Tha roghainn is riaghladh mar bhunait do leasachadh cùram sòisealta, a rèir aithisg le Comataidh Slàinte is Spòrs

06.07.2012

Bu chòir gum bi smachd aig daoine air a’ bhuidseat-cùraim aca fhèin, agus gun rachadh pàigheadh dìreach a thairgse dhaibh gus dòighean seach cùram air a ruith le comhairlean a mhaoineachadh, a rèir aithisg le Comataidh Slàinte is Spòrs mu Bhile Cùram Sòisealta (Taic ga Riaghladh leis an Neach Fhèin).

Tha diofar mòr, ge-tà, a thaobh cia mheud a chosgas e gus am Bile a chur an gnìomh, le COSLA a’ meas gum faodadh e dà uimhir na tha Riaghaltas na h-Alba ag agairt mar shùim a chosg.

 

Agus e a’ cur na h-aithisg air bhog aig coinneamh de luchd-cùraim ann an Glaschu, thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Tha a’ Chomataidh againn a’ cur a taic ris a’ phrionnsapal gum bu chòir gum biodh roghainn aig daoine a thaobh mar a bhios an cùram sòisealta aca ga thoirt seachad. Tha an reachdas seo, ge-tà, feumach air atharrachaidhean bunaiteach sna h-ùghdarrasan ionadail gus seo a lìbhrigeadh.

 

“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba gum bi maoineachadh gu leòr ri fhaotainn. Cha fhaodar gabhail ris idir, ge-tà, nach robh e an comas na Comataidh co-dhiù a tha a' bheàrn ann am maoineachadh a chomharraich COSLA fìor no a chaochladh. Tha e deatamach fhèin gum bi luchd-fianais comasach air beachdan a bheirear mar fhianais don Phàrlamaid seo a dhearbhadh.”

 

An dèidh dha cluinntinn bhon fheadhainn a tha a’ faighinn taic a tha ga riaghladh leotha fhèin cheana, thuirt Leas-Neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs Bob Doris BPA:

 

“Chuala a’ Chomataidh againn gun toir an reachdas seo roghainn is riaghladh do dhaoine a thaobh mar a thèid an cùram aca is na seirbheisean as cudromaiche dhaibh a lìbhrigeadh.

 

“Chuala sinn mu iomadh deagh eisimpleir far an tug taic ga riaghladh leis an neach fhèin atharrachadh mòr air beatha dhaoine ri cùram agus tha sinn den bheachd gun cuidich na prionnsapalan a tha mar bhunait ris an reachdas gus am bi an aon bhuannachd aig barrachd dhaoine."

 

Tha an aithisg cuideachd ag ràdh:

 

  • Gun luchd-cùraim gun phàigheadh nach biodh seasamh aig an t-siostam slàinte is cùram-slàinte;
  • Gun leig an t-sùbailteachd crochte ri pàigheadh dìreach le neach smachd a ghabhail air a’ chùram aca agus na feumalachdan pearsanta aca a thoirt a-mach ann an seagh nas èifeachdaiche;
  • Tha caochladh dhùbhlan an lùib a’ Bhile, gu sònraichte don ùghdarras ionadail, agus do luchd-solair sna roinnean neo-eisimeileach is saor-thoileach;
  • Ri linn mar a dh’fhuiling cuid de dhaoine a tha gan ath-mheasadh mu thaic ga riaghladh leis an neach fhèin ann an Glaschu, tha a’ Chomataidh a’ moladh gun dèan Riaghaltas na h-Alba cinnteach gum bi am modh-obrachaidh làidir agus nach tèid a mheas mar chòmhdach airson ghearraidhean air maoineachadh;
  • Tha a’ Chomataidh mothachail air ceist mu shlatan-tomhais mu airidheachd (eligibility) a shocraich ùghdarrasan ionadail agus tha i a’ cur fàilte air obair a tha ga dèanamh a mheasadh am bu chòir gum biodh crìochan nàiseanta mu thaic ann;
  • Bu chòir gun gabhadh Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air na prionnsapalan mu mhairsinn neo-eisimeileach a rèir a' Bhile a dhèanamh follaiseach. 

Cúl-fhiosrachadh

 

Dè tha ann an taic ga riaghladh leis an neach fhèin?

Is e na tha ann an taic ga riaghladh leis an neach fhèin modh gus cruth pearsanta a chur air lìbhrigeadh cùram sòisealta tro 'bhuidseat air leth', far an tèid maoineachadh a thoirt do neach an dèidh measaidh mu thaic. Faodaidh an neach taghadh a dhèanamh an uair sin a ghabhail mar phàigheadh dìreach no a chleachdadh gus seirbheisean a bhios an t-ùghdarras ionadail aca a' cur air dòigh a thaghadh.

Fios mar thaic

  • Ged nach eil an reachdas a tha ann an-dràsta a’ cur stad air na roghainnean seo, chuireadh am Bile dleastanas sònraichte air ùghdarrasan ionadail taic ga riaghladh leis an neach fhèin a thoirt seachad.
  • Air a bhonntachadh air samhlaidhean mionaideach, tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad £23 millean thairis air trì bliadhna do na h-ùghdarras ionadail gus cuideachadh gus seo a thoirt a-steach. Rinn COSLA meas glèidhteach gun cosg seo £50 millean, ach tha e a’ cur an cèill gum faodadh seo a bhith cho àrd ri £90 millean sna trì bliadhna a tha romhainn.
  • Ann an 2010-11 ghabh 23.9 às gach 10,000 de shluagh ann an Sasainn ri pàigheadh dìreach, seach dìreach 8.4 ann an Alba.
  • Tha ìre nas ìsle na an àbhaist aig naoi deug de dh’ùghdarrasan ionadail ann an Alba, leis an ìre as àirde de ghabhail ris ann an Crìochan na h-Alba le 25.8 às gach 10,000.
  • Ann an 2011, ‘s ann aig aois 18 gu 34 agus nas sine na 65 as cumanta a bha pàigheadh dìreach.

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.