Luchd-deasbad òg tàlantach aig Taigh an Ròid

30.11.2012

Thèid siathamh Deasbad bliadhnail an Naoimh Anndrais a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diluain 3 Dùbhlachd. 

Agus e ga chumail ann an co-bhoinn ri Riaghaltas na h-Alba agus Comann Luchd na Beurla, anns a’ ghnothach air leth seo, thig oileanaich còmhla à sgoiltean is oilthighean air feadh na h-Alba. Bidh sgiobaidhean nan oileanach a’ dol nan càraidean is a’ dol am farpais anns a’ chiad chuairt le dòchas an gnothach a dhèanamh don chuairt mu dheireadh a thèid a chumail ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid.

Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA a bhios sa chathair air an latha:

“Tha cumail Latha an Naoimh Anndrais na dhòigh gu math freagarrach do Phàrlamaid na h-Alba gus Latha an Naoimh Anndrais a chomharrachadh.  Tha e iomchaidh mar sin gun cùm an Seòmar Deasbaid an luchd-deasbad òg seo an latha a-màireach agus iad an sàs anns a’ chuairt mu dheireadh. 

“Dh’iarrainn air daoine tighinn ann cuideachd, oir chaidh a nochdadh anns na bliadhnaichean roimhe seo gu bheil an ìre de dheasbad am measg nan daoine òga seo airidh air luchd-èisteachd cho farsaing is a ghabhas.”  

Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid bho 16.30.30f Diluain 3 Samhain. Tha daoine dì-beathte a bhith an làthair agus thèid an fheadhainn a bhuannaicheas a chur an cèill aig deireadh ghnothaichean. Thèid còig duaisean a bhuileachadh airson: 

  • Neach-labhairt as Fheàrr air an Latha à Oilthigh
  • Neach-labhairt as Fheàrr air an Latha à Sgoil
  • Beachdan as Fheàrr bho Neach-èisteachd
  • An Dara h-Àite ann am Farpais-deasbad Latha an Naoimh Anndrais
  • A’ Chiad Àite ann am Farpais-deasbad Latha an Naoimh Anndrais

Cùl-fhiosrachadh

Nì sgiobaidhean-deasbaid Latha an Naoimh Anndrais deasbad air gluasadan mu chaochladh cuspairean a bhuineas don latha an-diugh le Bliadhna Alba Chruthachail agus Bliadhna Alba Nàdarrach a tha air fàire mar chùl-taice riutha. 

Is iad na sgoiltean a tha an sàs ann an Deasbad Latha an Naoimh Anndrais:

  • Àrd-sgoil Boroughmuir (Meadhan Dhùn Èideann)
  • Sgoil Craigholme, (Taobh a Deas Ghlaschu)
  • Àrd-sgoil Denny (An Eaglais Bhreac an Iar)
  • Acadamaidh Dhùghlais (Bruach Chluaidh is Muileann Dhàibhidh)
  • Àrd-sgoil Dhùn Bhlàthain (Siorrachd Chlach Mhanainn agus Dùn Bhlàthain)
  • Àrd-sgoil Earlston (Meadhan Lodainn a Deas, Dail Thuaidh agus Dail Labhdaidh)
  • Acadamaidh Bhaile Fharfair (Siorrachd Aonghais a Tuath agus a’ Mhaoirne)
  • Àrd-sgoil Forrester (Dùn Èideann an Iar)
  • Acadamaidh Grove (Cathair Dhùn Deagh an Ear)
  • Àrd-sgoil Hillpark (Glaschu Coille Chart)
  • Acadamaidh Ghleann Iucha (Gleann Iucha)
  • Àrd-sgoil MhicLabhrain (Sruighlea)
  • Àrd-sgoil Chaisteal na Maoirne (Coille an Ear)
  • Acadamaidh Inbhir Nàrann (Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann)
  • Àrd-sgoil Notre Dame (Glaschu Ceilbhinn)
  • Àrd-sgoil Phortobello (Dùn Èideann an Ear)
  • Colaiste Raibeirt Ghòrdain (Meadhan Obar Dheathain)
  • Acadamaidh Eilean Bhòid (Earra-Ghàidheal agus Bòd)
  • Sgoil Chaitligeach an Naoimh Anndrais (Glaschu Provan)
  • Acadamaidh an Naoimh Eòsaph, Dùn Phris (Siorrachd Dhùn Phris)
  • Àrd-sgoil an Naoimh Lùcais (Siorrachd Rinn Friù a Deas)
  • Àrd-sgoil Abronhill Shrath Chluaidh (Comar nan Allt is Cill Saidhe)
  • Sgoil-ghràmair Uddingston (Uddingston is Bellshill)

 

Togail-dhealbh

Bidh cothrom air dealbhan den latha saor an-asgaidh. Cuiribh fios gu Dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba Andrew Cowan air 0131 348 5878.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.