Gòrdan Brown na Phrìomh Òraidiche aig an Fhèis Phoilitigs 2012

22.06.2012

Bidh Am Fìor Urr. Gòrdan Brown BP, a bha uair na Phriomhaire mar phrìomh òraidiche aig an ochdamh Fèis Phoilitigs aig Pàrlamaid na h-Alba agus e a' toirt seachad ciad Òraid Campbell Christie.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Am measg na bhios air chois aig an fhèis am-bliadhna bidh clàr ceithir latha le poilitigs, ceòl, ealain, tèatar, litreachas agus deasbad fon tèama 'Poilitigs. Cultar. Cruthalachd, Cumhachd gus Leasachadh a thoirt'.

 

Agus i a' labhairt aig seòladh clàr na fèis an-diugh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

 

"Seallaidh an Fhèis Phoilitigs an t-seòrsa de dh'ùr-ghnàthachas a chuireas Pàrlamaid na h-Alba air leth o fheadhainn eile agus an dà chuid ceann is cridhe a bhith an-sàs. Ged is iad deasbad is beachdachadh bun-stèidh na fèis, tha sinn air ealain, ceòl is tèatair co-aimseartha a chur ri ar clàr, clàr a bhios a' sìor-leudachadh chrìochan.

 

"Tha an Fhèis Phoilitigs am-bliadhna a' leantainn ann a bhith a' tairgsinn rud tarraingeach innleachdail a chuireas ri seusan Fèilltean Dhùn Èideann. Tha sinn toilichte a bhith mar phàirt de na tachartasan cultarach seo a th' air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh."

 

Eadar luchd-poilitigs cudromach mar Shir Calum Rifkind BP is Am Fìor Urr. Dr. Jack MacConaill, sàr-luchd-litreachais ar latha mar Louise Welsh is Iain Banks, obair-shnaighte Sheòrais Wyllie agus ceòl on chòmhlan Mull Historical Society, bidh an Fhèis Phoilitigs aon uair eile mar theis-meadhain cruthachais is deasbaid.

 

Thig cuspairean leithid poilitigs-sgaraidh, imrich-a-steach, malairt dhaoine agus làithean ri teachd a thaobh eachdraidh na h-Alba fon phrosbaig, agus bithear a' dìreadh gu sònraichte air daoine òga le raon sheiseanan mu dheidhinn na th' againn de dh'òganaich thàlantach, seisean mu ghnìomhachas a' chiùil agus clàr de shàr-chòmhlain Albannach a' cluich beò.

  

Fòcas air Ealain – Seòras Wyllie agus Turas Obair-Shnaighte Gàrraidh 

Dihaoine 17 Lùnastal, 16:30-17:30, Seòmar Comataidh 3. Saor 's an asgaidh. 

Seòras Wyllie BIB (1921-2012). Tha cliù air Seòras airson obrach shuaicheantaich leithid an Straw Locomotive agus an Paper Boat, ealain a chunnacas air taisbeanadh a-mach à gailearaidh agus ann an àiteachan poblach. Bidh pannal a' togail deasbaid mu fheallsanachd an neach-ealain seo a thaobh cruthachais is buaidh air luchd-ealain nas òige, pannal sam bi leithid nighean Sheòrais, Louise Wyllie;  fear-dèanamh fhiolmaichean, sgrìobhaiche agus gleidheadair Moiridh Griogair; Niall Bacstair, Comann Rìoghail Ailtirean Aonaichte na h-Alba; neach-ealain Ròdaidh Bochanan agus Dàibhidh Harding o Sgoil Ealain Ghlaschu.  

 

Thèid seo a leantainn le cothrom roghnaichte sùil a thoirt air obair-shnaighte Wyllie ann an Gàrradh na Pàrlamaid le Moiridh Griogair.

 

Tàlant Ar n-Òigridh

Dihaoine 17 Lùnastal, 17:15 -18:15, An t-Seòmar Deasbaid. £4.00/£2.50

Ri linn 'Bliadhna Chruthachail na h-Alba 2012', bidh an luchd-pannail Ricky Ross, a tha na neach-cur-an-làthair aig a' BhBC is na bhall den chòmhlan Deacon Blue, cuide ri Bhicidh Featherstone, Stiùiriche Ealain is Àrd-Oifigear Tèatair Nàiseanta na h-Alba; Anndra Dixon, Àrd-Oifigear Alba Chruthachail agus Dàibhidh Drever, Neach-gairm Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (CCTA). Nì am pannal deasbad air dè a spreagas is a bhrosnaicheas cruthachas agus air mar a bu chòir dhuinn taic a chumail ri ar n-òigridh a chor is gum bi iad an-sàs ann an cruthachas is cultar na dùthcha.

Bidh Leas Oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a' Ghobhainn BPA mar chathraiche.

Ann an co-bhonn ri Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.

 

Singin I'm No a Billy He's a Tim

Dihaoine 17 Lùnastal, 18:30-20:00, Biadhlann nam Ball, £10.00/£7.50.

Dealbh-chluich a bheir sùil air an dall-chreideamh agus dearbh-aithne a thaobh cinnidh. Dè thachras air latha Geama nan Sean Sgiobannan Ball-Coise nuair a chuireas tu neach-leantainn Celtic is neach Rangers fo ghlais còmhla sa phrìosan? 'S e seo dealbh-èibhinn Des Dillon an aghaidh poilitigs-sgaraidh, mu dheidhinn dithis neach-leantainn ball-coise o dhà thaobh an sgaraidh, air an tig cruaidh-èigneachadh aghaidh a chur ri beachdan is cultar a chèile 's iad an dèidh a bhith air an glasadh sa phrìosan còmhla. Dràma dùbhlannach, a chuireas poilitigs-sgaraidh na àite fhèin gu daingean. Dealbh a bheir toileachas don luchd-coimhid 's iad a' sealltainn sgaradh nan Sean Sgiobannan, rud a chuireas an cèill sàr-obair-thèatair tharraingeach. "...pìos beòthail tèatair a tha mòr aig a' mhòr-shluagh 's a chuireas cnag na cùise an cèill gun eagal a chur air daoine" Hi Arts

 

Cudromachd comas leughaidh phàistean agus a' chomann-daoine

Disathairne 18 Lùnastal, 11:30-13:00, An t-Seòmar Deasbaid, £4.00/£2.50

Tha a bhith a' brosnachadh phàistean rudan a leughadh agus tlachd a thoirt às a bhith a' leughadh air aon de na dòighean is brìghmhoire an cuid chothroman-beatha a chur am feabhas. Nì an tachartas seo, le cuideachadh o Urras Carnegie RA, rannsachadh air mar a dh'fhaodas sinn pàistean a bhrosnachadh gu leughadh agus na ghabhas ionnsachadh linn o chleachdaidhean taobh a-muigh na h-Alba. Le Leas Oifigear Riaghlaidh John Scott BPA mar chathraiche, agus luchd-pannail sa bheil leithid ùghdar leabhraichean chloinne Terèsa Breslin; Anaidh Mauger, Ionad Cùmhnantaichte Luchd-Proifeiseanta Leabharlannan is Fiosrachaidh; Marc Lambert, Àrd-Oifigear Urras Leabhraichean na h-Alba; agus Miranda McKearney, A' Bhuidheann Leughaidh, nithear deasbad air na prìomh cheistean.

Ann an co-bhonn ri Urras Carnegie RA.

 

Ag Èisteachd ri Eachdraidh

Disathairne 18 Lùnastal, 15:00 - 16:30, An t-Seòmar Deasbaid. £4.00/£2.50.

Bhon chrann-luasgain gu Dolaidh a' Chaora, nì sinn deasbad air na tachartasan a bu chudromaiche ann an eachdraidh na h-Alba, cuide ris an sgioba a tha an urra ri Obair-Ghrèis Mhòr na h-Alba. Air a' phannal bidh an t-ùghdar Alexander McCall Smith; na h-eachdraichean Alasdair Moffat is Tom Devine, agus Neach-deasachaidh Litreachas The Herald a tha na h-ùghdar cuideachd, Ròs-mhuire Goring. Thig còmhla rinn gus do bheachd a thoirt air cò na daoine mòra ann an eachdraidh a bu chòir a bhith air an gabhail a-steach gu 'Pàrlamaid ar Sinnsrean' ann an Obair-Ghrèis Mhòr na h-Alba. Bidh Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA mar chathraiche.

Ann an co-bhonn ri Obair-Ghrèis Mhòr na h-Alba.

 

Oidhche cuide ri JJ Gilmour

Disathairne 18 Lùnastal, 18:30-20:30, Biadhlann nam Ball, £10.00/£7.50

Rinn an neach-seinn is sgrìobhadair òran Albannach JJ Gilmour, air a bheil cliù eadar-nàiseanta, a chiad chlàr sa bhliadhna 1989 leis a' chòmhlan The Silencers, fear de shàr-chòmhlain na h-Alba. Na cheòladair tàlantach nàdarrach, cha b' fhada gum b' e prìomh sheinneadair a' chòmhlain. An dèidh seo bha seachd bliadhna aca a' cluich 's a' clàradh, àm 's a bhuannaich The Silencers duaisean òra agus a reic iad còrr is leth-mhillean clàr. Fhuair a chlàr fhèin, Sunnyside P.A.L, a choisinn mòr-chliù dha 's a dhaingich lìon a luchd-leantainn, moladh o na coimpirean aige mar 'shàr-chlàr toisidh'. Nach bi tu cuide ri JJ airson oidhche de dhlùth-chàirdeas ri fear dhe na sgrìobhadairean-òran Albannach is fheàrr.

 

Cothrom na Fèinne a thaobh Com-pàirteachas Spòrs?

Dihaoine 24 Lùnastal, 13:30 - 14:30, Seòmar Comataidh 3. Saor 's an asgaidh.

Faodaidh spòrs beatha daoine air leth a chur am feabhas, ach dè cho ruigsinneach is a tha spòrs, agus a bheil an aon chothrom aig a h-uile buidheann pàirt a ghabhail annta? Bidh John Park BPA mar chathraiche agus 's e an luchd-pannail Seon Mac a' Bheatha, fear-rugbaidh is craoladair; Liz NicColgan, a bha na lùth-chleasaiche Oilimpeach a bhuannaich buinn; Kim Atkinson, Stiùiriche Poileasaidh Comann Spòrs na h-Alba; agus Alison Nic an Fhùcadair, neach-cur-an-làthair Tbh is neach-naidheachd spòrs.

 

Cumhachd nan Nàiseanan Beaga

Dihaoine 24 Lùnastal, 14:00 - 15:30, An t-Seòmar Deasbaid. £4.00/£2.50.

Tha buaidh nan nàiseanan beaga air saoghal cumhachd na cruinne a' sìor-fhàs. Ciamar a chumas iad suas an neo-eisimeileachd chultarach phoilitigeach an aghaidh a leithid a dhùthchannan cumhachdach san 21mh linn?

 

Sa phannal seo bidh Marc Muillear Stiùbhart NTB/QC, Jose Manuel Ramos-Horta agus Kim Chaimbeul, a bha uair nan Cinn-Stàite, Iar Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Am Ball Fìor Urramach, An t-Oll. Jack MacConail, agus Tim Phillips.

Ann an co-bhonn ris a' bhuidhinn Thar Chrìochan agus Cluba Madrid.

 

Fòram Làithean Ri Teachd na h-Alba: Òraid Campbell Christie leis a' Bhall Fìor Urramach Gòrdan MacIlleDhuinn BP

Dihaoine 24 Lùnastal, 16:30 -17:30, An t-Seòmar Deasbaid. Saor 's an asgaidh.

B' e Campbell Christie CIB (1937-2011) fear de cheannairean catharra air leth na h-Alba, agus b' esan an Stiùiriche a chuir Fòram Làithean Ri Teachd na h-Alba air bhonn. Mar dhuine a chuir ris a h-uile rud ann an comann-dhaoine na dùthcha, o phoilitigs gu ball-coise, tha e fìor iomchaidh gun tèid ciad Òraid Campbell Christie a thoirt seachad leis an Iar Phrìomh Mhinistear, Am Ball Fìor Urramach Gòrdan MacIlleDhuinn BP.

 

Sgeilp Leabhraichean na h-Alba - Poilitigs is Comann-dhaoine ann an Sgrìobhadh na h-Alba

Dihaoine 24 Lùnastal, 18:30-19:30, An t-Seòmar Deasbaid. £4.00/£2.50

Èist ri Iain Banks, Seumas Robastan agus Louise Welsh, am measg chàich, 's iad a' deasbad mar a tha sgrìobhadh Albannach air dèiligeadh ri ar poilitigs agus ar comann-dhaoine thar na linne a chaidh seachad. Bidh Stiùbhart Ceallaidh na chathraiche air an deasbad fhad 's a bhios sàr-sgrìobhadairean ar latha-ne a' deasbad inbhe dhaoine, creideamh, dearbh-aithne agus mar a bhios litreachas a' cur an cèill ar fìor-shuidheachadh.  

Ann an co-bhonn ri Fèill Aye Write! .

Comann Eachdraidh Mhuile/Mull Historical Society

Dihaoine 24 Lùnastal, 18:30 - 20:00. Biadhlann nam Ball. £10.00/£7.50

Tha Cailean Mac an t-Saoir air fear de na sgrìobhadairean-òran is cleasaichean-ciùil as measaile san RA a tha cuideachd air ceòl a chur a-mach fon fhrith-ainm Comann Eachdraidh Mhuile/Mull Historical Society. Tha an clàr as ùire a th' aige sna cartannan, City Awakenings / Dùsgaidhean Cathrach, a' moladh Ghlaschu, Lunnainn agus Nua-Eabhrac - na trì cathraichean bu mhotha a thug buaidh air an neach-ciùil 's e na eileanach thall thairis.        

Na Tha an Dàn do Ghnìomhachas a' Chiùil

Disathairne 25 Lùnastal, 17:00-18:00, An t-Seòmar Deasbaid, £4.00/£2.50

Aig àm sa bheil ceòl ri fhaotainn fad is farsaing air an eadar-lìon 's nach eilear a' reic uidhir a dhlùth-dhiosgaichean, nì an tachartas seo rannsachadh air dè tha seo a' ciallachadh don luchd-ciùil ri teachd. Dè a dh'ionnsaicheas sinn o dhùthchannan mar Nirribhidh is Canada? Rach an coluadar ri pannal air a bheil Scott Cohen, a stèidhich The Orchard; Scott Hutchinson, Frightened Rabbit; Caroline Gorman, Rage Music agus Comann Gnìomhachas Ceòl na h-Alba; Olaf Furniss, Wide Days; agus Inger Dirdal, Buidheann Às-Mhalairt Nirribhidh, agus iad uile an-sàs ann an deasbad beòthail mu na tha an dàn do ghnìomhachas a' chiùil ann an Alba. Anns a' chathair bidh Leas Oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a' Ghobhainn BPA

 

Com-pàirtichean Fèill nam Poilitigs

'S iad ar com-pàirtichean Urras Carnegie RA, Urras Carnegie Dhùn Phàrlain is Comann Lagha na h-Alba, agus 's e ar com-pàirtiche sna meadhanan Iris Thaigh an Ròid.  

Na Tha Ri fhaotainn sa Chlàr agus Ticeadan

·      Thèid ticeadan a reic aig 10m air Dihaoine 22 Ògmhios. 

·      Air-loidhne aig  www.fèillnampoilitigs.org.ra

·      Tha àireamh theòranta de thiceadan ri fhaotainn on Phàrlamaid Albannach an dà chuid le dhol ann neo air fòn aig 0131 348 5405.

·      Gheibhear làn-fhiosrachadh mu chlàr na fèille aig  www.fèillnampoilitigs.org.ra

 

Neo gabhaidh ar leantainn air

Twitter @FoP2012

Hashtag #fop12

Facebook air www.facebook.com/fèillnampoilitigs   

 

Bidh dealbhan-camara an tachartais ri fhaotainn saor 's an asgaidh on ghailearaidh seo a leanas: 

scottishparliament.photoshelter.com/gallery/Festival-of-Politics-2012 

facal-faire: 2012fop

Faigh a-mach barrachd

Fios conaltraidh

Meadhanan

Fiosrachadh a' Phobail

Lean air Twitter sinn @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.