BCPA a' cur aonta ri togail ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh Taigh an Ròid

06.09.2012

Chaidh ainmeachadh gun tèid ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh ùr a thogail aig Taigh an Ròid an dèidh comhairle fhaotainn air tèarainteachd a tha "soilleir seasmhach".

A' ruigsinn co-dhùnaidh an-diugh, thuirt Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA) gun robh dleastanas cùram orra airson nan 400,000 neach a thadhlas air Taigh an Ròid gach bliadhna, cho math ri uallach laghail iad a chumail sàbhailte.

 

Thèid an obair-thogail a thòiseachadh an Dàmhair 2012 agus an t-ionad ùr gu bhith deiseil as t-samhradh 2013. 'S e cosgas iomlan a' phròiseict, a' gabhail a-steach Cìse Luach-Leasaichte (CLL), cìsean eile agus cosgaisean cur-air-dòigh, £6.48m.

 

Thèid a' chosgais a choileanadh le maoin a th' aig a' Phàrlamaid mu-thràth le bhith a' cur pròiseactan eile dheth 's a' chosgais a sgaoileadh thar dhà bhliadhna iomhnais, rud a nì cinnteach nach bithear a' tarraing barrachd airgid às an sporan phoblach.

 

Tha dearbhadh na cosgaise air tighinn an dèidh deuchainn gus togail an ionaid a chur fo thairgse, rud a tha a-nis dèante, air bhonn cruth-dhealbhaidh stèidhte le cosgais stèidhte.

 

Nì an t-ionad ùr dìon air aonachd an togalaich le bhith ag ath-shuidheachadh an àite far am bithear a' dèanamh sgrùdadh tèarainteachd. Ann am beachd luchd-comhairlichidh tèarainteachd, tha an t-slighe-a-steach 's an t-ionad-tèarainteachd a th' ann an ceartuair ro fhaisg air an t-seòmar dheasbaid agus air àiteachan a bhios làn de bhuill a' mhòr-shluaigh agus de bhuidhnean-sgoile.

 

Ann an litir gu BPAan an-diugh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

 

“Tha e mar fhiachaibh oirnn an co-dhònadh ceart a dhèanamh air sgàth iadsan air a bheil uallach oirnn iad a chumail sàbhailte."

 

Tha teagsa iomlan litir an Oifigeir Riaghlaidh mar a leanas:

 

A Bhall Chòir,

 

Ionad-Tèarainteachd Taobh-a-Muigh aig Taigh an Ròid

 

Tha mi a' sgrìobhadh gus fiosrachadh ùr a chumail riut mun cho-dhùnadh a rinneadh na bu traithe an-diugh le BCPA a thaobh an Ionad Tèarainteachd Taobh-a-Muigh (ITT).

 

A' leantainn air adhart o dheuchainn choileanta a thaobh togail an ionaid a chur fo thairgse agus air bhonn comhairle tèarainteachd is laghail a tha soilleir seasmhach, tha BCPA an-diugh air aontachadh gu h-aona-ghuthach gun tèid cùmhnant a thoirt seachad gus ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh a thogail.

 

Bho thoiseach-tòiseachaidh a' phròiseis seo, a thòisich sa bhliadhna 2007 le ath-sgrùdadh air tèarainteachd, tha BCPA air cumail orra a' dèanamh cho-dhùnaidhean mun cheist chudromach seo gu ciallach agus ann an ìrean. Ri linn na h-ùine sin, bha aon teachdaireachd shoilleir againn on luchd-comhairlichidh tèarainteachd - 's e sin, o chionn 's gu bheil bagairt ann san latha an-diugh, gur e rud fìor riatanach gun rachadh ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh a thogail.

 

Cuiridh mi air chudroim e nach e co-dhùnadh aotram a rinn BCPA, gu sònraichte leis mar a tha suidheachadh an eaconamaidh, ach tha a' chomhairle laghail a fhuair sinn a cheart cho soilleir. Tha dleastanas cùram oirnn do na BPAan uile, don luchd-obrach, don luchd-obrach air chùmhnant agus don 400,000 de bhuill a' mhòr-shluaigh a thig tro ar dorsan gach bliadhna, agus a thaobh an lagha feumaidh sinn a h-uile ceum 'a ghabhas dèanamh gu reusanta' a ghabhail gus iad a chumail sàbhailte 's fo dhìon.

 

Tha e mar fhiachaibh oirnn an co-dhùnadh ceart a dhèanamh air sgàth iadsan air a bheil uallach oirnn iad a chumail sàbhailte.

 

Thèid am pròiseact air adhart air bhonn cruth-dhealbhaidh stèidhte le cosgais stèidhte. Tòisichidh an obair-thogail aig toiseach an Dàmhair 's tha sinn an dùil gum bi an t-ionad ùr deiseil 's ag obrachadh mu dheireadh samhraidh 2013. Chaidh am pròiseact a dhealbhadh an leithid a dhòigh 's gun dèanar cinnteach nach bi bristeadh ann an gnothaichean na pàrlamaid agus gum bi cothrom aig a' mhòr-shluagh faighinn a-steach air àrainn na pàrlamaid fhathast. 

 

'S e cosgas iomlan a' phròiseict, a' gabhail a-steach CLL, cìsean eile agus cosgaisean cur-air-dòigh, £6.48m. Thèid a' chosgais a choileanadh le maoin a th' aig a' Phàrlamaid mu-thràth le bhith a' cur pròiseactan eile dheth 's a' chosgais a sgaoileadh thar dhà bhliadhna iomhnais, rud a nì cinnteach nach bithear a' tarraing barrachd airgid às an sporan phoblach.

 

Ann a bhith a' toirt a' phròiseict seo air adhart, tha BCPA fo dhleastanas daingeann gun leanar air adhart le pròiseas de dh'fhosgailteachd, de shoilleireachd is de chunntachalachd. Uime sin, tha sinn air duilleag eadar-lìon a chur air dòigh anns am bi am fiosrachadh is na h-ìomhaighean as ùire - rudan a tha cuideachd an lùib na litreach-sa - agus bithear a' cumail fiosrachaidh ùr cunbhalach a thaobh chosgaisean is obair-thogail ri BCPA, fiosrachadh a thèid a cho-roinn le Buill 's a bhios ri fhaotainn gu poblach.

 

Airson ur fiosrachaidh, cuiridh mi an lùib na litreach pàipear BCPA a tha a' cur an cèill tuilleadh fiosrachaidh mu sgèile-tìm na h-obrach, chosgaisean iomlan a' phròiseict mar a mheasar sin agus structair-riaghlaidh na cùise a thathar a' cur air dòigh.

 

Mar a dh'ainmich mi, cha b' e co-dhùnadh a bha seo a rinn BCPA gu h-aotrom, agus tha sinn buidheach às leth na fhuair sinn de thaic air feadh a' phròiseis, an dà chuid bho cheannairdean nam pàrtaidhean agus bho Bhuill thar a h-uile pàrtaidh an seo aig Taigh an Ròid.

 

Tricia Marwick

 

Cùl-sgeul

 

Tha pàipear BCPA on latha an-diugh ri fhaotainn air làrach-lìn na Pàrlamaid, cho math ri 3 ìomhaighean den ionad.

Further details

Contact Information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.