Taigh an Ròid a’ tighinn gu Hamhaig

02.11.2012

Bidh a’ chiad Latha Pàrlamaid ga chumail ann an Hamhaig air Diluain 5 Samhain far am bi latha trang ann leis an Oifigear Riaghlaidh a’ tadhal air buidhnean ionadail, BPA a’ tadhal air sgoiltean agus bùth-obrach is coinneamh fhoirmeil de Chomataidh an Ionmhais gan cumail.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

A’ bruidhinn ron chuairt, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Is e deagh àite a tha ann an Hamhaig airson tòiseachadh air ar n-iomairt Latha na Pàrlamaid.  Is e fìor àite tarraingeach a th’ann an Cridhe Hamhaig airson mòran de na tachartasan againn agus tha mi’n dòchas gun toir na tachartasan a tha sinn air a dhealbhadh misneachd dha muinntir Hamhaig a bhith an sàs agus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid.

 “Bheir Latha na Pàrlamaid cothrom dha daoine ionadail ‘dealbh goirid’ fhaighinn dhaibh fhèin air obair is gnìomhachd na Pàrlamaid. Leigidh e le daoine coinneachadh ri BPA is ceistean a chur orra a thaobh na laghan agus na cuspairean a bhios a’ toirt buaidh orra.”

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA:

“Tha e na mhòr thoileachas dhuinn a bhith mar phàirt den chiad Latha Pàrlamaid. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach a bhith an sàs le sgoilearan agus muinntir Hamhaig anns an sgrùdadh a tha sinn a’ dèanamh air dreachd buidseit Riaghaltas na h-Alba. Is ann air sgàth sin a tha Comataidh an Ionmhais an sàs anns a h-uile cuspair eadar gnìomhan foghlaim air buidseit fochaideach, seisean C&F le sgoilearan, agus gu dearbh, na 21 buidhnean ionadail a tha a’ gabhail pàirt anns na bùthan-obrach againn a bhrosnaicheas ceistean a thèid a chur gu dìreach air Iain Swinney, Rùnaire a’ Chabineit airson Ionmhas, Cosnadh is Fàs Seasmhach.”

Bidh dleastanas sònraichte air sgoilearan bho Àrd-sgoil Hamhaig a’ cur fàilte air a’ Phàrlamaid don bhaile le taisbeanadh fasain air Didòmhnaich 4 Samhain nuair a chuireas iad air adhart an cùrsa aca ‘Fasan Cruthachail – Caileagan le Àrd-amas’ aig fàilteachadh Cridhe Hamhaig. Bidh na sgoilearan cuideachd a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachd buidseit fochaideach a tha Sgioba Foghlam is Ruigsinn aig a'  Phàrlamaid agus luchd-obrach Comataidh an Ionmhais a’ cur air adhart mu phròiseas buidseit Riaghaltas na h-Alba, ri taobh sgoilearan bho Àrd-sgoil Dhùn Airchill agus Àrd-sgoil Chealsach air Dihaoine 2 Samhain.

 

Gnìomhan Latha na Pàrlamaid

An t-Oifigear Riaghlaidh

Am measg nam buidhnean air an tadhal an t-Oifigear Riaghlaidh air Diluain 5 Samhain tha an iomairt ealain coimhearsnachd “Art Beat Studios” agus an carthannas thar-Chriochan “Home Basics” a bhios a’ cuideachadh màladairean ùr taigheadais-shòisealta dachaighean a sgeadachadh le àirneis ath-chuairtichte agus pacan deasachadh-dachaigh a thoirt dhaibh. Tadhalaidh an t-Oifigear Riaghlaidh cuideachd air buill Comann Seann Daoine Hamhaig.

Foghlam

Thèid Sgioba Coimhearsnachd Foghlaim na Pàrlamaid còmhla ri luchd-obrach Comataidh an Ionmhais air Dihaoine 2 Samhain gus a bhith ag obair le sgoilearan bho Àrd-sgoil Hamhaig, Àrd-sgoil Chealsaich agus Àrd-sgoil Dhùn Airchill an sàs ann an gnìomhachd co-cheangailte ri dreachd buidseit Riaghaltas na h-Alba.

 Ann an gnìomhachd buidseit fochaideach, thig na sgoilearan gu co-dhùnadh mu dè an àireamh de dh’airgead a chosgadh iad air raointean leithid slàinte, foghlam is ceartas agus gheibh iad tuigse air a’ phròiseas sgrùdaidh a bhios Comataidh Ionmhais Pàrlamaid na h-Alba a’ cur air chois. Ullaichidh na sgoilearan cuideachd ceistean ron t-seisean C&F neo-fhoirmeil nuair a choinnicheas iad ri Comataidh an Ionmhais air Diluain 5 Samhain. Thèid leantainn air an tachartas sin air Diluain 12 Samhain nuair a shiubhlas na sgoilearan gu Pàrlamaid na h-Alba gus pàirt a ghabhail ann an deasbad sònraichte stèidhichte air na co-dhùnaidhean buidseit aca, agus gheibh iad cothrom turas a thoirt timcheall Taigh an Ròid.

Air Diluain 5 Samhain, tadhalaidh BPA ionadail air còig bun-sgoiltean far an dèan sgoilearan agallamh leotha a thaobh obair na Pàrlamaid agus dleastanas nam BPA ann a bhith a’ riochdachadh nam buill roinn-taghaidh aca. Bidh gach clas ag amas air duilleag aghaidh shònraichte fhoillseachadh airson pàipear-naidheachd Latha na Pàrlamaid.

Tadhalaidh Pòl Wheelhouse BPA air Bun-sgoil Stirches; tadhalaidh Chic Brodie BPA air Bun-sgoil Bun na h-Aibhne; tadhalaidh Jim Hume BPA air Bun-sgoil Wilton agus tadhalaidh Joan McAlpine BPA air gach cuid Bun-sgoil na Trianaid agus air Bun-sgoil Drumlanrig Naomh Cuthbert.

Comataidh an Ionmhais

Tha dleastanas air Comataidh an Ionmhais a bhith a’ sgrùdadh chosgaisean poblach agus a’ sgrùdadh an dreachd buidseit £34 billean aig Riaghaltas na h-Alba airson 2013-14.

Air Comataidh an Ionmhais tha seachd BPA bho dhiofar phàrtaidhean poilitigeach le Coinneach Gibson BPA mar Neach-gairm agus Iain Mason mar Leas-neach Gairm, Jamie Hepburn BPA, Elaine Mhoireach BPA, Gavin Brown BPA, Sìne Urchadan BPA agus Mìcheal MacMhathain BPA.

Is ciall dha sgrùdadh air cosgaisean poblach gum bi a’ Chomataidh a’ coimhead gu faiceallach air na molaidhean a tha aig Riaghaltas na h-Alba gus an cuid airgid a chosg agus na co-dhùnaidhean a thathas ag amas a thigeadh bhon chosgais sin.

Mar phàirt den phròiseas sgrùdaidh tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gu bheil e deatamach cluinntinn bho bhuidhnean ionadail. Is ann air sgàth sin a tha Hawick Knitwear, The Bridge agus Kelso Graphics am measg na 21 buidheann ionadail a bha a’ gabhail pàirt anns na bùthan-obrach madainn prìobhaideach sin.

Faodar na cuspairean a thèid a thogail le muinntir Hamhaig aig na bùthan-obrach an uair sin an cur gu dìreach gu Iain Swinney, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas, Cosnadh is Fàs Seasmhach, nuair a bheir e fianais seachad do Chomataidh an Ionmhais aig 2.00f air Diluain 5 Samhain.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear clàr-chùisean agus pàipearan Comataidh an Ionmhais airson na coinneimh air Diluain 5 Samhain an seo –

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29822.aspx

Fiosrachadh do na meadhanan

Ann Donald: 0131 348 5605

Fàilte air fiosan teacsa

ann.donald@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh Poblach

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100
  • Chuirear fàilte cuideachd air fiosan tro sheirbheis Sealaidheachd Teacsa
  • Teachdaireachd teacsa: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

 

Faodaidh tu cuideachd ar leantainn air twitter @scotparl

Find out more

  • Parliament Day in Hawick

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact
    us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using
    the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  •  sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.