Pàrlamaid Sherbia gus fàilte a chur air buidheann-riochdachaidh bho Phàrlamaid na h-Alba

15.01.2013

Tadhlaidh triùir Bhall bho Phàrlamaid na h-Alba air Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo gus buithtean-obrach a chumail mu na seirbheisean corporra a gheibh Buill mar thaic riutha san obair aca agus ann a’ bhith a’ conaltradh ris an luchd-taghaidh aca.

Tha an triùir Bhall uile nam buill de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, a’ bhuidheann thar-phàrtaidh de Bhuill ris a bheil e an urra a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh a’ Phàrlamaid an t-seilbh, an luchd-obrach agus na seirbheisean a bhios a dhìth oirre. Nochdaidh Liam MacArtair BPA, Máire Ní Scannláin BPA agus Dàibhidh Stiùbhart BPA ann am Belgrade Diciadain 16 Faoilleach far an cùm iad buidhnean-obrach air na cuspairean a leanas:

An obair aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba

Am Modh-obrachaidh Reachdail ann am Pàrlamaid na h-Alba

An siostam-taghaidh airson Pàrlamaid na h-Alba

Obair Chomataidh Sgrùdadh Poblach agus Chomataidh nan Athchuingean Poblach aig a’ Phàrlamaid

A’ bruidhinn mus do dh’fhalbh iad, thuirt Máire Ní Scannláin BPA a tha na Leas-neach-gairm air Comataidh Sgrùdadh Poblach:

“Tha an t-iarrtas bruidhinn ri Pàrlamaid Sherbia mu na siostaman a tha againn an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba na thogail-inntinn. Ged a tha sinn car òg mar Phàrlamaid, tha sinn air a bhith ag obair le caochladh bhuidhnean-riaghaltais a thug dùbhlain air na modhan-sgrùdaidh aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha togail agam ri bhith a’ bruidhinn air an taic, na siostaman agus na modhan againn gus an tuig Pàrlamaid Sherbia dè air an gabhadh i beachd math dh’fhaodte air na h-adhbharan aice fhèin.

Thuirt Dàibhidh Stiùbhart BPA, Neach-gairm Chomataidh nan Athchuingean Poblach:

“Bidh Taigh an Ròid a’ cur fàilte air còrr is ceithir fichead de bhuidhnean-riochdachaidh eadar-nàiseanta sa bhliadhna agus tha ùidh mhòr aig Pàrlamaidean eile ann a bhith ag ionnsachadh a thaobh mar a bhios sinn a’ dèanamh rudan an seo ann an Alba. Tha mòran ag iarraidh ionnsachadh mu Chomataidh nan Athchuingean Poblach againn, cuspair a bhios mi an-còmhnaidh toilichte bruidhinn mu dheidhinn oir tha mi a’ creidsinn gu daingeann san èifeachdachd na lùib.

Thuirt Liam MacArtair BPA:

“Tha cliù mhòr air Pàrlamaid na h-Alba mar bhuidheann a tha air a bhith tionnsgalach ann an lìbhrigeadh seirbheisean Pàrlamaid a nì sgrùdadh èifeachdach air Riaghaltas agus air a bheil cothrom do mhuinntir na h-Alba.  Mar bhall de Bhuidheann Chorporra na Pàrlamaid, tha togail agam ri bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh na h-Alba mu lìbhrigeadh seirbheisean Pàrlamaid do Phàrlamaid Sherbia.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh an turas a chur air dòigh leis an Westminster Foundation for Democracy (làrach-lìn air an taobh a-muigh), a tha pàigheadh airson siubhal, àiteachan-fuirich agus cosgaisean buidheann nan riochdairean an dèidh dhaibh Alba fhàgail. Còmhla ris na Buill bidh triùir de luchd-obrach aig a bheil eòlas air obair na buidhne corporra agus a bheir taic do na Buill le lìbhrigeadh nam buithtean-obrach.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.