Fealla-dhà dhan teaghlach aig ìre nan Oilimpigeach aig a’ Phàrlamaid

23.11.2012

Tha tomhas do chomais mar Oilimpigeach agus a’ cruthachadh an tùir as àirde mar a dhà de na dùbhlain smaoineachail a thathar a’ tairgse air Latha an Teaghlaich Disathairne 1 Dùbhlachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

A’ comharrachadh Latha an Naoimh Anndra le latha làn fealla-dhà de thachartasan an-asgaidh do theaghlaichean is luchd-tadhail, tha a’ Phàrlamaid air a dhol còmhla ri Ionad-saidheans Ghlaschu gus sreath de naoi buidhnean-obrach is taisbeanaidhean saidheans nan togail-inntinn a fhreagras air inntinnean a bhios a’ togail cheistean aig aois sam bith.

 

Taghaibh bho thaisbeanadh Bodyworks far am bi sibh ag obair le ur làmhan fhèin agus feuch dè cho àrd agus a thèid agaibh air leum; cuiribh eòlas air saidheans ghasan agus an uair sin cuiribh deuchainn air ur cumhachd, luathas agus lùths aig Fit Lab. Rachaibh an dèidh sin gu seisean far an dèan sibh clachan-tarraing tarraingeach, itealain-phàipeir agus cuiribh crìoch air an latha leis an dùbhlan gus tùr K’nex a thogail.

 

Bidh tursan-iùil an-asgaidh timcheall air Pàrlamaid na h-Alba agus taisbeanadh-cùbaireachd mu ealain dhùthchasach togail thogsaidean mar chuid den taisbeanadh ‘Gràinne gu Glainne’ a tha a’ dol air adhart ann an Talla mòr na Pàrlamaid an-dràsta.

 

Thèid na tachartasan an-asgaidh a chumail bho 10.00 gu 17.00, leis a’ chead-a-steach mu dheireadh aig 16.30.

Cuiribh sgairt air 0131 348 5200 airson barrachd fiosrachaidh no luchdaichibh a’ bhileag a-nuas an seo:

 

http://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/56484.aspx
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.