Comataidh an Ionmhais air fàilte a chur air a’ chuideam aig Riaghaltas na h-Alba air Tasgadh Calpach

10.12.2012

Tha Comataidh an Ionmhais air fàilte a chur air an tasgadh chalpach a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad ann am buidseat na bliadhna seo, san aithisg aice air Dreachd Buidseat 2013-14 a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Tha an co-dhùnadh seo air a bhonntachadh air an sgrùdadh a chuir Comataidh an Ionmhais feuch a bheil na tàbhachdan a thaobh caiteachais ann an Dreachd Buidseat 2013-14 a rèir a’ chuideim a chuir Riaghaltas na h-Alba air cur ri fàs seasmhach.

 

Tha bruthadh nach beag air ionmhas fhathast agus tha a’ Chomataidh mothachail gu bheil e na dhùbhlan mòr fhathast do Riaghaltas na h-Alba na rùintean a thaobh a’ bhuidseit aige a chumail san t-suidheachadh seo. 

Rinn a’ Chomataidh sgrùdadh air caochladh raointean a dh’èirich ri linn nan seiseanan-fianaise aice, nam measg; tasgadh calpach; “taghadh bhuannaichean” ann an eaconamaidh na h-Alba; cothrom air calpa; taghadh; bann-leathann; ath-ùrachadh; sgilean is cosnadh; teachd-a-steach aig ìrean neo-dhachaigheil agus fastadh anns an roinn phoblaich.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA:

 

“Tha sinn a’ cur fàilte air a’ chuideam a chuir Riaghaltas na h-Alba air an ìre as motha de thasgadh calpach nuair a tha srianadh mòr mòr ris a’ bhuidseat. A dh’aindeoin sin, tha sinn cuideachd den bheachd gu bheil feum air barrachd soilleireachaidh an dà chuid mun tasgadh a bharrachd a nithear agus mun taic a chuirear ri pròiseactan calpach.”

 

“Tha sinn cuideachd ag iarraidh barrachd sgrùdaidh air a’ cheangal eadar tàbhachdan is toraidhean Riaghaltas na h-Alba a thaobh caiteachas. Gu sònraichte, bu mhath leinn sgrùdadh air na cosgaisean is buannachdan a bheireadh an cuibhreann a chuireas na tàbhachdan a thaobh caiteachais ri fàs eaconamach seasmhach.”

 

Dh’iarr a’ Chomataidh air Riaghaltas na h-Alba freagairt a thoirt air na puingean a leanas:

 

  • Beachdachadh air barrachd maoineachaidh airson taigheadais air an ruig daoine, nam b’ e gum biodh cothrom air barrachd ghoireasan.

 

  • Ùrachadh bliadhnail a thoirt mu adhartas, mar chaomhnadh a gheibhear mar bhuil air na molaidhean ann an Ath-sgrùdadh MhicIllFhaolain (McLelland) a chur an gnìomh.

 

  • Raointean far a bheil Alba air thoiseach a shònrachadh is a chur air adhart agus mar as urrainnear comas na h-Alba mar bhrannd air thoiseach a thaobh bidhe is deoch a thoirt a-mach.

 

  • An deach beachd a ghabhail air tàbhachd a chur air cothrom air an eadar-lìon air feadh na h-Alba seachd tàbhachd air cothrom air an Lìon aig astar àrd?

 

  • Ùrachadh a thoirt mu thoraidhean sam bith a rèir Bharnett ag èirigh air leasachadh air sochair agus mar a tha e san amharc aig Riaghaltas na h-Alba an riarachadh.

 

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Dreachd Buidseat 2013-14 fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba air 20 Sultain 2012. Tha an aithisg seo bho Chomataidh an Ionmhais a’ sealltainn an sgrùdaidh air na molaidhean ann an dreachd a’ Bhuidseit, a’ gabhail a-steach caochladh mholaidhean rim beachdachadh le Riaghaltas na h-Alba mus tèid Bile a’ Bhuidseit fhoillseachadh anns an Fhaoilleach 2013.

 

Fhuair Comataidh an Ionmhais beachdan bho gach comataidh-cuspair, Comataidh Co-ionannachd Chothroman agus Comataidh Cheanglaichean air an Taobh-a-Muigh.

 

Thèid an deasbad mu aithisg na Comataidh air an dreachd den bhuidseat a chumail air an t-seachdain ron Nollaig. 

Read the report

Read the full report

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.