Comataidh air rannsachadh mu theagasg chànanan sna bun-sgoiltean a chur air bhog

14.12.2012

Chaidh rannsachadh mu theagasg chànanan sna bun-sgoiltean a chur air bhog an-diugh (Dihaoine 14 Dùbhlachd) le Comataidh Eòrpach agus Cheanglaichean A-muigh.

 

Na bu thràithe am-bliadhna, mhol an Riaghaltas gum bu chòir gun ionnsaicheadh clann dara cànan bho Bhliadhna 1 sa bhun-sgoil agus gum bu chòir tòiseachadh air treas cànan ionnsachadh ann am Bliadhna 5 air a’ char as anmoiche. Chuir a’ Chomataidh roimhpe sealltainn air an amas seo a thaobh cànain, a’ chomas a tha sa chlàr-oideachaidh air a shon agus an air an àite a tha aig cànan mar thaic ris an eaconamaidh.

 

Gus an rannsachadh a thòiseachadh le eòlas ‘air an talamh’, tadhlaidh buill den Chomataidh air Bun-sgoil Dhail Mheàrnaig ann an Glaschu an-diugh gus coinneachadh ri luchd-teagaisg; sealltainn air teagasg ga dhèanamh (clas ann am Bliadhna 7 ag ionnsachadh Eadailtis, Bliadhna 6 ag ionnsachadh Fraingise agus Bliadhna 2 ag ionnsachadh Spàinnise; agus cabadaich ri pàrantan is clann.

 

A’ bruidhinn ron turas, thuirt an Neach-gairm Cairistìona NicEalbhaidh:

 

“Tha tuigsinn cànain eile na sgil cho cudromach agus tha rannsachadh a’ dearbhadh gur h-e e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach.  Tha rùn an Riaghaltais anns an t-seagh seo air fàilte fhaighinn bhon Chomataidh uime sin.

 

“Is e an obair a tha againn mar Chomataidh aig Pàrlamaid na h-Alba sealltainn feuch a bheil sinn den bheachd gun toir na molaidhean an t-amas a-mach taic dhearbhach a chur ri clann na bun-sgoile gus dà chànan a bharrachd ionnsachadh. Agus, gu cudromach, a bheil na goireasan agus an comas ann gus cuideachadh gus seo a lìbhrigeadh.

 

“Cuidichidh a’ chuairt a chuireas sinn ann am Bun-sgoil Dhail Mheàrnaig sinn gus rudan fhaicinn air an talamh, a’ cluinntinn bhon chloinn fhèin, bho na pàrantan agus bhon luchd-teagaisg mu na beachdan aca air seo. Chan eil ann an-diugh ach a’ chiad chuairt ann an sreath dhiubh air feadh na h-Alba. Tha togail air a’ Chomataidh againn ri bhith ag èisteachd barrachd bho dhaoine mun dòigh as fheàrr gus na daoine òga againn ullachadh airson na tha romhpa san t-saoghal-mhòr.

 

Còmhla ri Cairistìona NicEalbhaidh BPA air a’ chuairt seo bidh an Leas-Neach-gairm Hanzala Malik BPA. Is e an ath chuairt a bhios ann gu Sgoil Ealasaid, Eddlewood, faisg air Hamaltan (tè de na sgoiltean-deuchainn aig Riaghaltas na h-Alba far a bheil Spàinnis ga teagasg) Dihaoine 25 Faoilleach 2013. Thèid barrachd fiosrachaidh mu chuairtean eile fhoillseachadh ri tìde.

 

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Thèid cur-air-bhog an rannsachaidh madainn Dihaoine aig Bun-sgoil Dhail Mheàrnaig (111 Sràid Baltic, Baile na Drochaid, Glaschu, G40 3BA0).

Bheir dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba Andrew Cowan dealbhan seachad air iarrtas cuideachd. Bidh aonad-craolaidh Pàrlamaid na h-Alba an làthair agus faodaidh iad clàradh-bhideo/èisteachd a thoirt seachad ma thèid iarraidh ro làimh.

Tha e san amharc aig Riaghaltas na h-Alba cur air chomas do dhaoine òga uile dà chànan ionnsachadh (cho math ri cànan glùin na màthar aca) fhad is a tha iad anns a’ bhun-sgoil. Tha seo a’ leantainn molaidhean aithisg Buidheann-obrach Chànanan Riaghaltas na h-Alba, ‘Ionnsachadh Chànanan ann an Alba Mhol a’ Bhuidheann-obrach gum bu chòir gun ionnsaicheadh clann dara cànan bho Bhliadhna 1 sa bhun-sgoil agus gum bu chòir tòiseachadh air treas cànan ionnsachadh ann am Bliadhna 5 air a’ char as anmoiche.  

Chaidh deasbad-seòmair aig Riaghaltas na h-Alba a chumail sa Phàrlamaid air 24 Cèitean 2012 nuair a chaidh taic ris a’ bheachd a chlàradh ged a chaidh dragh a chur an cèill mu bhacaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann, ceistean nam measg air goireasan, cion-eòlais agus beachdan cultarail.

Am measg nan ceistean air an dèan rannsachadh na Comataidh sgrùdadh tha, maoineachadh (cleachdadh maoineachadh an AE san àireamh); na tha ann de dh’eòlas is de ghoireasan gus cànanan a theagasg; an comas anns a’ chlàr-oideachaidh gabhail ri barrachd ionnsachadh-chànanan; roghainn nan cànanan rin teagasg; agus an t-àite aig cànan ann an leasachadh eaconamach.

Find out more

  • Foreign language learning in primary schools

Fios conaltraidh

Meadhanan

Fios Comataidh

Public information

Lean air twitter sinn @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.