Gòrdan Brown mar Phrìomh Òraidiche aig latha a trì de dh'Fhèis na Poilitigs 2012

23.08.2012

Bidh Am Fìor Urr. Gòrdan Brown BP, a bha uair na Phrìomhaire, air ceann sreath latha a trì (Dihaoine 24 Lùnastail) de dh'Fhèill nam Poilitigs aig Pàrlamaid na h-Alba. Bidh Mgr Brown a' toirt seachad ciad Òraid Campbell Christie bho Sheòmar Deasbaid Thaigh an Ròid.

Bidh cuid de shàr-luchd-litreachais na h-Alba - Iain Banks, James Robertson, Louise Welsh - a' togail deasbaid air mar a tha sgrìobhadh Albannach air ar poilitigs is ar comann-daoine a chur an cèill ann an Sgeilp-leabhraichean na h-Alba - Poilitigs is an Comann-sòisealta ann an Sgrìobhadh na h-Alba. 

Agus bithear a' cur na ceist A Bheil Cothrom na Fèinne ann a thaobh Gabhail Pàirt ann an Spòrs? Am measg an luchd-pannail bidh an neach-cluich rugbaidh is neach-craolaidh John Beattie agus athlete Liz McColgan, a bhuannaich bonn Oilimpeach mar lùth-chleasaiche, a' toirt freagairt. 

Am measg nan rudan as math is d' fhiach fhaicinn air latha a trì, bidh:

Cothrom aig a' mhòr-shluagh ceistean a chur ri sàr-luchd-eachdraidh ri linn An Ridire Uilleam Uallas, Alba agus an t-Saoghal Farsaing, a bhuineas ri linn chudromach ann an eachdraidh na h-Alba, 1286 gu 1306.

Agus thèid seasamh dhaoine a thaobh imrich a-steach a dh' Alba a chur fon phròsbaig ri linn Who are Jock Tamson’s Bairns? 

Dihaoine, bidh seisean-ciùil le Mull Historical Society, le h-òrain bho chruinneachadh Colin MacIntyre, nam measg feadhainn on chlàr as ùire aige, City Awakenings. 

Gheibhear fiosrachadh iomlan a' phrògraim air-loidhne - faicibh shìos. 

 
Cùl-fhiosrachadh

Mar fhèis a th' air a bhith a' dol fad ochd bliadhna, tha Fèis na Poilitigs aig Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail a-steach prògram ceithir-latha de phoilitigs, de cheòl, de dh'ealain, de thèatair, de litreachas agus de dheasbad fon tiotail 'Poilitigs. Cultar. Cruthachas. Meadhan Deagh Atharrachaidh'.  

Bidh na tachartasan air chois air 17, 18, 24 is 25 Lùnastail aig Pàrlamaid na h-Alba.

Com-pàirtichean Fèis na Poilitigs

'S iad ar com-pàirtichean Urras Carnegie RA, Urras Carnegie Dhùn Phàrlain is Comann Lagha na h-Alba, agus 's e ar com-pàirtiche sna meadhanan Iris Thaigh an Ròid.   

Na Tha Ri fhaotainn sa Phrògram agus Tiogaidean

Tha tiogaidean ri fhaotainn air-loidhne aig www.festivalofpolitics.org.uk (làrach-lìn on taobh-a-muigh). 

Tha àireamh theòranta de thiogaidean ri fhaotainn bho Phàrlamaid na h-Alba an dà chuid le dhol ann no air fòn aig 0131 348 5405. 

Gheibhear làn-fhiosrachadh mu phrògram na fèise aig www.festivalofpolitics.org.uk (làrach-lìn on taobh-a-muigh).

Gabhaidh ar leantainn air

Twitter @FoP#2012

Hashtag #fop12

Facebook air www.facebook.com/FestivalofPolitics 

Bidh dealbhan-camara an tachartais ri fhaotainn an asgaidh on ghailearaidh seo a leanas: 

http://scottishparliament.photoshelter.com/gallery/Festival-of-Politics-2012/G0000M_JYO2YO7Ow 

Ma thèid iarraidh oirbh, cuiribh a-steach am facal-faire seo a leanas: 2012fop

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service 
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl 
 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.