Ceistean rin cur a thaobh cuine a bu chòir seirbhisean clann a’ chur fo chùram

26.06.2012

Tha Comataidh Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ sgrùdadh modhan cho-dhùnaidh a thaobh cuin a bu chòir dhaibh clann a thoirt air falbh bho na dachaighean aca fhèin, no ma tha adhbhar ann a bhith gan toirt air falbh idir.

Ri linn an rannsachaidh a’ chur a’ Chomataidh air chois bho chionn ghoirid, a dhèilig le ìrean adhartais na cloinne a tha fo chùram, a thaobh foghlaim, dh’fhàs e follaiseach gu bheil a' chlann sin a tha fo chùram, gu h-àraidh an fheadhainn a tha fhathast anns an dachaigh, a’ tuiteam air dheireadh san t-siostam foghlaim. As dèidh an rannsachaidh seo, nì a’ Chomataidh sgrùdadh mionaideach, a’ faighneachd a bheil na co-dhùnaidhean a bhios a’ buntainn ri cùram  a’ toirt a' chothroim as fheàrr do fheadhainn den chlann as so-leònte ann an Alba soirbheachadh anns an àm ri teachd.

Thuairt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Maxwell BPA, is e a’ cur an rannsachaidh air bhog fhad ‘s a bha e a’ tadhail Seirbhis Dhaltachd na h-Alba aig Barnardo’s:

“Chan eil an rannsachadh a tha seo mu dheidhinn a bhith a’ ruith gus ar beachdan a thoirt seachad air na siostaman a tha againn an-dràsta. Tha e mu dheidhinn a bhith a’ faighneachd na ceistean doirbhe, gus am bith sinn cinnteach gu bheil na siostaman a tha seo ag obair dha-rìreabh as leth na cloinne agus na teaghlaichean aca.

“Bheir a’ chomataidh againn sùil mionaideach air na pròiseasan an lùib a bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh  gus pàisde a thoirt air falbh bho dhachaigh an teaghlach aca agus a’ gabhail beachd air dè cho co-chòrdail ‘s a tha na modhan cho-dhùnaidh a tha seo air feadh na dùthcha. Is e seo an dòigh a-mhàin airson a bhith air leth cinnteach gu bheil sinn a’ tighinn gu na co-dhùnaidhean as fheàrr as leth nam pàistean sin ann an cunnart bho dhroch-làimhseachadh agus dearmaid.”

Tha a’ chomataidh an dòchas teisteanasan a’ chluinntinn bho luchd-obrach eòlach san raon seo, còmhla ri feadhainn aig a bheil eòlas pearsanta de siostam-chùram na h-Alba.

Am measg nan ceistean as cudromaiche a dh’fhaighnicheas a’ chomataidh ri linn an rannsachaidh, gabhaidh iad beachd air:

  • Ma tha modhan cho-dhùnaidh air fad na dùthcha co-chòrdail neo nach eil;
  • Ma tha cùisean airson cunnairt sònraichte ‘s am bith ann a-thaobh na pàrantan, mar eisimpleir ma tha iad a’ mi-ghnàthachadh drogaichean neo deoch làidir, a’ bheireadh gu bith ro-bheachd gum bu chòir dhaibh a phàisde a thoirt air falbh bhon dachaigh;
  • An ìre aig a bheil dìth goireasan agus cnapan-starra eile a’ bualadh modhan cho-dhùnaidh a-thaobh a bhith a cur clann fo chùram;
  • Ma tha gu leòr ùine ann airson a bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh ann a diofar suidheachaidhean.

Cùl-fhiosrachaidh

Is e amasan rannsachadh ùir na comataidh:

  • na modhan cho-dhùnaidh an lùib a bhith a’ dearbhachadh am bu choir do sheirbhisean-chùram pàisde a thoirt air falbh bhon dachaigh aca agus dha chur fo chùram a’ thuigsinn;
  • air a bhith a’ dearbhachadh ma tha na pròiseasan a tha seo a’ coileanadh na builean a bhios as fheàrr airson na cloinn fhèin agus na teaghlaichean aca.

Ri linn an rannsachadh mu dheireadh, mu dheidhinn adhartais chloinne fo chùraim a-thaobh an cuid foghlam, fhuair a’ chomataidh a-mach ged a tha 56% de dhaoine òga a dh'fhàgas sgoil a' toirt a-mach còig no barrachd theisteanasan, chan eil ach 4.7% den fheadhainn a tha fo chùram ann an àiteachan eile seach san dachaigh, agus 0.5% a tha fo chùram anns an dachaigh, a' toirt a-mach nan toraidhean ceudna. Gheibhear lethbhreac den chunntas seo aig:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/51538.aspx

Is e 28 den Lùnasdal an latha mu dheireadh airson ur beachdan a chur a-steach.

Ma ghabhas e a dhèanamh, bu chòir beachdan a chur ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu: ec.committee@scottish.parliament.uk

Faodar ur beachd a chur a-steach ann an cruth cruaidh gu:

Education and Culture Committee
T3.40
Scottish Parliament
Edinburgh EH99 1SP

Tha tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn rannsachadh a’ Chomataidh ri lorg air an duilleag a tha seo:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29800.aspx/CurrentCommittees/29800.aspx

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.