Galar Legionnaires gu bhith fo Rannsachadh le Comataidh Slàinte 's Spòrs

20.06.2012

Bidh mar a chaidh dèiligeadh le Galair Legionnaires ann an Dùn Èideann a' tighinn fo sgrùdadh ri linn seisean fianais aig a' Chomataidh Slàinte 's Spòrs aig coinneamh air 26 Ògmhios.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Slàinte 's Spòrs, Donnachadh MacNèill BPA:

 

"'S e briseadh a-mach cianail den Ghalair Legionnaires a bha seo. Tha e coltach gu bheil lìon nan daoine a ghlac e ion 's a' sgur a-nis. Uime sin 's e seo an t-àm iomchaidh do bhuill sgioba stiùiridh an tachartais ceistean a fhreagairt mu mar a chaidh dèiligeadh ris agus mu adhartas sam bith a rinneadh a thaobh cò às a bhris an galair a-mach ainmeachadh.

 

"Chaochail dithis mar bhuil air a' ghalair seo, rud cianail. Feumaidh sinn, far an gabh a dhèanamh, leasanan ionnsachadh on chùis seo, rud a bhios mar phàirt cudromach de cheasnachadh na Comataidh."

 

Tha a' Chomataidh Slàinte 's Spòrs air iarraidh air Sgioba Stiùiridh an Tachartais nochdadh ron Chomataidh. Am measg an luchd-fianais, bidh:

 

·           A' Bh.Ph. Pam Waldron, Stiùiriche Roinn-Ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd na h-Alba – agus Ceannaire Buidheann-Stiùiridh Gnìomhachd, Roinn na h-Alba 's Sasainn a Tuath;

·           Dr Alison NicCaluim, Stiùiriche Slàinte a' Phobail is Poileasaidh Slàinte, NHS Lodainn, agus Dr Donnachadh MacCarmaig, Comhairliche Slàinte a' Phobail, NHS Lodainn;

·           Cailean Sibbald, Stiùiriche Slàinte 's Sàbhailteachd Bìdh, Comhairle Chathrach Dhùn Èideann: 

·           Dr Seumas MacMeanamain, Comhairliche Ghalairean Gabhaltach, Sgioba Analachd, Dìon Slàinte na h-Alba

 

Thuirt an Leas-neach-gairm, Bob Doris BPA: 

Bha a' Chomataidh gu mòr airson leigeil leotha sin a bha a' dèiligeadh ris a' bhriseadh a-mach seo dol ris an obair aca agus làn-aire a chumail air a bhith a' dèiligeadh ris a' cheist chudromach seo a bhuineas ri slàinte a' phobail.

 

“Agus an galair a-nis fo smachd, tha a' Chomataidh toilichte gu bheil sgioba stiùiridh an tachartais deònach nochdadh ro na BPAan. Leigidh an t-seisean-fianais leis a' Chomataidh Slàinte ròl feumail a bhith aca ann a bhith a' sgrùdadh mar a bhris an galair a-mach. Chan e gu bheil sinn a' cur teagamh ann an gnìomh sònraichte sam bith, ach a' cuideachadh a thaobh leasachadh leantainneach a chur air adhart air mar a bhithear a' stiùireadh a leithid seo de shuidheachadh.”

More information

Fios conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean

Faodar a' Chomataidh a leantainn air Twitter @SP_HealthSport

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.