Dè na buannachdan ceangailte ri cur-seachadan le adhbhar sa phrìosan, tha Comataidh a’ Cheartais a’ faighneachd

11.12.2012

Am bi cothrom air obair agus trèanadh a thaobh dhreuchdan ann an da-rìribh a’ brosnachadh phrìosanach gus stad a bhith ri eucoir san ùine fhada? ’S e sin an dearbh cheist a tha Comataidh a’ Cheartais a’ cur anns an rannsachadh aice a chaidh a chur air bhog an-diugh.

Chaidh a’ cheist a thogail o chionn ghoirid ann an aithisg 2011-12 le Ceann-sgrùdaidh Prìosanan A Mòrachd, am Brigadeir Ùisdean Rothach, far an deach a chur an cèill gun robh prìosanaich a bha gun chothrom air cur-seachadan le adhbhar dìreach ‘gan cumail ann am batharnach’ - gan stòradh.

Gabhaidh rannsachadh Chomataidh a’ Cheartais beachd mar sin air ‘ceistean mun chothrom a bhios aig prìosanaich dol an sàs ann an cur-seachadan le adhbhar ri linn dhaibh a bhith sa phrìosan.’

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caristìona Ghreumach BPA:

 “Tha e a’ cosg mu £32,000 sa bhliadhna, airson gach àite ann am prìosan, mar sin tha feum follaiseach ann eucoir às ùr a lùghdachadh air sgàth tèarainteachd choimhearsnachdan, sporan a’ phobaill agus nam prìosanach iad fhèin.

“Nan robh ceud prìosanach ann nach dèanadh eucoir a-rithist is nach tilleadh dhan phrìosan, bhiodh sin a’ caomhnadh mu £3.2 millean sa bhliadhna. Tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach an tig ann an da-rìribh mar thoradh air obair, trèanadh a thaobh dhreuchdan agus foghlam cuideachadh ri prìosanaich gus an t-eòlas is a’ mhisneachd a tha a dhìth a thogail gus cosnadh fhaighinn agus sgur a bhith ri eucoir.

“Tha Comataidh a’ Cheartais den bheachd ma-thà gu bheil e deatamach fhèin gun seall sinn ris na buannachdan ceangailte ri ‘cur-seachadan le adhbhar’ ann am prìosanan na h-Alba. Cuideachd, tha sinn ag iarraidh sealltainn a bheil ‘cur-seachadan le adhbhar’ air an aon rèir sna prìosanan gu lèir agus ionnsachadh bhon chleachdas as fheàrr far a bheil a leithid ann.”

Tha gairm airson fianaise ga foillseachadh an-diugh mar phàirt de chur-air-bhog an rannsachaidh agus i ag iarraidh air a’ phoball a bharrachd air luchd-pàirteachaidh mar na buidhnean is carthannais iomchaidh ri prìosanaich is eucoir cho math ri Seirbheis Prìosanan na h-Alba agus Ceann-sgrùdaidh Prìosanan A Mòrachd ann an Alba, freagairt a thoirt air na leanas:

* Dè thathar a’ ciallachadh le cur-seachadan le adhbhar agus ciamar a ghabhas seo tomhas;

* An ìre dham bi cothrom aig prìosanaich dol an sàs ann an cur-seachadan le adhbhar;

* Dè na buannachdan a thathar a’ faicinn an lùib chur-seachadan le adhbhar agus a bheil eisimpleirean ann den chleachdadh as fheàrr;

* Dè na cnapan-starra a dh’fhaodadh a bhith ann a chuireas bacadh air prìosanaich dol an sàs nan leithid de chur-seachadan;

* A bheil cothrom air cur-seachadan le adhbharan air an aon rèir sna prìosanan gu lèir;

* An gabh cothrom air an leithid de chur-seachadan leasachadh. 

Cùl-fhiosrachadh

Mhìnich aithisg bhliadhnail a’ Bhrigadeir Ùisdean Rothach, Ceann-sgrùdaidh Prìosanan A Mòrachd ann an Alba, 2011-12, cur-seachadan le adhbhar mar ‘cur-seachad sam bith a bhios, anns an latha-obrach, a’ brosnachadh leasachadh. Ghabhadh seo a-steach obair, trèanadh a thaobh dhreuchdan, foghlam is clàran gus aghaidh a thoirt air giùlan eucoireach (leithid tràilleachd), cothrom air foghlam corporra agus tadhal.”

“B’ e a’ chosgais chuibheasach a bha ann airson gach prìosanaich ann an 2010-11 £32,146.”  - (làrach-lìn Seirbheis Prìosanan na h-Alba).

Contact information

Meadhannan

Comataidh

Fiosrachadh a' Phobaill

Lean air twitter sin @ParlAlba agus lean ar blog parlamaidalba.wordpress.com

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.