Ciamar a dh’fhaodar aghaidh a thoirt air com-pàirteachas neo-ionann le boireannaich ann an obair, tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman a’ faighneachd

10.12.2012

Am bacadh caoch, pàigheadh neo-ionann agus cothrom air cùram-cloinne. Seo ceistean a chuireas srian ri comas bhoireannach dol an sàs anns an àite-obrach. Tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman air gairm airson fianaise a chur a-mach an-diugh gus sealltainn air fuasglaidhean air an neo-ionannachd seo

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Co-ionannachd Chothroman Màiri Nic a’ Phì BPA:

 

“Tha mar a tha gnothaichean eaconamach an-dràsta air droch bhuaidh a thoirt air caochladh raointean, nam measg ìrean cion-cosnaidh a’ sìor dhol am meud, a’ bualadh air boireannaich gu sònraichte. 

 

“Tha rannsachadh na Comataidh air na ceistean a tha mar bhacadh air com-pàirteachas làn le boireannaich ann an obair a shònrachadh mar-thà. Nam measg seo tha a’ bhuaidh a bheir am bacadh caoch, boireannaich gan dealachadh ann an seòrsaichean àraid de dh’obair far a bheil pàigheadh is inbhe ìseal, agus gun chothrom air cùram-cloinne.

 

“Tha sinn uile ag iarraidh co-ionannachd am measg an luchd-obrach. Tha a’ Chomataidh seo a’ feuchainn ris na ceuman a tha dhìth gus sin fhaighinn a shònrachadh.”

 

Bu mhath leis an rannsachadh, a tha air gairm airson fianaise a chur a-mach an-diugh, beachdan a chluinntinn air fuasglaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann air caochladh cheistean a thog a' Chomataidh mar-thà.

 

Nam measg tha:

 

·         Ceistean a thaobh luchd-obrach – leithid obair-sioftaidh agus a’ bhuaidh a bheir i; cion obair phàirt-thìde ann an cuid de roinnean agus, ann am farsaingeachd, am meudachadh air àireamh nam fireannach ri obair phàirt-thìde; freagairt an luchd-fhastaidh air iarrtas airson a bhith ag obair gu sùbailte; a’ bhuaidh a bheir gearraidhean air pàigheadh anns na roinnean poblach is saor-thoileach; am mì-leas dùbailte a thig air boireannaich air a bheil ciorram a’ cur ann an margadh a’ chosnaidh.

·         Dealachadh ann an obair – leithid boireannaich gan dòmhlachadh ann an seòrsaichean sònraichte de dh’obair – leithid cùram, glanadh agus obair-chlèireachais; boireannaich ri obair phàirt-thìde far a bheil pàigheadh is inbhe ìseal mar thoradh air dleastanasan-cùraim no fo-chosnadh; a’ bhuaidh a bheir am bacadh caoch agus am buin e ri barrachd bhoireannach air bùird-stiùiridh no adhartas ann an dreuchd.

·         Cùram-cloinne – mar am feum air cùram-cloinne pailt is sùbailte gus feumalachdan obraichean-sioftaidh a thoirt a-mach; am feum gum bi cùram-cloinne an-asgaidh aig an ionad-lìbhrigidh; am feum air gu leòr de luchd-obrach.

·         Boireannaich ann an gnìomhachas – am feum a tha ann taic a chur ri boireannaich ann an gnìomhachas gus cuideachadh riutha an cuid iomairtean fhèin a thòiseachadh, a chumail suas agus a chinntinn.

·         Rian air pàigheadh neo-ionann ann an ùghdarrasan ionadail – mar a nithear cinnteach gun coilean ùghdarrasan ionadail dleastanasan mu phàigheadh co-ionann.

Cùl-fhiosrachadh

Thòisich Comataidh Co-ionannachd Chothroman an rannsachadh aice sa Ghearran agus tha e air:

  • Seisean cruinn a chumail ann an Seachdain nan Aonaidhean-ciùird a chumail (Gearran 2012)
  • Dol an ceannas air an deasbad anns a’ Phàrlamaid air Boireannaich agus Obair (Ògmhios 2012)
  • Cruinneachadh Riaghaltas na h-Alba air boireannaich is cosnadh a fhrithealadh is a leantainn (Sultain 2012)
  • Dreuchd Buidseat 2013-14 a sgrùdadh a thaobh gnè (Dàmhair/Samhain 2012)

Fios conaltraidh

Meadhanan

Fios Comataidh

You can also follow the Committee on Twitter @SP_EqualOpps

Fiosrachadh a' Phobaill

Lean air twitter sinn @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.