro ìomhaighean làidir tarraingeach, mar a tha prìomh naidheachdan air buaidh a thoirt air beatha daoine san t-sreath.

 

"Dèiligidh tòrr dhe na h-ìomhaighean ri cogadh is còmhrag, agus cuiridh iad nar cuimhne cho fortanach 's a tha sinn ann an Alba, far a bheil deasbad an eisimeil ri briathran 's chan ann ri buill-armachd.

 

"Cuideachd, cuiridh an taisbeanadh an cuimhne dhuinn mar a bhios luchd-camara 's naidheachd gan cur fhèin fo chunnart gus na h-ìomhaighean seo a ghlacadh. Tha an taisbeanadh a' dìreadh air obair an neach-camara às an Fhraing, Rémi Ochlik, a bhuannaich co-fharpais nan Naidheachdan Coitcheann le sreath dhealbhan mun chath ann an Libya. Chaidh a mharbhadh na bu traithe am bliadhna nuair a bhuail bomba an togalach anns an robh e fhèin is luchd-naidheachd eile ag obair, ann an Homs an Syria."

 

Bidh taisbeanadh CDLS ri fhaicinn ann am Prìomh Thrannsa na Pàrlamaid o Dhiardaoin 5 Iuchar gu Disathairne 28 Iuchar, fosgailte gu h-anmoch gach Diardaoin. Tha e saor 's an asgaidh.

 

Òraid neach-camara a fhuair duaisean 

Nì an neach-camara Ilvy Njiokiktjien, a bhuannaich duaisean airson a h-obrach, òraid phoblach saor 's an asgaidh mun obair aice aig 4.30f air Diciadain 4 Iuchar aig Pàrlamaid na h-Alba.

 

Bhuannaich Ilvy dà dhuais aig CDLS 2012. Fhuair i a' chiad duais anns a' cho-fharpais Aithris Cuspair tro Iomadh Meadhan le 'Afrikaner Blood', agus an dàrna duais anns a' cho-fharpais 'Cùisean Aon-fhillte an Latha-an-Diugh', cuideachd airson 'Afrikaner Blood'.

 

Tha am pròiseact stèidhichte air campa-trèanaidh Kommandokorps ann an Carolina an Taobh Deas Afraca a th' air a ruith le duine a ghabh 'Còirneal' air fhèin, Franz Joosie, a bha fo sheirbheis Feachdas Dìon Taobh Deas Afraca aig àm san robh an t-seann sgaradh fo rèim. Cuiridh esan air dòigh campaichean air feadh saor-laithean an t-samhraidh do dheugairean òga geala, a' teagasg dhaibh mar a dhèiligeas iad ri rud a shaoilear a bhith mar nàmhaid 'dubh'.

 

Cùl-sgeul

Air chois a-nis fad 55 bliadhna, 's e Co-fharpais bhliadhnail Obair-Chamara Luchd-Naidheachd an t-Saoghail a' phrìomh cho-fharpais eadar-nàiseanta dhe seòrsa, a' cur an cèill ìre feabhais a dh'fheumar a ruigsinn. Thèid a breithneachadh aig oifis Obair-Chamara Luchd-Naidheachd an t-Saoghail sna Tìrean Ìseal.

 

Tarraingidh a' cho-fharpais iarrtasan o luchd-camara proifeiseanta, luchd-naidheachd a ghabhas dealbhan agus iadsan a nì dealbhan airson phrògraman aithriseach bho air feadh an t-saoghail, le 5,247 neach-camara às 124 dùthchannan a' gabhail pàirt am bliadhna, le 101,254 dealbhan a chaidh a chur a-steach ron latha crìochnachaidh ann am meadhan an Fhaoillich.

 

Thug am pannal-breithneachaidh duaisean fo naoi cuspairean do 57 neach-camara às 24 dùthchannan: Afganastàn, Argantìn, Astràlia, Bòsnia agus Herzegovina, Canada, An t-Sìn, An Danmhairg, An Fhraing, A' Ghearmailt, Na h-Innsean, Iràn, Èire, An Eadailt, Seapàn, Meicseago, Na Tìrean Ìseal, Nirrbhidh, An Ruis, Afraga a Deas, An Spàinn, An t-Suain, An Rìoghachd Aonaichte agus Na Stàitean Aonaichte.

 

Agus mu 100 taisbeanadh ionadail air dòigh gach bliadhna, 's e turas agus taisbeanadh WPP as measaile air feadh an t-saoghail.

Fios conaltraidh

Meadhannan

Fiosrachadh a' Phobaill

Faodaidh tu ar leantainn air twitter @ParlAlba/ @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.