Coimhearsnachdan na h-Alba a’ tighinn cruinn còmhla ann am Pàrlamaid na h-Alba

17.10.2012

Cluinnear diofar ghuthan à air feadh na h-Alba ann an Seòmair-deasbaid agus seòmraichean comataidh Pàrlamaid na h-Alba Disathairne 27 Dàmhair aig a’ cheathramh Co-labhairt Coimhearsnachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ cho-labhairt ag amas air buidhnean coimhearsnachd, buidhnean shaor-thoileach beaga, comainn chatharra agus buidhnean iomairt ionadail, cuid aca nach eil air na h-iomairtean aca a thoirt dhan Phàrlamaid roimhe. Tha e a’ toirt cothrom do na riochdairean a’ Phàrlamaid fhaicinn dhaibh fhèin agus ionnsachadh mu bhith a’ togail chùisean air beulaibh diofar luchd-èisteachd.

Bidh na riochdairean a’ frithealadh bùithtean-obrach mu chomataidhean na Pàrlamaid, mu obair BPA, athchuingean, buidhnean-thar phàrtaidh, cleachdadh nam meadhanan agus nam meadhan sòisealta. Cluinn iad bho dhiofar BPA a tha a’ gabhail pàirt agus ionnsaichidh iad cuideachd mu na dòighean gus tachartasan is taisbeanaidhean a chur air dòigh sa Phàrlamaid a tha ag amas air an dàrna cuid BPA agus am poball.

Tha a’ cho-labhairt mar phàirt de phrògram ruigsinneachd na Pàrlamaid. A bharrachd air a bhith a’ cur fàilte air daoine gu Taigh an Ròid, bidh a’ Phàrlamaid dol a-mach gu coimhearsnachdan agus air 5 Samhain, bidh a’ Phàrlamaid a’ tadhal air Hamhaig airson tursan sgoile, coinneamh aig Comataidh an Ionmhais agus sreath de thachartasan le buidhnean coimhearsnachd. Thadhail mu 12,000 sgoilearan air Taigh an Ròid an-uiridh agus chaidh luchd-obrach aig a’ Phàrlamaid a-mach gu 300 sgoiltean airson seiseanan foghlaim.

Thèid seisean an t-seòmar a chraoladh beò air làrach-lìn na Pàrlamaid aig 10.30f. Faodaidh luchd-cleachdaidh twitter naidheachd na co-labhairt a leantainn le bhith a’ cleachdadh #CoCo4

 

Briog an seo airson barrachd fiosrachaidh mu na buidhnean a bhios a' frithealadh na co-labhairt.

Fios conaltraidh

Fiosrachadh do na meadhanan:

  • Sally Coyne: 0131 348 6265 Fàilte to RNID TypeTalk
  • Post-d: sally.coyne@scottish.parliament.uk

 

Fiosrachadh a' Phobail

 

Faodar ar leantainn air twitter @ParlAlba no air ar blog: parlamaidalba.wordpress.com

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.