19.07.2012
Tha saothair George Wyllie, a bha air fear den luchd-ealain as cliùitiche is as comharraichte ann an Alba, air nochdadh mar thaisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Fhuair am fear-ealain, a chaochail am-bliadhna, urram airson smaoineachadh is deasbad a bhrosnachadh seach freagairtean a thoirt seachad.
Thathar air na deilbhean a shuidheachadh ann an Gàrradh na Pàrlamaid agus nam measg tha:
- Cradle;
- Contemplace;
- Eco-bucket;
- Studio;
- Train of the standing stones;
- A maquette of the Berlin Burd.
Bidh tadhail air deilbheadh Wyllie fosgailte don phoball agus faodar àiteachan a chur an dara taobh dha san Iuchar, san Lùnastal is san t-Sultain.
Thathar a’ cuimhneachadh beatha is saothair an fhir-ealain an-dràsta ann an comharrachadh fad bliadhna nuair a bhiodh e air a bhith ceithir fichead is a deich bliadhna dh’aois. Agus e air a thionnsgnadh le The Friends of Wyllie, is e an t-ainm iomchaidh a tha air a' chomharrachadh the Whysman Festival.
Bidh na deilbhean ann an suidheachadh Gàrradh na Pàrlamaid gus an Dàmhair.
Barrachd fiosrachaidh
Tha barrachd fiosrachaidh air tursan, dhan fheumar àiteachan a chur an dara taobh ro làimh, ri fhaotainn bho Sheirbheisean Luchd-tadhail air 0131 348 5200 no post-dealain sp.bookings@scottish.parliament.uk
Fiosrachadh mu chultar aig Taigh an Ròid
Faodar saothair-ealain is deilbheadaireachd fhaicinn air feadh na Pàrlamaid agus bidh iad a’ cur ris an togalach, air an aon rèir ris an rùn a bha ann bho thùs gum bu chòir gun nochdadh a' Phàrlamaid spiorad is gnè fa leth dùthaich na h-Alba.
Tha Pàrlamaid na h-Alba cuideachd a’ cumail sreath thachartasan a chuireas air adhart ealain is cultar ann an Alba:
5 gu 28 Iuchar 2012: Taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail:
B’ e an dealbhadair Spàinneach Samuel Aranda a bhuannaich duais chliùiteach Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail na bliadhna seo leis an ìomhaigh dhrùidhtich aige de bhoireannach a' cumail a mic air a leòn na gàirdeanan, an dèidh spealtaidhean ann an Yemen le luchd-caismeachd a’ casaid an aghaidh riaghailt a’ Chinn-shuidhe Ali Abdullah Saleh. Faicibh an dealbh aige is ìomhaighean soirbheachail eile mar thaisbeanadh don chiad uair anns an Rìoghachd Aonaichte.
13 gu 14 Lùnastal: Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann
Thèid Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba is nì e deasbad mun chomas a tha aig cultar ceanglaichean is deasbaireachd a chruthachadh is a chumail eadar dùthchannan. Tha an Cruinneachadh na Cho-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus Comhairle Bhreatainn. Bheir e cruinn còmhla Ministearan ri Cultar, luchd-ealain, luchd-beachdachaidh is feadhainn chliùiteach eile gus poileasaidh cultarail a chruthachadh is a chur an gnìomh.
10 gu 31 Lùnastal: Special Delivery: The William Wallace letters:
Thèid litir a tha 700 bliadhna dh’aois agus a bha ann an seilbh Uilleim Uallais, thathar den bheachd, a thaisbeanadh taobh ri litir ainmeil Lübeck. Thathar air an taisbeanadh air leth seo aig Pàrlamaid na h-Alba a chur an altaibh a chèile ann an co-bhonn ri Clàran Nàiseanta na h-Alba.
17, 18, 24, 25 Lùnastal: Fèis Phoilitigs:
Bidh am Fìor Urr. Gòrdan Brown, a bha uair na Phrìomhaire, os cionn chàich aig an ochdamh Fèis Phoilitigs aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a bheir e seachad ciad Òraid Chaimbeul MhicRisnidh. Aig an fhèis am-bliadhna tha clàr anns a bheil poilitigs, ceòl, ealain, dràma, litreachas is deasbaireachd air a’ chuspair ‘Poilitigs, Cultar, Cruthachalachd: Inneal gus Atharrachadh Adhartach a Thoirt’.
Dealbh: Eco Bucket, saothair-ealain le George Wyllie
Co-cheangailte
View the Sculptures by George Wyllie and James Munro
Fios conaltraidh
Meadhannan
Fiosrachadh a' Phobaill
Lean air twitter sinn @ParlAlba