Cha bu chòir gun cailleadh sgìrean dùthchail a-mach ann an ro-innleachd turasachd nam ‘bliadhnaichean buadhach'

19.11.2012

Cha bu chòir gum biodh Glaschu mar an t-aon àite a bheir buannachd à Geamaichean a' Cho-fhlaitheis nuair a thig iad gu Alba ann an 2014, tha aithisg le Comataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd air ro-innleachd turasachd nam 'bliadhnaichean buadhach' aig VisitScotland ag ràdh.

Chuir a’ Chomataidh iomagain an cèill cuideachd nach tèid tachartas ‘An Cruinneachadh’ a chumail a-nis ann an Sruighlea, a bha gu bhith mar chuid de chomharrachadh Cruinneachadh 2014, agus tha i air sgrìobhadh gu VisitScotland a dh'iarraidh mìneachaidh. 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd Murchadh Friseal BPA:

“Tha e soilleir gu bheil an fheadhainn anns a’ ghnìomhachas a’ cur fàilte air an obair seo gus buannachd a thoirt às na gnothaichean poblach mòra seo leithid Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis agus Cuach Ryder ann an 2014.

“Chuala a’ Chomataidh iomagain, ge-tà, gur dòcha nach tèid a’ bhuaidh fhaireachdainn ach a-mhàin sna bailtean-mòra againn. Chaidh gealladh a thoirt dhuinn gu bheil plana airson iomairt-mhargaidheachd (marketing campaign) airson na h-Alba gu lèir air fàire. Feumar seo a lìbhrigeadh a-nis.

“Is coltach gu bheil cion mion-fhiosrachaidh cuideachd mu na tha san amharc an dèidh don luchd-turais dol dhachaigh ann an 2014. Tha a’ Chomataidh seo air aithisg a thoirt cheana nach coltach gun toir an gnìomhachas fàs air an teachd-a-steach aige le 50 a-mach às a’ cheud ro 2015, mar sin gus planaichean san àm air thoiseach a sgrùdadh, bidh am mion-fhiosrachadh sin a dhìth air Buill, mar a tha agus air gnìomhachas na turasachd fhèin, gus taic a chur ri fàs seasmhach anns an roinn."

Ann an giorrachadh, tha an aithisg ag ràdh:

Chaidh ro-innleachd (initiative) nam bliadhnaichean buadhach a mholadh le luchd-cleachdaidh sa ghnìomhachas a bha den bheachd gur h-e "beachd barraichte margaidheachd" agus "cothrom math dha-rìribh do dh'Alba air fad" a bha ann.

Thug a’ chomataidh an aire dhan dragh a bha ann, ge-tà, gu bheil na 'bliadhnaichean buadhach' ag amas air na bailtean agus tachartasan mòra agus gur dòcha nach fhaigh sgìrean dùthchail an aon bhuannachd;

Bha ceist air a’ Chomataidh cuideachd mu chion mion-fhiosrachaidh a thaobh na san amharc an dèidh 2014. Ged a thathar air tòiseachadh a dheasbad, tha a’ Chomataidh air ùrachadh cunbhalach iarraidh air VisitScotland mun obair-mhargaidheachd a tha san amharc aige an dèidh 2014;

Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air an tagradh a chaidh a chur gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu chìsean luchd-siubhail adhair;

 

Sgrìobh a’ Chomataidh gu VisitScotland agus Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh fios às ùr mu chur dheth A' Chruinneachaidh agus na h-ullachaidhean eile a thathar a' cur ri chèile mar chuid de Thighinn Dhachaigh 2014.

Cùl-fhiosrachadh

 

Is e tha sna ‘bliadhnaichean buadhach’ ainm coitcheann airson nan ochd tachartasan mòra is nan clachan-mìle a thathar a' cumail bho 2012 gu 2014. Is e a tha ann gairm gus am bi gnìomhachas na turasachd, agus caochladh bhuidhnean eile ann an com-pàirteachas, ag obair còmhla gus eaconomaidh an luchd-turais a lìbhrigeadh thar nam bliadhnaichean ri teachd. Is iad na tachartasan mòra: bliadhna Alba Chruthachail; Comharrachadh Trì-fichead-bliadhna na Banrigh; Geamaichean Oilimpigeach is Para-oilimpigeach Lunnainn; Brave Disney-Pixar; bliadhna Alba Nàdarrach; Tighinn Dhachaigh Alba; Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu agus Cuach Ryder

Chaidh an rannsachadh seo a chur air bhog an dèidh aithisg leis a’ Chomataidh sa Ghearran, far an deach iomagain a chur an cèill a thaobh mar a ghabhadh an t-amas de 50 a-mach às a’ cheud air fàs a thoirt a-mach. Tha rùn aig Riaghaltas na h-Alba agus aig obair na turasachd cur ri teachd-a-steach slàn bho thurasachd 50 a-mach às a’ cheud ann an seagh dha-rìribh ro 2015, a’ cur feum air na h-àireamhan teachd-a-steach airson 2005 mar bhunait. Gus aghaidh a thoirt air teagamh sam bith, dh’iarr a’ Chomataidh aithrisean bliadhnail air VisitScotland mu adhartas gus an t-amas a thoirt a-mach, cho math ri planaichean gus aghaidh a thoirt air tuiteam air ais sam bith ann an adhartas.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500 
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100 
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.