Rùnaire a' Chaibineit ri Aithris Adhartais a thoirt do chomataidh

22.06.2012

Rud nach do thachair riamh roimhe, bidh Comataidh Foghlaim is Cultar a' comharrachadh deireadh ciad bliadhna seo na Pàrlamaid le bhith a' faighinn 'aithris adhartais' fìor-mhionaideach o Rùnaire a' Chaibineit airson Cultar is Cùisean Taobh-a-Muigh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Maxwell BPA:

 

"Thar nam mìosan a dh'fhalbh, tha ar comataidh air fianais fhaotainn o ghrunn eòlaichean air na prìomh chuspairean a bheir buaidh air foghlam is cothroman-beatha pàistean is daoine òga na h-Alba san latha a th' ann. Fhuair sinn fianais air ceistean mar taic a bharrachd airson ionnsachaidh, bliadhnaichean tùsail, na ghabhas toirt a-mach agus, thoir fa-near,  curraicealam airson sàr-mhathas.

 

"Le bhith a' toirt cuireadh do Rùnaire a' Chaibineit freagairt a thoir dhuinn mun tig fosadh an t-samhraidh, tha sinn a' cur an cèill ceistean a tha glè chudromach do chloinn, do phàrantan agus do phroifeiseantaich-foghlaim thar na dùthcha. 'S e seo cothrom freagairtean fhaotainn sa bhad do na ceistean a thog luchd-fianais, agus ar comataidh, ri linn nan seiseanan-fianais againn."

 

Cùl-sgeul

Èistidh a' chomataidh ri fianais-bheòil o Mhìchael Ruiseil, Rùnaire a' Chaibineit airson Cultair is Cùisean Taobh-a-Muigh, air Dimàirt 26 Ògmhios.

 

Tha a' chomataidh air seiseanan-fianais sònraichte a chumail air na cuspairean a leanas:

·           Bliadhnaichean Tùsail

·           Taic a bharrachd airson Ionnsachaidh

·           Toirt a-mach 

·           Solarachadh seirbheisean chloinne leis an treas earrann/an earrann shaor-thoileach air sgàth ùghdarrasan ionadaile is buidhnean phoblach eile 

·           Togalaichean Sgoile

·           Curraicealam airson sàr-mhathas

 

Thug raon farsaing de luchd-fianais fiosrachadh seachad, nam measg Comann Luchd-Stiùiridh Foghlaim na h-Alba, Fòram Nàiseanta Pàrantan na h-Alba, acadaimigich agus a’ bhuidheann-charthannais CUR AN COMAS na h-Alba.    

 

'S iad cuid de na ceistean a thogadh ri linn nan seiseanan: ullachadh àrd-sgoiltean gus an curraicealaim airson sàr-mhathas a chur an gnìomh; mar a ghabhas ìre na bheirear a-mach ann an sgoiltean na h-Alba a leasachadh; cho eadar-dhealaichte is a tha an taic thar na dùthcha do chloinn air a bheil taic a bharrachd a dhìth; agus cosgaisean a thaobh oighreachd-sgoile na h-Alba a leasachadh.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.