Sùilean air Steòrnabhagh air Dàra Latha na Pàrlamaid

15.11.2012

Thèid Steòrnabhagh a chur am follais sa Mhàrt an ath bhliadhna mar an t-ionad airson dara ‘Latha na Pàrlamaid’ aig Pàrlamaid na h-Alba (15 Màrt 2013). Bidh an iomairt ùr ‘Latha na Pàrlamaid’ a’ toirt obair Pàrlamaid na h-Alba agus an luchd-phoilitigs aice a-steach ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Aig dara ‘Latha na Pàrlamaid’ bidh coinneamh le Comataidh nan Athchuingean Poblach (Public Petitions) aig Taigh an Ròid agus coinneamhan le buidhnean ionadail agus cuairtean gu sgoiltean ionadail.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA agus i a’ cur an cèill an ionaid airson dara 'Latha na Pàrlamaid':

 

‘Tha an iomairt Latha na Pàrlamaid a' toirt obair na Pàrlamaid a-steach gu cridhe choimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Tha e na chothrom dha-rìribh do dhaoine aig gach aois barrachd ionnsachadh mu obair na Pàrlamaid aca agus a bhith ga faicinn a' cur rithe.

 

“Sheall mar a shoirbhich ciad Latha na Pàrlamaid ann an Hamhaig toil muinntir na h-Alba ceangal a dhèanamh ri Taigh an Ròid far a bheil iad a’ fuireach agus ag obair. Tha togail agam ri bhith a’ tadhal air Steòrnabhagh nuair a bheir sinn a’ Phàrlamaid gu muinntir nan Eilean Siar.” 

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh nan Athchuingean Poblach, Dàibhidh Stiùbhart BPA:

 

“Chan eil ann an Comataidh nan Athchuingean Poblach ach aon dòigh sam faod daoine à Alba gu lèir dol an sàs anns a’ Phàrlamaid. Tha e cudromach gun sìn na Comataidhean a-mach gu Alba air fad agus tha mi cho toilichte gum bi sinn a’ coinneachadh anns na h-Eilean Siar don chiad turas.”

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Thèid barrachd fiosrachaidh mu na bhios a’ tachairt ann an Steòrnabhagh a chur an cèill sna seachdainean air thoiseach.

 

Chaidh ciad ‘Latha na Pàrlamaid’ a chumail Diluain 5 Samhain ann an Hamhaig le coinneamh fhoirmeil aig Comataidh an Ionmhais, cuairt air sgoiltean ionadail le Buill agus caochladh choinneamhan leis an Oifigear Riaghlaidh.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan 

Fiosrachadh a' Phobaill 

Faodar ar leantainn air twitter @parlalba

Faic air blog Gàidhlig: parlamaidalba.wordpress.com

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.