Fàilligeadh òigridh gun dachaigh a thaobh taic

07.10.2012

Thathar a' fàilligeadh òigridh gun dachaigh a thaobh taic a bheir cuideachadh dhaibh faighinn thairis air dìth sgilean beatha, suidheachadh a thèid am miosad ri linn ionadan-fuirich aig droch-ìre agus iomallachd, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Co-ionannachd Chothroman an-diugh.

Tha an aithisg 'Dachaigh 's a Cumail: ceuman a chuireas stad air dìth dachannan òigridh',  a' toirt am follais sreath de dhùbhlain a bhios ron òigridh a dh'fhulaingeas bristeadh san teaghlach, agus ron fheadhainn sin a tha cugallach air dhaibh ionadan-cùraim fhàgail, a thaobh beatha neo-eisimeileach a thoirt a-mach dhaibh fhèin.  

A rèir aithisg na comataidh, anns a bheil fianais is fios a fhuaireadh aig òigridh a bha iad fhèin gun dachaigh, dh'fhaodadh innleachdan leithid obair-rèite, cothroman faochaidh agus ròl nan sgoiltean a bhith air an cur gu feum gus stad a chur air a' chùis. 

Cuideachd, dhrùidh air a' chomataidh gun robh fianais ann gu bheil òigridh gun dachaigh ann a thig an uachdar às an dà chuid teaghlaichean agus à siostam a' chùraim aig a bheil, a rèir aon neach-fianaise* - "dualchas easpa sgilean sòisealta is dìth modhan cumanta sòisealta", 's bhathar a' toirt rabhadh gur dòcha, "Gu bheil sinn... fo chunnart gun cruthaich sinn fo-chlas de dhaoine air leth aig nach eil na sgilean sòisealta a bheir air adhart iad."

 Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mary Fee BPA:

"Mothachail 's gu bheil sinn gu bheil Riaghaltas na h-Alba agus na h-ùghdarrasan ionadail ag obair gu dian gus stad a chur air dìth dachannan òigridh, bha sinn air ar buaireadh gu mòr a' cluinntinn bho dhaoine òga aig aois 16 a' fàgail ionadan-cùraim 's fìor dhìth orra a thaobh sgilean beatha riatanach, leithid airgead a làimhseachadh, 's iad an sin air an cur a-steach gu dachannan aig droch-ìre 's nach bu chòir gabhail riutha, agus iad air am fàgail air an iomall annta sin gun taic." 

"Feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun gabhar tuilleadh obrach leantainnich os làimh gus stad a chur air seo, gum bithear a' teasgasg sgilean beatha sna sgoiltean, gun coileanar bun-ìrean reachdail a thaobh ionadan-fuirich agus gum faigh an òigridh as cugallaiche againn taic aig àm cho cudromach nam beatha." 

Cuideachd, thug an aithisg am follais grunn cheistean mum feum Riaghaltas na h-Alba freagairtean a thoirt air ais don chomataidh, mar a tha:  

  • Fìor-dhragh na comataidh gum bi cuid de dh'ùghdarrasan ionadaile a' dèiligeadh ri òigridh aig aois 16 's iad a' fàgail ionadan-cùraim ann an dòigh caran àbhaisteach, tron t-siostam daoine gun dachaigh. 
  •  
  • Am feum a th' ann dèanamh cinnteach gu bheil tabhartasan cùram coimhearsnachd (TCCan), a tha ri fhaotainn gus cuideachadh a thoirt do dhaoine imrich a dhèanamh às ionadan-cùraim còmhnaidh 's a-steach gu dachannan, gu tur air dòigh air an dearbh latha a gheibh an duine òg iuchraichean na dachaigh, chan ann seachdainnean neo mìosan an dèidh làimh.
  •  
  • Gum bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air ro-innleachd a h-uile ùghdarras a thaobh stad a chur air dìth dachannan òigridh, a chor is gum faighear a-mach cò aca a tha èifeachdach 's neo-èifeachdach.

Cùl-sgeul 

Thig an fhianais bheòil air an deachaidh tarraing a thoirt sa phìos suas à taobh-duilleig 13 den aithris 's iad air an cur às leth an Dr Paul Monaghan o Urras Dìth Dachannan na Gàidhealtachd, duine a thug fianais don chomataidh air 29 Samhain 2011.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.