Rannsachadh Chomataidh Eaconamaidh air meudachadh luchd gun obair iomchaidh

17.12.2012

Aon bhuaidh a th’ aig an t-seacadh (recession), ’s e gu bheil tuilleadh dhaoine a’ gabhail ri obair phàirt-ùine no obair nach eil iomchaidh dhaibh a thaobh an cuid sgilean. Chan eilear buileach a’ tuigsinn as ciall le ‘gun obair iomchaidh’. Gus a’ bhuaidh a th’ aig seo air na daoine nach eilear ag obair ‘gu h-iomchaidh’ agus air eaconamaidh na h-Alba, tha Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd air rannsachadh a chur air bhonn an-diugh.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd, Murchadh Frìseal BPA:

 

“Sa bhitheantas cleachdar àireamhan dìth-obrach mar sgrùdadh air margadh na h-obrach. Tha staitistigean dìth-obrach a fhuaireadh o chionn ghoirid a’ sealltainn tuiteam a thaobh daoine a bhith gun obair, ach tha fianais ann gur dòcha gu bheil mar a tha san dà-rìribh, air dòigh nas iom-fhillte, am falach agus gu bheil meudachadh ann a thaobh daoine gun obair iomchaidh.

 

“Chan eilear buileach fiosrachail mun bhuaidh a th’ aig an fhasan seo air ar n-eaconamaidh agus orrasan a tha ‘gun obair iomchaidh’.

 

Bidh an rannsachadh cuideachd a’ toirt sùil air dè ghabhas dèanamh le gnìomhachasan, an roinn phoblach, an treas roinn agus Riaghaltas na h-Alba mu dhaoine gun obair iomchaidh, agus sin gun a bhith ag adhbhrachadh meudachd ìrean dìth-obrach, rud nach eilear ag iarraidh tachairt.”

 

Bidh rannsachadh na Comataidh a’ dìreadh air na ceithir cuspairean sònraichte seo a leanas:

 

A’ tuigsinn an rud ris an canar gun obair iomchaidh

·      Dè a’ bhuaidh a th’ air a bhith aig an t-seacadh eaconamach o 2008 air luchd gun obair iomchaidh?

·      Cò na buidhnean as dòcha a bhios air am bualadh le obair nach iomchaidh?

·      Dè fios a th’ ann air ìre obair neo-iomchaidh nach eil “soilleir”, far am bi daoine ri obraichean nach dèan làn-fheum dhen cuid sgilean?

·      A bheilear a’ tuigsinn obair neo-iomchaidh gu leòr a chor is gun tèid poileasaidhean a chur ri chèile gus aghaidh a thoirt air a’ chùis?

·      Dè na h-adhbharan a tha neach-obrach gun obair iomchaidh?

·      Ciamar a chuidich comas fastaiche (employer) uairean-obrach a lughdachadh ann a bhith a’ cumail àireamh an luchd-obrach mar a tha i agus an gnìomhachas a chumail a’ dol san t-seascadh eaconamach? 

 

Buaidh obair nach iomchaidh

·      Dè a’ bhuaidh a bhios aig obair neo-iomchaidh air cinneasachd, cìsean teachd-a-steach, cosgaisean shochairean agus cur-ri-peinnsean? 

·      Dè a’ bhuaidh a bhios aig obair neo-iomchaidh air sgilean, comas cosnaidh (an ceartuair agus san àm ri teachd), cothroman obrach san àm ri thighinn agus slàinte?  

 

A’ phàirt a tha aig an roinn phoblaich, ghnìomhachais agus an treas roinn  

·      Ciamar a ghabhas taic a chumail ri luchd gun obair iomchaidh ann a bhith a’ faotainn obair làn-ùine? 

·      A bheil tuilleadh ri dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum faigh luchd gun obair iomchaidh cothrom air trèanadh? 

·      A bheil pàirt aig gnìomhachasan agus san treas roinn ann a bhith a' toirt taic do luchd gun obair iomchaidh? 

 

A’ phàirt aig Riaghaltas na h-Alba

·      Ciamar a ghabhas aghaidh a thoirt air an rud ris an canar gun obair iomchaidh gun a bhith ag adhbhrachadh meudachd ìrean dìth-obrach, rud nach eilear ag iarraidh? 

·      Am feum Riaghaltas na h-Alba a chuid phoileasaidhean is ro-innleachdan a dhèanamh freagarrach gus aghaidh a thoirt air obair neo-iomchaidh? Dè a chomas a thaobh seo a dhèanamh? 

Cùl-sgeul

Tha an rud ris an canar gun obair iomchaidh a’ gabhail a-steach a h-uile duine gun obair a tha 16 bliadhna dh’aois is nas sine a bha, ri linn na seachdaine iomchaidh, deònach barrachd uairean-obrach a dhèanamh, rud a bha a’ ciallachadh gun robh iad:

 

·      Ag iarraidh obair eile a bharrachd air an obair (obraichean) àbhaisteach, no 

·      Ag iarraidh obair eile le tuilleadh uairean seach an obair (obraichean) àbhaisteach, no 

·      Ag iarraidh cur rin uairean-obrach iomlan san obair (sna h-obraichean) àbhaisteach aca. 

Rannsachadh a rinneadh o chionn ghoirid air sgàth an TUC (Càs Luchd gun Obair Iomchaidh TUC).

 

A rèir sgrùdadh TUC air luchd gun obair iomchaidh thar na RA, tha ìre na cùise ann an Alba air meudachadh o 7.67% ann an 2008 gu ruige 10.95% ann an 2012. Tha fianais ann gu bheil rudeigin coltach ri seo a’ tachairt aig ìre na RA cuideachd.

 

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan sgrìobhte mun chùis gus cuideachadh len rannsachadh. ’S e Diciadain 30 Faoilleach 2013 latha-crìochnachaidh na cùise. Cuiribh beachdan sgrìobhte a-steach gu dealantach aig: eet@scottish.parliament.uk

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.