Pàrlamaid na h-Alba gu bhith mar phàirt de dh’fhosgladh Lunnainn 2012

26.07.2012

Gus a’ chiad latha de Gheamannan Oilimpigeach Lunnainn 2012 air Dihaoine 27 Iuchar a chomharrachadh, bidh Pàrlamaid na h-Alba an sàs anns a’ choimisean a fhuair am fear-ealain is fear-ciùil Martin Creed, a tha air Duais Turner a ghlèidheadh, airson Fèis Lunnainn 2012. 

Sa choimisean, air a bheil Work No. 1197, All the bells in a country rung as quickly and as loudly as possible for three minutes, seirmidh Pàrlamaid na h-Alba an clag-bhòtaidh, a bhios mar as trice a’ gairm nam Ball a-steach dhan t-seòmar gu bhòtadh, aig 08:12 fad trì mionaidean.

Thèid na mìltean de chluig a sheirm air feadh na dùthcha le daoine is eagrachaidhean Dihaoine 27 Iuchar aig 08:12 mar chuid den chomharrachadh, a bhios mar an comharrachadh-coimhearsnachd as motha airson nan geamannan aig Fèis Lunnainn 2012.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na cluig aig (làrach-lìn air an taobh a-muigh). 

Dealbh: © London Organising Committee of the Olympic Games and Paralympic Games Ltd 2006-2010

Fios Conaltraidh

Meadhanan

Fiosrachadh a' Phobail

Lean air Twitter sinn @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.