Rannsachadh lùths ath-nuadhachail air cruinneachadh fianais a’ crìochnachadh

15.06.2012

Bidh Comataidh Eaconomachd, Cumhachd agus Turasachd, a chuir rannsachadh air chois o chionn ceithir miosan air lùths ath-nuadhachail, a’ crìochnachadh a h-obair a thaobh cruinneachadh fianais air cho ruigsinneach ’s a tha na targaidean aig Riaghaltas na h-Alba mu lùths ath-nuadhachail aig coinneamh Diciadain (20mh den Ògmhios).

Bidh Comataidh Eaconomachd, Cumhachd agus Turasachd, a chuir rannsachadh air chois o chionn ceithir miosan air lùths ath-nuadhachail, a’ crìochnachadh a h-obair a thaobh cruinneachadh fianais air cho ruigsinneach ’s a tha na targaidean aig Riaghaltas na h-Alba mu lùths ath-nuadhachail aig coinneamh Diciadain (20mh den Ògmhios).

 

Tha an t-Urramach Ed Davey, Rùnaire Stàite airson Lùths agus Atharrachadh Cliomaid, a’ toirt fianais mu choinneamh buill pàrlamaid na h-Alba mu dheidhinn na buaidh a bhiodh aig Bile a’ Chumhachd aig Pàrlamaid an Rìoghachd Aonaichte. Bidh Fearghas Ewing BPA, Ministear na h-Iomart, a’ Chumhachd agus an Turasachd, an neach-fianais mu dheireadh a bhruidhneas mu choinneamh na Comataidh agus crìochnaichidh obair na Comataidh a thaobh cruinneachadh fianais leis an teisteanas aige.

 

Thuairt Neach-gairm na Comataidh Eaconomachd, Cumhachd agus Turasachd, Murchadh Friseal BPA:

 

“Bha an rannsachadh seo gu math farsaing, a’ toirt a-steach a h-uile càil bhon an teicneòlas a tha a dhìth oirnn gus na targaidean a’ choileanadh, gu na sgilean deatamach airson atachadh a’ ghniomhachais a’ stiùireadh anns an àm ri teachd, chun an t-siostaim dealbhaidh, ionmhais, agus a’ bhuaidh a bhios aig cumhachd-ghaoithe air tìr air turasachd agus coimhearsnachdan.

 

“Anns na miosan bhon a thòisich an rannsachadh seo, bhruidhinn sinn ri 80 luchd-fianais, a thug seachad iomadach beachdan diofaraichte dhuinn agus a dh’abhraich beagan de choinnspaid. Thig a’ Chomataidh a-nis gu a co-dhùnaidhean deireannach agus foillsichidh i a h-aithisg as t-Fhoghar.”

 

Chuala a’ Chomataidh còrr air 25 uairean a-thìde de theisteanasan bho luchd-fianais agus chaidh timcheall air 400 beachdan sgrìobhte a chur a-steach thuca.

 

Thèid a’ Chomataidh a Fhìobha, ann an turas dheireannach airson fiosrachadh a’ chruinneachadh, gus tadhail air BiFab agus Ionad “Future Skills” aig Colaiste Adam Smith air Diluain (18mh den Ògmhios). Tha a’ Chomataidh air fianais a’ chruinneachadh ann an Siorrachd Pheairt, an Arcaibh s’an Cataibh.

 

Cùl-fhiosrachadh

Chuir a’ Chomataidh air chois an rannsachadh air lùths ath-nuadhachail aca a-thaobh an gabh amasan Riaghltas na h-Alba a choileanadh taobh a-staigh a Mhapa Slighe 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte no nach gabh, a’ sgrùdadh gu sònraichte an targaid mhòr gum biodh Alba a’ gintinn 100% de chuid dealain fhèin o stuthan-ath-nuadhaichte mu 2020.

 

Am measg nan ceistean as cudromaiche a bha air am beachdachadh ri linn an rannsachadh, bha:

·         A bheil an teicneòlas a choileanas gach targaid ri fhaighinn agus a bheil e neo-chosgail?

·         A bheil ar n-oilthighean agus ar n-ionadan rannsachaidh deiseil airson dèiligeadh ris an iarrtas airson leasachadh teicneòlach?

·         Ciamar a ghabhas prìomhachaisan nàiseanta agus ceistean na chùis ùidhe aig ìre ionadail a rèiteachadh?

·         A bheil sinn fìor chinnteach gun gabh am bun-structair a tha a dhìth an-drasta a leasachadh is a mhaoinicheadh a chor ‘s gun rèic Alba an dealain a tha i a’ gintinn a bharrachd ris a chòrr den Rìoghachd Aonaichte?

·         De a’ bhuaidh a bhios aig a seo air prìsean dealain airson luchd-chleachdaidh?

·         Am bi maoineachadh gu leòr ri fhaighinn, a leigeas le airgead a’ chur an seilbh airson gum bi an teicneòlas buntainneach ’s an dà chuid a’ chuir a-steach agus a’ leasachadh?

·         Am bi sgilean gu lèor aig luchd-obrach Albannach a tharraingeas a-steach luchd-tasgaidh bho taobh a-muigh na h-Alba?

·         A bheil na h-ath-leasachaidhean a tha a gabhail àite ann am margaidhean an lùths agus a thaobh subsadaidhean ‘s an dà chuid aig ìre an RA agus an AE fòghainteach gus na tairgaidean a choileanadh?

 

Thathar an dùil gum foillsich a’ Chomataidh an cunntas mu dheireadh aca as t-Fhoghar, an dèidh dhan obair aca a-thaobh beachdachadh agus cruinneachadh fianais a’ chrìochnachadh.

Fios conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean

Public information

Faodar ar leantainn air Twitter @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.